ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

511: Ronald and Colin 511: Raghnall agus Cailean

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Raghnall agus Cailean

Gaelic Gàidhlig

Tha Raghnall agus Cailean nan seann charaidean. Bidh iad a’ feuchainn ri làmh-an-uachdair fhaighinn air a chèile. Leig iad an dreuchdan dhiubh. Tha cus ùine aca airson a bhith a’ beachdachadh air gnothaichean – mòr agus suarach. Latha a bha seo, bha iad nan suidhe còmhla air being.

‘Abair an sealladh a fhuair mi an latha eile,’ thuirt Raghnall.

‘An robh thu ann an àite brèagha?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Dh’fhaodadh tu sin a ràdh, ’s dòcha. Chan eil mi cinnteach,’ arsa Raghnall.

‘Cà’ robh thu?’ thuirt Cailean.

‘Bha mi a’ coiseachd seachad air pàirc nan lomnochdaichean,’ thuirt Raghnall.

‘Pàirc nan lomnochdaichean?’ arsa Cailean. ‘Dè tha sin?’

‘Àite far am bi daoine a’ coiseachd timcheall gun aodach orra.’

‘O … an e lomnochdaiche a’ Ghàidhlig air nudist? B’ eòlach do sheanair air sin!’

‘Tha fhios agam,’ thuirt Raghnall. ‘Chan eil cus dhiubh ann an Alba!’

‘Tha i ro fhuar!’ arsa Cailean.

‘Uill, bidh iad fo chabair ann an togalach blàth. Ach a-mhàin air làithean samhraidh,’ thuirt Raghnall. ‘Co-dhiù, ’s e latha samhraidh a bha ann. Chuir mi mo cheann thairis air an fheansa. Bhruidhinn mi ri bodach is cailleach.’

‘An robh iad lomnochd?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Bha, gu dearbh,’ dh’aontaich Raghnall. ‘Dìreach mar a bha iad an latha a rugadh iad.’

‘Eh?’ thuirt Cailean.

‘Uill, chan ann buileach mar a bha iad nuair a rugadh iad,’ dh’aidich Raghnall le gàire.

‘Agus bhruidhinn thu riutha... Dè thuirt thu?’

‘ “Smaoinichibh orm,” thuirt mi riutha, “mar bheathach. Tha mi air machraichean mòra Afraga. Tha sibhse nur beathaichean cuideachd. Tha sibh coltach rium, ach eadar-dhealaichte. ’S e asal-stiallach a tha annam. ’S e asail a tha annaibh. Agus a bheil fhios agaibh dè tha mi airson a ràdh ribh?” ’

‘Gabh mo leisgeul,’ thuirt Cailean. ‘Dè tha ann an asal-stiallach?’

‘Seabra,’ thuirt Raghnall. ‘Coltach ri asal le stiallan air.’

‘O, ceart gu leòr. Tha sin a’ dèanamh ciall. An do fhreagair iad thu?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Cha do fhreagair,’ thuirt Raghnall. ‘Cha d’ fhuair iad teansa. Oir thug mi freagairt dhaibh.’

‘Agus?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Thuirt mi – “tha sibh coltach rium sa h-uile dòigh, ach nach eil stiall oirbh!” ’

Ronald and Colin

English Beurla

Ronnie and Colin are old friends. Each tries to get one over the other. They are retired. They have too much time for thinking about things – great and trifling. One day, they were sitting together on a bench.

‘What a view I got the other day,’ said Ronnie.

‘Were you in a beautiful place?’ asked Colin.

‘You could say that, perhaps. I’m not sure,’ said Ronnie.

‘Where were you?’ said Colin.

‘I was walking past the park of lomnochdaichean,’ said Ronnie.

‘The park of lomnochd-aichean?’ said Colin. ‘What’s that?’

A place where people walk around without clothes on them.’

‘Oh ... is lomnochdaiche the Gaelic for nudist? I’ve never heard the like!’

‘I know,’ said Ronnie. ‘There’s not too many of them in Scotland!’

‘It’s too cold!’ said Colin.

‘Well, they’re indoors in a warm building. Except on summer days,’ said Ronnie. ‘Anyway, it was a summer’s day. I stuck my head over the fence. I spoke to an old man and an old woman.’

‘Were they naked?’ asked Colin.

‘Indeed they were,’ agreed Ronnie. ‘Just as they were the day they were born.’

‘Eh?’ said Colin.

‘Well, not exactly as they were when they were born,’ admitted Ronnie with a smile.

‘And you spoke to them... What did you say?’

‘ “Think of me,” I said to them, “as an animal. I’m on the great plains of Africa. You are also animals. You are like me, but different. I’m a ‘striped ass’. You are asses. And do you know what I want to say to you?” ’

‘Excuse me,’ said Colin. ‘What is a ‘striped ass’?’

‘A zebra,’ said Ronnie. ‘Like an ass with stripes on it.’

‘Oh, alright. That makes sense. Did they reply to you?’ asked Colin.

‘No,’ said Ronnie. ‘They didn’t get a chance. Because I gave them an answer.’

‘And?’ asked Colin.

‘I said – “you’re like me in every way, except that you don’t have a stripe [a stitch of clothing] on you!’

Show English

Raghnall agus Cailean

Gaelic Gàidhlig

Tha Raghnall agus Cailean nan seann charaidean. Bidh iad a’ feuchainn ri làmh-an-uachdair fhaighinn air a chèile. Leig iad an dreuchdan dhiubh. Tha cus ùine aca airson a bhith a’ beachdachadh air gnothaichean – mòr agus suarach. Latha a bha seo, bha iad nan suidhe còmhla air being.

‘Abair an sealladh a fhuair mi an latha eile,’ thuirt Raghnall.

‘An robh thu ann an àite brèagha?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Dh’fhaodadh tu sin a ràdh, ’s dòcha. Chan eil mi cinnteach,’ arsa Raghnall.

‘Cà’ robh thu?’ thuirt Cailean.

‘Bha mi a’ coiseachd seachad air pàirc nan lomnochdaichean,’ thuirt Raghnall.

‘Pàirc nan lomnochdaichean?’ arsa Cailean. ‘Dè tha sin?’

‘Àite far am bi daoine a’ coiseachd timcheall gun aodach orra.’

‘O … an e lomnochdaiche a’ Ghàidhlig air nudist? B’ eòlach do sheanair air sin!’

‘Tha fhios agam,’ thuirt Raghnall. ‘Chan eil cus dhiubh ann an Alba!’

‘Tha i ro fhuar!’ arsa Cailean.

‘Uill, bidh iad fo chabair ann an togalach blàth. Ach a-mhàin air làithean samhraidh,’ thuirt Raghnall. ‘Co-dhiù, ’s e latha samhraidh a bha ann. Chuir mi mo cheann thairis air an fheansa. Bhruidhinn mi ri bodach is cailleach.’

‘An robh iad lomnochd?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Bha, gu dearbh,’ dh’aontaich Raghnall. ‘Dìreach mar a bha iad an latha a rugadh iad.’

‘Eh?’ thuirt Cailean.

‘Uill, chan ann buileach mar a bha iad nuair a rugadh iad,’ dh’aidich Raghnall le gàire.

‘Agus bhruidhinn thu riutha... Dè thuirt thu?’

‘ “Smaoinichibh orm,” thuirt mi riutha, “mar bheathach. Tha mi air machraichean mòra Afraga. Tha sibhse nur beathaichean cuideachd. Tha sibh coltach rium, ach eadar-dhealaichte. ’S e asal-stiallach a tha annam. ’S e asail a tha annaibh. Agus a bheil fhios agaibh dè tha mi airson a ràdh ribh?” ’

‘Gabh mo leisgeul,’ thuirt Cailean. ‘Dè tha ann an asal-stiallach?’

‘Seabra,’ thuirt Raghnall. ‘Coltach ri asal le stiallan air.’

‘O, ceart gu leòr. Tha sin a’ dèanamh ciall. An do fhreagair iad thu?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Cha do fhreagair,’ thuirt Raghnall. ‘Cha d’ fhuair iad teansa. Oir thug mi freagairt dhaibh.’

‘Agus?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Thuirt mi – “tha sibh coltach rium sa h-uile dòigh, ach nach eil stiall oirbh!” ’

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 815

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile