ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

278: Procurator Fiscal in Stornoway 278: Fear-casaid a’ Chrùin

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Fear-casaid a’ Chrùin

Gaelic Gàidhlig

Anns an naoidheamh linn deug, bha Fear-casaid a’ Chrùin ann an Steòrnabhagh air an robh Tòmas Druimeanach. Dh’fheuch e ri ainm a’ bhaile atharrachadh. Cha robh e toilichte le Stornoway. Bha e ag ràdh gun robh cuid ag ràdh Stormaway. Cha robh sin tarraingeach – no fìrinneach!

Ach dè an t-ainm a bha e ag iarraidh? Uill – Port Royal. Seadh, Port Royal. Carson? Uill, ann an cuimhne an Rìgh – Uilleam IV. Chaidh esan a Steòrnabhagh ann an seachd ceud deug naochad ’s a trì (1793). Bha sin fada mus robh e na Rìgh. Bha an Druimeanach dhen bheachd, ge-tà, gum biodh an sluagh toilichte a bhith a’ fuireach ann am “Port Royal”.

Sgrìobh e litir don uachdaran Seumas Stiùbhart-MacCoinnich. Bha esan cuideachd na bhall-pàrlamaid, Sgrìobh e: “..it is you ... that has best right to claim the change from His Majesty though I hope you will do me the justice in intimating to His Majesty ... that it was I, humble individual, that suggested it as a mark of my respect to his Majesty ...” Seadh. Cha chan mi dad. Ach – nach robh an Druimeanach soirbheachail.

’S dòcha gun robh farmad aige air an Eilean Sgitheanach. Tha baile “Rìoghail” acasan. Uill, tha Port Rìgh aca. Thadhail an Rìgh Seumas V air a’ bhaile ann an còig ceud deug is dà fhichead (1540). Ge-tà, an e sin a bha an t-ainm a’ ciallachadh? Tha cuid ag ràdh gur e Port Ruigheadh a bha ann bho shean. Tha sin a’ ciallachadh “slope harbour” seach “king’s harbour”. Ach chan eil sin cho romansach ri Port Rìgh!

Chan e a-mhàin ainm Steòrnabhaigh a bha a’ cur dragh air an Druimeanach. Bha e cuideachd dhen bheachd gum bu chòir Leòdhas a bhith air a riaghladh à Leòdhas fhèin. Chan eil sin cho radaigeach. Bha an riaghaltas ionadail stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain aig an àm.

Bha e ag iarraidh siorrachd ùr a chruthachadh. Bhiodh i air a riaghladh à Steòrnabhagh. ’S e an t-ainm a bhiodh air an t-siorrachd – Lewisshire. Siorrachd Leòdhais. Smaoinich! Chan eil mi cinnteach, ge-tà, an robh an Druimeanach dhen bheachd Na Hearadh a chur an cois Lewis-shire. ’S docha gur e ceum ro mhòr a bhiodh ann a sin!

Procurator Fiscal in Stornoway

English Beurla

In the nineteenth century, there was a Procurator Fiscal in Stornoway called Thomas Drummond. He tried to change the name of the town. He wasn’t pleased with Stornoway. He was saying that some were saying Stormaway. That wasn’t attractive – or true!

But what name was he wanting? Well – Port Royal . Aye, Port Royal. Why? Well, in memory of the King – William IV. He went to Stornoway in 1793. That was long before he was the King. Drummond was of the opinion, however, that the populace would be happy to live in “Port Royal”.

He wrote a letter to the landlord, James Stewart-Mackenzie. He was also a member of parliament. He wrote: “..it is you ... that has best right to claim the change from His Majesty though I hope you will do me the justice in intimating to His Majesty ... that it was I, humble individual, that suggested it as a mark of my respect to his Majesty ...” Aye. I’ll not say anything. Except – Drummond wasn’t successful.

Perhaps he was envious of the Isle of Skye. They have a “Royal” town. Well, they’ve got Portree. King James V visited the town in 1540. However, is that what the name means? Some folk say that it was Port Ruigheadh in olden times. That means “slope harbour” rather than “king’s harbour”. But that’s not as romantic as “King’s Harbour”!

It’s not only the name of Stornoway that was annoying Drummond. He was also thinking that Lewis should be governed from Lewis itself. That’s not so radical. The local government was based in Dingwall at the time.

He was wanting to create a new county. It would be governed from Stornoway. The name of the county would be – Lewis-shire. Lewis-shire. Imagine! I’m not sure, however, if Drummond was of the opinion that Harris should be included in Lewis-shire. That might be [have been] too big a step!

Show English

Fear-casaid a’ Chrùin

Gaelic Gàidhlig

Anns an naoidheamh linn deug, bha Fear-casaid a’ Chrùin ann an Steòrnabhagh air an robh Tòmas Druimeanach. Dh’fheuch e ri ainm a’ bhaile atharrachadh. Cha robh e toilichte le Stornoway. Bha e ag ràdh gun robh cuid ag ràdh Stormaway. Cha robh sin tarraingeach – no fìrinneach!

Ach dè an t-ainm a bha e ag iarraidh? Uill – Port Royal. Seadh, Port Royal. Carson? Uill, ann an cuimhne an Rìgh – Uilleam IV. Chaidh esan a Steòrnabhagh ann an seachd ceud deug naochad ’s a trì (1793). Bha sin fada mus robh e na Rìgh. Bha an Druimeanach dhen bheachd, ge-tà, gum biodh an sluagh toilichte a bhith a’ fuireach ann am “Port Royal”.

Sgrìobh e litir don uachdaran Seumas Stiùbhart-MacCoinnich. Bha esan cuideachd na bhall-pàrlamaid, Sgrìobh e: “..it is you ... that has best right to claim the change from His Majesty though I hope you will do me the justice in intimating to His Majesty ... that it was I, humble individual, that suggested it as a mark of my respect to his Majesty ...” Seadh. Cha chan mi dad. Ach – nach robh an Druimeanach soirbheachail.

’S dòcha gun robh farmad aige air an Eilean Sgitheanach. Tha baile “Rìoghail” acasan. Uill, tha Port Rìgh aca. Thadhail an Rìgh Seumas V air a’ bhaile ann an còig ceud deug is dà fhichead (1540). Ge-tà, an e sin a bha an t-ainm a’ ciallachadh? Tha cuid ag ràdh gur e Port Ruigheadh a bha ann bho shean. Tha sin a’ ciallachadh “slope harbour” seach “king’s harbour”. Ach chan eil sin cho romansach ri Port Rìgh!

Chan e a-mhàin ainm Steòrnabhaigh a bha a’ cur dragh air an Druimeanach. Bha e cuideachd dhen bheachd gum bu chòir Leòdhas a bhith air a riaghladh à Leòdhas fhèin. Chan eil sin cho radaigeach. Bha an riaghaltas ionadail stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain aig an àm.

Bha e ag iarraidh siorrachd ùr a chruthachadh. Bhiodh i air a riaghladh à Steòrnabhagh. ’S e an t-ainm a bhiodh air an t-siorrachd – Lewisshire. Siorrachd Leòdhais. Smaoinich! Chan eil mi cinnteach, ge-tà, an robh an Druimeanach dhen bheachd Na Hearadh a chur an cois Lewis-shire. ’S docha gur e ceum ro mhòr a bhiodh ann a sin!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 582

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile