ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

88: Culbin Sands 88: Bàr Inbhir Èireann

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Bàr Inbhir Èireann

Gaelic Gàidhlig

Rinn tuiltean sgrios ann am Moireibh ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829). Bha mi ag innse sin dhuibh an t-seachdain sa chaidh. Ach o chionn fhada, rinn gainmheach sgrios ann am Moireibh cuideachd. Seadh – gainmheach.

Thachair e faisg air a’ chladach ann an Culbin Sands. Ann an Gàidhlig ’s e sin Bàr Inbhir Èireann. Tha sin a’ ciallachadh the sand bar of Findhorn. Bàr Inbhir Èireann.

Tha baile Inbhir Èireann – no Findhorn village – air taobh thall na h-aibhne bho Bhàr Inbhir Èireann. Chan eil duine a’ fuireach air a’ Bhàr an-diugh. ’S e coille a th’ ann. Chaidh a’ choille a chur. B’ e sin an aon dòigh airson stad a chur air a’ ghainmhich.

Bha Bàr Inbhir Èireann uaireigin ainmeil airson a bhith torrach. Bha ùir domhainn ann. Bha taigh mòr ann. Bha leas brèagha timcheall an taigh mhòir. Bha ubhalghort ann cuideachd. Bha crodh is caoraich ann. Bha tuathanasan ann. Bhathar a’ fàs eòrna is coirce.

An uair sin thàinig am foghar sia ceud deug, naochad ’s a ceithir (1694). Thàinig stoirm. Thàinig gainmheach – gainmheach mhòr mhòr. Thàinig i gu h-obann is gun rabhadh. Bha duine a’ treabhadh. Theich e. Dh’fhàg e an crann. Chaidh an crann a chòmhdachadh leis a’ ghainmhich.

Chòmhdaich a’ ghainmheach a h-uile nì. Chòmhdaich i leas an taigh mhòir. Chòmhdaich i an t-ubhalghort. Dh’fhàs an stoirm na bu mhiosa air an dàrna latha. Theich na daoine.

Dhùin a’ ghainmheach beul na h-aibhne. Bhris an abhainn tron ghainmhich. Agus rinn i sgrios air seann bhaile Inbhir Èireann.

Thill muinntir Bhàr Inbhir Èireann do na bailtean aca. Ach cha robh sgeul air an dachannan. Bha a h-uile rud fon ghainmhich. Agus tha fhathast.

Mu cheud bliadhna às dèidh na stoirme, nochd an taigh mòr. Bha e a’ stobadh os cionn na gainmhich. Chaidh fear air mullach an taighe. Chaidh e gu mullach an t-simileir. Dh’èigh e sìos an similear. Chuala e guth. Bha an guth ag èigheachd suas an similear! Dè bh’ ann? Mac-talla? No taibhs de dhuine a chaidh a chall ann an stoirm mhòr na gainmhich?

Faclan is abairtean: Rinn tuiltean sgrios ann am Moireibh: floods caused damage in Moray; bha mi ag innse sin dhuibh: I was telling you that; o chionn fhada:a long time ago; gainmheach: sand; air taobh thall na h-aibhne: on the far [other] sìde of the river; chaidh a’ choille a chur: the forest was planted; b’ e sin an aon dòigh airson stad a chur air a’ ghainmhich: that was the only way to stop the sand; bha X uaireigin ainmeil airson a bhith torrach: X was at one time famous for being fertile; ùir domhainn: deep soil; bha leas brèagha timcheall an taigh mhòir: there was a beautiful garden around the estate [big] house; ubhalghort: orchard; crodh is caoraich:cattle and sheep; tuathanasan: farms; bhathar a’ fàs eòrna is coirce: barley and oats were grown; thàinig am foghar: autumn came; thàinig i gu h-obann is gun rabhadh: it came suddenly and without warning; bha duine a’ treabhadh: a man was ploughing; dh’fhàg e an crann: he left the plough; theich e: he fled; chaidh an crann a chòmhdachadh leis a’ ghainmhich: the plough was covered with the sand; chòmhdaich a’ ghainmheach a h-uile nì: the sand covered everything; chuir i stad air daoine bho bhith a’ faighinn a-mach às na dorsan aca: it stopped people getting out of their doors; dh’fhàs an stoirm na bu mhiosa air an dàrna latha: the storm got worse on the second day; dhùin a’ ghainmheach beul na h-aibhne: the sand closed the mouth of the river; bhris an abhainn tron ghainmhich: the river broke through the sand; rinn i sgrios air seann bhaile Inbhir Èireann: it destroyed the old village of Findhorn: cha robh sgeul air an dachannan: there was no sign of their homes; mu cheud bliadhna às dèidh na stoirme: about 100 years after the storm; bha e a’ stobadh os cionn na gainmhich: it was sticking up above the sand; cha robh e ann fada: it wasn’t there long; chaidh e gu mullach an t-simileir: he went to the top of the chimney; dh’èigh e sìos: he called down; bha an guth ag èigheachd suas an similear: the voice was calling up the chimney; mac-talla: echo; taibhs de dhuine a chaidh a chall: the ghost of a man who was lost.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 392

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile