ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

512: Hugh and the Tobacco 512: Ùisdean ’s an Tombaca (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Ùisdean ’s an Tombaca (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mu Ùisdean à Inbhir Pheofharain. Nuair a bha e òg, dh’fhàs e dèidheil air tombaca.

Nuair a bha e fichead bliadhna a dh’aois, chaochail uncail dha. Fhuair Ùisdean a’ chroit aige. Bha i deich mìle a-mach às a’ bhaile. Bha seo anns an t-seann aimsir. Phòs e tè à Cunndainn. Gheall Ùisdean dha fhèin gum biodh e na dheagh chèile dhi.

Ach cha b’ urrainn dha stad a chur air a chuid smocaidh. Bha miann mhòr aige air ceò an tombaca.

Bha an taigh aige deich mìle bhon aon bhùth a bha a’ reic tombaca. Nuair nach robh gin air fhàgail san taigh, bha Ùisdean ann am fìor dhroch shunnd.

Bha cuilean aig Ùisdean. ’S e cù-coilidh a bh’ ann. Bha Sandaidh air mar ainm. Latha a bha seo, bha Ùisdean ann am fìor dhroch shunnd. Bha e air a dhol seachdain gun smocadh. Chan fhaca a bhean cho greannach e. ‘A bheil fios agad dè tha ceàrr ort, a ghràidh?’ thuirt i. ‘Tha thu feumach air tombaca. Thalla a dh’Inbhir Pheofharain agus ceannaich gu leòr airson mìos.’

‘Am faod mi, a ghràidh?’ fhreagair Ùisdean. Bha e cho sona ris an rìgh.

‘Agus aon rud eile,’ thuirt a bhean. ‘Thoir Sandaidh leat. Bidh a’ chuairt math dha.’

Dh’fhalbh an duine ’s an cù còmhla air an rathad a dh’Inbhir Pheofharain. Ràinig iad bùth an tombaca. Cheannaich Ùisdean gu leòr airson mìos. Thug fear na bùtha briosgaid do Shandaidh.

‘Carson nach ceannaich thu tombaca bhuam a h-uile seachdain?’ thuirt e ri Ùisdean.

‘O, tha mi ro thrang airson tighinn an seo a h-uile seachdain,’ fhreagair Ùisdean. ‘Tha e ro fhada.’

‘Ge-tà,’ thuirt fear na bùtha. ‘Dh’fhaodadh an cù a thighinn air do shon.’

‘An cù?’ ars Ùisdean.

‘Gu dearbh,’ thuirt fear na bùtha. ‘Cuir leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich. Iarr air thighinn don bhùth. Cuiridh mise tombaca luach leth-chrùn san nèapraigear agus thèid e dhachaigh leis.’

‘Mmm. Saoil an obraicheadh sin?’ thuirt Ùisdean. ‘Carson nach fheuch sinn e?

Agus dh’fheuch – an ath thuras a bha tombaca gann san taigh. Agus innsidh mi dhuibh mar a chaidh do Shandaidh an-ath-sheachdain.

Hugh and the Tobacco

English Beurla

I’m going to tell you about Hugh from Dingwall. When he was young, he became keen on tobacco.

When he was twenty years old, an uncle of his died. Hugh got his croft. It was ten miles out of town. This was in the old days. He married a woman from Contin. Hugh promised himself he would be a good husband to her.

But he couldn’t stop his smoking. He had a great craving for tobacco.

His house was ten miles from the one shop that sold tobacco. When there was none left in the house, Hugh was in a bad frame of mind.

Hugh had a puppy. It was a collie. He was called Sandy. One day, Hugh was in a really bad mood. He had gone a week without smoking. His wife never saw [had never seen] him so crabbit. ‘Do you know what’s wrong with you, darling?’ she said. ‘You need tobacco. Go to Dingwall and buy enough for a month.’

‘May I, love?’ replied Hugh. He was as happy as the king.

‘And another thing,’ said his wife. ‘Take Sandy with you. The excursion will be good for him.’

The man and the dog left together on the road to Dingwall. They reached the tobacconist. Hugh bought enough for a month. The shopkeeper gave Sandy a biscuit.

‘Why don’t you buy tobacco from me every week?’ he said to Hugh.

‘Oh, I’m too busy to come here every week,’ replied Hugh. ‘It’s too far.’

‘However,’ said the shopkeeper, ‘the dog could come for you.’

‘The dog?’ said Hugh.

‘Indeed,’ said the shopkeeper. ‘Put a half-crown in a kerchief around his neck. Ask him to come to the shop. I’ll put tobacco to the value of half a crown in the kerchief and he’ll go home with it.’

‘Mmm. I wonder if that would work,’ said Hugh. ‘Why don’t we try it?’

And they did try [it] – the next time tobacco became scarce in the house. And I’ll tell you how Sandy got on next week.

Show English

Ùisdean ’s an Tombaca (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mu Ùisdean à Inbhir Pheofharain. Nuair a bha e òg, dh’fhàs e dèidheil air tombaca.

Nuair a bha e fichead bliadhna a dh’aois, chaochail uncail dha. Fhuair Ùisdean a’ chroit aige. Bha i deich mìle a-mach às a’ bhaile. Bha seo anns an t-seann aimsir. Phòs e tè à Cunndainn. Gheall Ùisdean dha fhèin gum biodh e na dheagh chèile dhi.

Ach cha b’ urrainn dha stad a chur air a chuid smocaidh. Bha miann mhòr aige air ceò an tombaca.

Bha an taigh aige deich mìle bhon aon bhùth a bha a’ reic tombaca. Nuair nach robh gin air fhàgail san taigh, bha Ùisdean ann am fìor dhroch shunnd.

Bha cuilean aig Ùisdean. ’S e cù-coilidh a bh’ ann. Bha Sandaidh air mar ainm. Latha a bha seo, bha Ùisdean ann am fìor dhroch shunnd. Bha e air a dhol seachdain gun smocadh. Chan fhaca a bhean cho greannach e. ‘A bheil fios agad dè tha ceàrr ort, a ghràidh?’ thuirt i. ‘Tha thu feumach air tombaca. Thalla a dh’Inbhir Pheofharain agus ceannaich gu leòr airson mìos.’

‘Am faod mi, a ghràidh?’ fhreagair Ùisdean. Bha e cho sona ris an rìgh.

‘Agus aon rud eile,’ thuirt a bhean. ‘Thoir Sandaidh leat. Bidh a’ chuairt math dha.’

Dh’fhalbh an duine ’s an cù còmhla air an rathad a dh’Inbhir Pheofharain. Ràinig iad bùth an tombaca. Cheannaich Ùisdean gu leòr airson mìos. Thug fear na bùtha briosgaid do Shandaidh.

‘Carson nach ceannaich thu tombaca bhuam a h-uile seachdain?’ thuirt e ri Ùisdean.

‘O, tha mi ro thrang airson tighinn an seo a h-uile seachdain,’ fhreagair Ùisdean. ‘Tha e ro fhada.’

‘Ge-tà,’ thuirt fear na bùtha. ‘Dh’fhaodadh an cù a thighinn air do shon.’

‘An cù?’ ars Ùisdean.

‘Gu dearbh,’ thuirt fear na bùtha. ‘Cuir leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich. Iarr air thighinn don bhùth. Cuiridh mise tombaca luach leth-chrùn san nèapraigear agus thèid e dhachaigh leis.’

‘Mmm. Saoil an obraicheadh sin?’ thuirt Ùisdean. ‘Carson nach fheuch sinn e?

Agus dh’fheuch – an ath thuras a bha tombaca gann san taigh. Agus innsidh mi dhuibh mar a chaidh do Shandaidh an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 816

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile