LearnGaelic.scot uses cookies. By continuing to use this site we assume you consent to this. You can read about exactly what cookies we use, and why we set them, on our cookies page. This banner will not appear again, but you may read our cookie policy at any time by following the link at the bottom of all our pages.
Faclair English

617: Fionn, Bran agus an cù glas

B1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann.

00:00
00:00

Audio is playing in pop-over.

Fionn, Bran agus an cù glas

Gàidhlig

Bha Fionn MacCumhail an impis falbh a Lochlann cuide ris a’ Ghille Mhòr. Bha amadan ann. Thug e comhairle do Fhionn.

‘Thoir leibh an t-slabhraidh òir aig Bran,’ thuirt e. ‘Cha bhris sin ur cùmhnant oir cha bhi cù no caraid no ball-airm agaibh.’

Chuir Fionn slabhraidh òir Bhrain na phòcaid. Ràinig e lùchairt Rìgh Lochlainn. Ach chan e fàilte a fhuair e. Bha an Rìgh agus uaislean a’ beachdachadh air an dòigh as fheàrr airson Fionn a mharbhadh. ‘Cuiridh sinn gu bàs e anns an dòigh as miosa,’ thuirt an Rìgh. ‘Bheir sinn dhan Gleann Mhòr e. Ithidh an Cù Glas e.’

Thug iad Fionn don Gleann Mhòr. Chuala iad donnal a’ Choin Ghlais agus dh’fhalbh iad. Bha Fionn leis fhèin. Bha an cù fiadhaich. Bha lasairean a’ tighinn às a chuinneanan.

Chrath Fionn slabhraidh Bhrain. Gu h-obann, sheas am madadh air a bheulaibh mar chù-taighe, a’ crathadh earball. Dh’imlich e Fionn. Chuir Fionn an t-slabhraidh òir timcheall amhaich.

Bha taigh aig bonn a’ ghlinne. Bha cailleach aig an doras mhòr. Ruith i a-steach don taigh. ‘Tha mi air rud iongantach fhaicinn,’ thuirt i ris a’ bhodach. ‘Tha an Cù Glas air taod aig fear eireachdail.’

‘Chan eil ann ach aon duine a dhèanadh sin – Fionn MacCumhail, agus slabhraidh òir Bhrain aige,’ ars am bodach. Chuir e fàilte air Fionn.

Thug an cupall cuireadh do dh’Fhionn fuireach aca airson latha is bliadhna. Aig deireadh na h-ùine sin, bha a’ chailleach a-muigh. Chunnaic i sluagh air tràigh mhòr Lochlainn. Ruith i don taigh. ‘Tha sluagh air an tràigh,’ thuirt i, ‘le fear ruadh aig an ceann.’

‘ʼS e sin an Fhèinn, agus Osgar aig an ceann,’ arsa Fionn. Chaidh e don tràigh. Bha an Cù Glas na chois. Chuir a h-uile duine fàilte air Fionn. Agus chuir Bran agus an Cù Glas fàilte mhòr air a chèile. B’ e an Cù Glas Sgeolan, bràthair Bhrain, a chaidh a thilgeil don mhuir nuair a bha Fionn a’ teicheadh bhon fhamhair. Bha iad nan cuileanan aig an àm. Agus ’s e sin mo sgeul. Mar sin leibh.

Fionn, Bran and the grey dog

Beurla

Fionn MacCumhail was about to leave for Scandinavia along with the Big Lad. There was a fool there. He gave Fionn advice.

‘Take Bran’s golden chain with you,’ he said. ‘That won’t break your contract because you won’t have a dog, a friend or a weapon.’

Fionn put Bran’s golden chain in his pocket. He reached the palace of the King of Scandinavia. But it wasn’t a welcome he received. The King and his nobles were considering the best way to kill Fionn. ‘We’ll put him to death in the worst way,’ said the King. ‘We’ll take him to the Big Glen. The Grey Dog will eat him.’

They took Fionn to the Big Glen. They heard the howling of the Grey Dog and left. Fionn was on his own. The dog was wild. There were flames coming from its nostrils.

Fionn shook Bran’s chain. Suddenly, the wild dog stood in front of him like a domestic dog, wagging its tail. It licked Fionn. Fionn put the golden chain around its neck.

There was a house at the bottom of the glen. There was an old woman at the front door. She ran into the house. ‘I’ve seen an amazing thing,’ she said to the old man. ‘A handsome man has the Grey Dog on a lead.’

‘There’s only one man who’d do that – Fionn MacCumhail with Bran’s golden chain,’ said the old man. He weclomed Fionn.

The couple invited Fionn to stay with them for a year and a day. At the end of that time, the old woman was outside. She saw a host on the great strand of Lochlann (Scandinavia). She ran to the house. ‘There is a host on the strand,’ she said, ‘with a red-haired man at their head.’

‘That’s the Fingalians, with Osgar at their head,’ said Fionn. He went to the strand. He had the Grey Dog with him. Everybody welcomed Fionn. And Bran and the Grey Dog welcomed each other warmly. The Grey Dog was Sgeolan, Bran’s brother, who was thrown into the sea when Fionn was fleeing from the giant. They were puppies at the time. And that’s my story. Cheerio.

Fionn, Bran agus an cù glas

Gàidhlig

Bha Fionn MacCumhail an impis falbh a Lochlann cuide ris a’ Ghille Mhòr. Bha amadan ann. Thug e comhairle do Fhionn.

‘Thoir leibh an t-slabhraidh òir aig Bran,’ thuirt e. ‘Cha bhris sin ur cùmhnant oir cha bhi cù no caraid no ball-airm agaibh.’

Chuir Fionn slabhraidh òir Bhrain na phòcaid. Ràinig e lùchairt Rìgh Lochlainn. Ach chan e fàilte a fhuair e. Bha an Rìgh agus uaislean a’ beachdachadh air an dòigh as fheàrr airson Fionn a mharbhadh. ‘Cuiridh sinn gu bàs e anns an dòigh as miosa,’ thuirt an Rìgh. ‘Bheir sinn dhan Gleann Mhòr e. Ithidh an Cù Glas e.’

Thug iad Fionn don Gleann Mhòr. Chuala iad donnal a’ Choin Ghlais agus dh’fhalbh iad. Bha Fionn leis fhèin. Bha an cù fiadhaich. Bha lasairean a’ tighinn às a chuinneanan.

Chrath Fionn slabhraidh Bhrain. Gu h-obann, sheas am madadh air a bheulaibh mar chù-taighe, a’ crathadh earball. Dh’imlich e Fionn. Chuir Fionn an t-slabhraidh òir timcheall amhaich.

Bha taigh aig bonn a’ ghlinne. Bha cailleach aig an doras mhòr. Ruith i a-steach don taigh. ‘Tha mi air rud iongantach fhaicinn,’ thuirt i ris a’ bhodach. ‘Tha an Cù Glas air taod aig fear eireachdail.’

‘Chan eil ann ach aon duine a dhèanadh sin – Fionn MacCumhail, agus slabhraidh òir Bhrain aige,’ ars am bodach. Chuir e fàilte air Fionn.

Thug an cupall cuireadh do dh’Fhionn fuireach aca airson latha is bliadhna. Aig deireadh na h-ùine sin, bha a’ chailleach a-muigh. Chunnaic i sluagh air tràigh mhòr Lochlainn. Ruith i don taigh. ‘Tha sluagh air an tràigh,’ thuirt i, ‘le fear ruadh aig an ceann.’

‘ʼS e sin an Fhèinn, agus Osgar aig an ceann,’ arsa Fionn. Chaidh e don tràigh. Bha an Cù Glas na chois. Chuir a h-uile duine fàilte air Fionn. Agus chuir Bran agus an Cù Glas fàilte mhòr air a chèile. B’ e an Cù Glas Sgeolan, bràthair Bhrain, a chaidh a thilgeil don mhuir nuair a bha Fionn a’ teicheadh bhon fhamhair. Bha iad nan cuileanan aig an àm. Agus ’s e sin mo sgeul. Mar sin leibh.

PDF

Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 921

Podcast

Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Litrichean eile

Calum agus Màiri (2)

An dàm air Loch na Maighe

Fearchar Lighiche (1)

Dòmhnall Ruadh agus an Claigeann

An Gille Buidhe agus an t-Òr