ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

599: The Goats and the Wolf 599: Na Gobhair agus am Madadh-allaidh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Na Gobhair agus am Madadh-allaidh

Gaelic Gàidhlig

Bha seachd gobhair òga aig gobhar. Latha a bha seo, thuirt am màthair ris an fheadhainn òga, ‘Tha mi a’ falbh don choille. Dèanaibh cinnteach nach toir am madadh-allaidh an car asaibh. Bidh sibh ga aithneachadh air a chasan dubha agus air a ghuth gharbh.’

Thàinig gnogadh air an doras. ‘Fosglaibh an doras, a chloinn,’ thuirt guth. ‘Seo ur màthair.’ Ach thuirt a’ chlann, ‘Chan fhosgail. Cha tu ar màthair. Tha guth garbh agad. Is tu am madadh-allaidh.’

Dh’ith am madadh cailc gheal. Rinn sin a ghuth binn. Thàinig e chun an dorais a-rithist. Ach chunnaic na gobhair òga a chasan. Thuirt iad, ‘Cha tu ar màthair. Tha casan dubh’ agad. Is tu am madadh-allaidh.’

Chuir am madadh min-fhlùir air a chasan. Thill e gu taigh nan gobhar. ‘Fosglaibh, a chloinn,’ thuirt e. Chunnaic an fheadhainn òga casan bàna. Dh’fhosgail iad an doras.

Dh’ith am madadh iad uile, ach a-mhàin an tè a bu lugha. Bha ise am falach. Nuair a thill a màthair, dh’inns i dhi mar a thachair.

Lorg na gobhair am madadh. Bha e na chadal fo chraobh. Bha rudan a’ gluasad na bhroinn. Bha na gobhair òga fhathast beò! Chuir an t-seann ghobhar a’ ghobhar òg dhachaigh airson sgian, snàthad is snàth fhaighinn.

Leis an sgithinn, gheàrr a màthair brù a’ mhadaidh. Thàinig a h-uile gin dhen fheadhainn bheaga a-mach beò. Dh’iarr am màthair orra clachan fhaighinn. Chuir i na clachan am broinn a’ mhadaidh. Dh’fhuaigheil i am fosgladh dùinte a-rithist. Bha i cho sgiobalta ʼs nach d’ fhairich am madadh-allaidh càil.

Dhùisg am madadh. Bha am pathadh air. Chaidh e gu fuaran. Ach thug tromadas nan clach air tuiteam don uisge. Chaidh a bhàthadh.

ʼS e sgeul Gearmailteach a tha sin ach nochd e ann an Gàidhlig anns an iris Mac-Talla ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1894). Thàinig e gu m’ aire oir bha e o chionn ghoirid anns ‘An Rubha’. ʼS e sin an iris aig Baile nan Gàidheal ann an Ceap Breatainn. Mo bheannachd air an fheadhainn a tha a’ taisbeanadh dualchas nan Gàidheal anns an àite bhrèagha sin.

The Goats and the Wolf

English Beurla

A goat had seven kids. One day, their mother said to the young ones, ‘I’m off to the forest. Make sure that the wolf doesn’t trick you. You will recognise it from its black feet and its rough voice.’

A knocking came to the door. ‘Open the door, children,’ a voice said. ‘Here is your mother.’ But the children said, ‘No we won’t. You’re not our mother. You have a rough voice. You’re the wolf.’

The wolf ate white chalk. That softened its voice. It came to the door again. But the young goats saw its feet. They said, ‘You’re not our mother. You have black feet. You’re the wolf.’

The wolf put flour on its feet. It returned to the goats’ house. ‘Open up, children,’ he said. The young ones saw pale feet. They opened the door.

The wolf ate them all, except for the smallest one. It was hiding. When its mother returned, it told her what had happened.

The goats found the wolf. It was asleep under a tree. Things were moving inside it. The young goats were still alive! The old goat sent the young goat home to get a knife, needle and thread.

With the knife, her mother cut open the wolf’s belly. Every one of the wee ones came out alive. Their mother asked them to get stones. She put the stones inside the wolf. She sewed the opening closed again. She was so quick that the wolf felt nothing.

The wolf wakened. He was thirsty. He went to a well. But the weight of the stones caused him to fall into the water. He was drowned.

That’s a German story but it appeared in Gaelic in the periodical Mac-Talla in 1894. It came to my attention recently in ‘An Rubha’. That’s the magazine of Baile nan Gàidheal on Cape Breton Island. My good wishes to those who display the heritage of the Gaels in that beautiful place.

Show English

Na Gobhair agus am Madadh-allaidh

Gaelic Gàidhlig

Bha seachd gobhair òga aig gobhar. Latha a bha seo, thuirt am màthair ris an fheadhainn òga, ‘Tha mi a’ falbh don choille. Dèanaibh cinnteach nach toir am madadh-allaidh an car asaibh. Bidh sibh ga aithneachadh air a chasan dubha agus air a ghuth gharbh.’

Thàinig gnogadh air an doras. ‘Fosglaibh an doras, a chloinn,’ thuirt guth. ‘Seo ur màthair.’ Ach thuirt a’ chlann, ‘Chan fhosgail. Cha tu ar màthair. Tha guth garbh agad. Is tu am madadh-allaidh.’

Dh’ith am madadh cailc gheal. Rinn sin a ghuth binn. Thàinig e chun an dorais a-rithist. Ach chunnaic na gobhair òga a chasan. Thuirt iad, ‘Cha tu ar màthair. Tha casan dubh’ agad. Is tu am madadh-allaidh.’

Chuir am madadh min-fhlùir air a chasan. Thill e gu taigh nan gobhar. ‘Fosglaibh, a chloinn,’ thuirt e. Chunnaic an fheadhainn òga casan bàna. Dh’fhosgail iad an doras.

Dh’ith am madadh iad uile, ach a-mhàin an tè a bu lugha. Bha ise am falach. Nuair a thill a màthair, dh’inns i dhi mar a thachair.

Lorg na gobhair am madadh. Bha e na chadal fo chraobh. Bha rudan a’ gluasad na bhroinn. Bha na gobhair òga fhathast beò! Chuir an t-seann ghobhar a’ ghobhar òg dhachaigh airson sgian, snàthad is snàth fhaighinn.

Leis an sgithinn, gheàrr a màthair brù a’ mhadaidh. Thàinig a h-uile gin dhen fheadhainn bheaga a-mach beò. Dh’iarr am màthair orra clachan fhaighinn. Chuir i na clachan am broinn a’ mhadaidh. Dh’fhuaigheil i am fosgladh dùinte a-rithist. Bha i cho sgiobalta ʼs nach d’ fhairich am madadh-allaidh càil.

Dhùisg am madadh. Bha am pathadh air. Chaidh e gu fuaran. Ach thug tromadas nan clach air tuiteam don uisge. Chaidh a bhàthadh.

ʼS e sgeul Gearmailteach a tha sin ach nochd e ann an Gàidhlig anns an iris Mac-Talla ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1894). Thàinig e gu m’ aire oir bha e o chionn ghoirid anns ‘An Rubha’. ʼS e sin an iris aig Baile nan Gàidheal ann an Ceap Breatainn. Mo bheannachd air an fheadhainn a tha a’ taisbeanadh dualchas nan Gàidheal anns an àite bhrèagha sin.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 903

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile