menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

Sir William MacKinnon (Litir Bheag 183) An Ridire Uilleam MacFhionghain (Litir Bheag 183)

Sir William MacKinnon An Ridire Uilleam MacFhionghain

Sir William MacKinnon was rich and famous. He was involved in trade in India and in Africa. He belonged to Campbeltown. He gave a lot of money away. Much of his money went to a trust. The trust was aiming to give young men from the Highlands an education.

The trust bought a place called Keil. That’s in the Southend of Kintyre. There was a large building there. And there was also a lot of land. The trustees wanted to establish a small school. The lads were going to get instruction in Agriculture and Engineering.

In 1915 the Kintyre Technical School opened. It wasn’t called Sgoil na Cille or Keil School to begin with. There were eighteen lads as students. They were from Kintyre, Jura, Islay, Arran and Gigha. The first headmaster was one James Mason. He was the head between 1915 and 1950.

Religion had a large role in the school. Every boy had an opportunity to do an exam for getting to [the] university. The boys were pretty much disciplining themselves. They did all the domestic duties. Well, almost all. They didn’t do the cooking.

They did gardening, however. They were planting and harvesting potatoes, oats and vegetables. And there was plenty of sport on the timetable. They were playing football, cricket and athletics. And in summer they were swimming in the sea.

The school grew. In the twenties, there were fifty boys in it. But a big change came upon the school. There was a large accident. It happened in December 1924. The building caught fire. It was destroyed. The Kintyre Technical School left Keil. But it’s then, as we’ll see in the next Litir, that it got the name Keil School.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

An Ridire Uilleam MacFhionghain (Litir Bheag 183)

Sir William MacKinnon

Bha Sir Uilleam MacFhionghain beartach agus ainmeil. Rinn e malairt anns na h-Innseachan agus ann an Afraga. Bhuineadh e do Cheann Loch Chille Chiarain. Thug e tòrr airgid seachad. Chaidh mòran dhen airgead aige gu urras. Bha an t-urras ag amas air foghlam a thoirt do dh’fhir òga às a’ Ghàidhealtachd.

Cheannaich an t-urras àite air a bheil A’ Chill. Tha sin anns a’ Cheann mu Dheas de Chinn Tìre. Bha togalach mòr ann. Bha, agus fearann mòr. Bha na h-urrasairean ag iarraidh sgoil bheag a stèidheachadh. Bha na gillean a’ dol a dh’fhaighinn oideachadh ann an Àiteachas agus Einnseanaireachd.

Ann an naoi ceud deug is còig-deug (1915), dh’fhosgail an Kintyre Technical School. Chan e Sgoil na Cille no Keil School an t-ainm a bha oirre aig an toiseach. Bha ochd balaich dheug ann mar sgoilearan. Bha iad à Cinn Tìre, Diùra, Ìle, Arainn agus Giogha. B’ e a’ chiad mhaighstir-sgoile aca fear Seumas Mason. Bha e na cheannard eadar naoi ceud deug is còig-deug (1915) agus naoi ceud deug is caogad (1950).

Bha àite mòr aig creideamh san sgoil. Bha cothrom aig a h-uile gille deuchainn a dhèanamh airson faighinn don oilthigh. Bha na gillean an ìre mhath gan smachdachadh fhèin. Rinn iad fhèin an obair-taighe air fad. Uill, cha mhòr air fad. Cha do rinn iad a’ chòcaireachd.

Rinn iad gàirnealaireachd, ge-tà. Bha iad a’ cur is a’ buain bhuntàta, coirce is glasraich. Agus bha spòrs gu leòr air a’ chlàr-ama. Bha iad a’ cluich ball-coise, criogaid agus lùth-chleasachd. Agus as t-samhradh bha iad a’ snàmh anns a’ mhuir.

Dh’fhàs an sgoil. Anns na ficheadan, bha leth-cheud sgoilear innte. Ach thàinig atharrachadh mòr air an sgoil. Bha tubaist mhòr ann. Thachair e anns an Dùbhlachd naoi ceud deug, fichead ’s a ceithir (1924). Chaidh an togalach na smàl. Bha e air a sgrios. Dh’fhàg an Kintyre Technical School A’ Chill. Ach ’s ann an uair sin, mar a chì sinn anns an ath Litir, a ghabh i an t-ainm Keil School.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 487

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word