ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

111: Diarmaid and Gràinne 111: Diarmaid agus Gràinne

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Diarmaid agus Gràinne

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh “Diarmaid agus Gràinne”. Mharbh Diarmaid an torc nimhe air Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh. Ach bha fios aig Fionn gun robh aon laigse aig Diarmaid. Bha ball-dòbhrain aige air bonn a choise. Bha comas aig calg aig torc Diarmaid a mharbhadh – le bhith a’ briseadh a’ bhuill-dhòbhrain.

Dh’iarr Fionn air Diarmaid tilleadh gu closach an tuirc.

“ A Dhiarmaid,” thuirt e, “tomhais an torc. Cia mheud troigh?”

Thomhais Diarmaid an torc le a chasan, agus iad rùisgte. Bha sin leis an fhionnadh. Tha sin a’ ciallachadh with the lie of the hair or bristles. Leis an fhionnadh.

“Tha e sia troighean deug,” thuirt Diarmaid. Bha e gu math mòr!

“Tomhais an torc a-rithist,” thuirt Fionn. “An turas seo an aghaidh an fhionnaidh.” Tha sin a’ ciallachadh against the lie of the bristles. An aghaidh an fhionnaidh.

Rinn Diarmaid sin ach, an turas seo, bhris bior cuilg am ball-dòbhrain air bonn a choise. Thuit Diarmaid. Chaochail e.

Thill Fionn is a chompanaich don allt far an robh Diarmaid a’ fuireach. Choisich iad suas ri taobh an uillt. Ràinig iad an taigh. Bha Gràinne ann. Chaidh na fir a-steach. Chunnaic iad gun robh dà leabaidh ann. Thuig iad gun robh leapannan air leth aig Diarmaid is Gràinne. Thuig iad gun robh Diarmaid neo-chiontach. Bha iad anabarrach duilich mu a bhàs.

Tha cuid ag ràdh gun do ghabh Gràinne làmh na beatha fhèin. Tha cuid eile ag ràdh gun robh Fionn is a chompanaich feargach le Gràinne. Thog iad teine agus chuir iad Gràinne ann.

Faisg air Beinn Ghulbain tha àite ann air a bheil The Tomb. A rèir beul-aithris, ’s e seo làrach na h-uaghach aig Diarmaid. Chaidh ceithir tursachan a chur suas ann. Ma thèid thu gu ceann an ear nan tursachan, is ma choimheadas tu sìos an loidhne a tha iad a’ dèanamh, tha iad a’ comharrachadh an àite air Beinn Ghulbain far an do mharbh Diarmaid an torc nimhe.

Faclan is abairtean: Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh: I’m going to finish the story; mharbh Diarmaid an torc nimhe air Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh:Diarmaid killed the wild boar on Ben Gulabin in Glenshee; aon laigse: one weakness; bha ball-dòbhrain aige air bonn a choise:he had a mole on the sole of his foot; bha comas aig calg aig torc Diarmaid a mharbhadh: a boar’s bristle had the ability to kill Diarmaid; closach an tuirc: the boar’s carcase; tomhais an torc: measure the boar; cia mheud troigh?: how many feet?; le a chasan, agus iad rùisgte: with his feet, which were bare; sia troighean deug: sixteen feet; bhris bior cuilg am ball-dòbhrain: a bristle point broke the mole; chaochail e: he died; don allt far an robh Diarmaid a’ fuireach:to the burn where Diarmaid [had been] living; ri taobh an uillt: beside the burn; gun robh dà leabaidh ann:that there were two beds there; leapannan air leth: separate beds; thuig iad gun robh Diarmaid neo-chiontach: they understood that Diarmaid was innocent; bha iad anabarrach duilich mu a bhàs: they were extremely sorry about his death; gun do ghabh Gràinne làmh na beatha fhèin: that Gràinne committed suicide; feargach: angry; thog iad teine: they built a fire; aig bonn an tuim, air na mapaichean chun an latha an-diugh: at the base of the hill, on the maps to this day; làrach na h-uaghach:the site of the grave; chaidh ceithir tursachan a chur suas: four standing stones were erected; ma thèid thu gu ceann an ear: if you go to the eastern end; ma choimheadas tu sìos an loidhne: if you look down [along] the line; tha iad a’ comharrachadh an àite far an do mharbh Diarmaid an torc: they point to the place where Diarmaid killed the boar.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 415

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile