ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

354: Dugald Buchanan - Part 5 354: Dùghall Bochanan - Pàirt 5

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Dùghall Bochanan - Pàirt 5

Gaelic Gàidhlig

Ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1768), fhuair Dùghall Bochanan droch naidheachd. Bha e fhathast ann an Dùn Èideann. Ach bha fiabhras air an teaghlach aige ann an Ceann Loch Raineach. Chaidh Dùghall dhachaigh. Ach ghabh e fhèin am fiabhras. Chaochail e. Bha e dìreach caogad ’s a dhà bliadhna a dh’aois.

Bha muinntir Raineach ag iarraidh a thiodhlacadh anns an sgìre acasan. Bha gràdh aca air. Ach thàinig muinntir Bhoth Chuidir. Bha iadsan ag iarraidh a dhust a thoirt don sgìre aca fhèin. Chaidh Dùghall a thiodhlacadh ann an cladh faisg air Calasraid.

Ann an naoi ceud deug, naochad ’ s a còig (1995) chaidh cuimhneachan a chur an àirde dha aig a’ chladh sin. Chaidh carragh-cuimhne a chur suas dha air an Iomaire Riabhach cuideachd. Tha sin faisg air far an do rugadh e. Agus chaidh carragh-cuimhne a chur an àirde dha ann an Ceann Loch Raineach.

Tha mi ag iarraidh na Litrichean seo air Dùghall Bochanan a chrìochnachadh le bhith a’ toirt sùil bheag air dà laoidh spioradail aige. Bha na laoidhean aige a-mach air uile-chumhachd Dhè. An toiseach, seo a’ chiad agus an treas rann bhon laoidh aige Mòrachd Dhè, air an leantainn leis an rann mu dheireadh:

O! Ciod e Dia, no ciod e ainm?

Cha tuig na h-aingle’ ’s àrd ’an glòir;

Tha e ’n solas deàlrach falaicht’ uath,

Far nach ruig sùil no smuain ’na chòir.

Cha robh e òg, is sean cha bhi;

O shìor’ gu sìor’ gun chaochladh staid;

Cha tomhais grian no gealach aois

Oir ’s nithe’ caochlach iad air fad.

Oir ni bheil dadam cosmhail riut

Am measg na chruthaich thu gu lèir,

’S am measg nan daoine ni bheil cainnt

A labhras d’ ainm ach d’ fhacal fhèin.

Agus, airson crìoch a chur air cùisean, seo a’ chiad rann bhon laoidh aige Fulangas Chrìosd:

’S e fulangas mo Shlànaigheir

A bhios mo dhàn a’ luaidh,

Mòr-irioslachd an àrd-Rìgh sin

Na bhreith ’s na bhàs ro chruaidh,

’S e ’n t-iongantas bu mhìorbhailich

Chaidh innse riamh do shluagh;

An Dia bha ann o shìorraidheachd

Bhith fàs ’na chìochran truagh.

Dugald Buchanan - Part 5

English Beurla

In 1768, Dugald Buchanan got bad news. He was still in Edinburgh. But his family in Kinloch Rannoch were suffering from fever. He went home. But he contracted the fever himself. He died. He was just 52 years old.

The people of Rannoch were wanting to bury him in their parish. They loved him. But the folk of Balquhidder came. They wanted to take his remains back to their own parish. Dugald was buried in a cemetery near Callander.

In 1995 a memorial was erected to him in that cemetery. A memorial was erected to him in Strathyre as well. That’s close to where he was born. And a memorial was erected to him in Kinloch Rannoch.

I want to end these Litrichean about Dugald Buchanan by taking a brief look at two of his spiritual songs. His songs dealt with the omnipotence of God. To begin with, here are the first and third verses from his song The Majesty of God, followed by the final verse.

O! What is God, or what is his name?

The angels high in their glory don’t understand;

He is in a bright light hidden from them,

Where no sight or sound goes near.

He wasn’t young, he’ll never be old;

Forever unchanging;

The sun or moon won’t measure him

Because they are all changeable things.

Because there is nothing like you

Among all your creation,

And among the people there is no speech

That speaks your name except your own word.

And, to bring matters to a conclusion, here is the first verse from his song, The Suffering of Christ:

It’s the suffering of my Saviour

That my song tells of,

The great humility of that high king

In his birth and his terrible death,

The most amazing thing

That was ever told to people;

The eternal God

Becoming a child at the breast.

Show English

Dùghall Bochanan - Pàirt 5

Gaelic Gàidhlig

Ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1768), fhuair Dùghall Bochanan droch naidheachd. Bha e fhathast ann an Dùn Èideann. Ach bha fiabhras air an teaghlach aige ann an Ceann Loch Raineach. Chaidh Dùghall dhachaigh. Ach ghabh e fhèin am fiabhras. Chaochail e. Bha e dìreach caogad ’s a dhà bliadhna a dh’aois.

Bha muinntir Raineach ag iarraidh a thiodhlacadh anns an sgìre acasan. Bha gràdh aca air. Ach thàinig muinntir Bhoth Chuidir. Bha iadsan ag iarraidh a dhust a thoirt don sgìre aca fhèin. Chaidh Dùghall a thiodhlacadh ann an cladh faisg air Calasraid.

Ann an naoi ceud deug, naochad ’ s a còig (1995) chaidh cuimhneachan a chur an àirde dha aig a’ chladh sin. Chaidh carragh-cuimhne a chur suas dha air an Iomaire Riabhach cuideachd. Tha sin faisg air far an do rugadh e. Agus chaidh carragh-cuimhne a chur an àirde dha ann an Ceann Loch Raineach.

Tha mi ag iarraidh na Litrichean seo air Dùghall Bochanan a chrìochnachadh le bhith a’ toirt sùil bheag air dà laoidh spioradail aige. Bha na laoidhean aige a-mach air uile-chumhachd Dhè. An toiseach, seo a’ chiad agus an treas rann bhon laoidh aige Mòrachd Dhè, air an leantainn leis an rann mu dheireadh:

O! Ciod e Dia, no ciod e ainm?

Cha tuig na h-aingle’ ’s àrd ’an glòir;

Tha e ’n solas deàlrach falaicht’ uath,

Far nach ruig sùil no smuain ’na chòir.

Cha robh e òg, is sean cha bhi;

O shìor’ gu sìor’ gun chaochladh staid;

Cha tomhais grian no gealach aois

Oir ’s nithe’ caochlach iad air fad.

Oir ni bheil dadam cosmhail riut

Am measg na chruthaich thu gu lèir,

’S am measg nan daoine ni bheil cainnt

A labhras d’ ainm ach d’ fhacal fhèin.

Agus, airson crìoch a chur air cùisean, seo a’ chiad rann bhon laoidh aige Fulangas Chrìosd:

’S e fulangas mo Shlànaigheir

A bhios mo dhàn a’ luaidh,

Mòr-irioslachd an àrd-Rìgh sin

Na bhreith ’s na bhàs ro chruaidh,

’S e ’n t-iongantas bu mhìorbhailich

Chaidh innse riamh do shluagh;

An Dia bha ann o shìorraidheachd

Bhith fàs ’na chìochran truagh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 658

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile