FaclairDictionary EnglishGàidhlig

986: Glasgow's Place-names 986: Ainmean-àite Ghlaschu

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ainmean-àite Ghlaschu

Gaelic Gàidhlig

A bheil e fìor gu bheil Glaschu – Glasgow – a’ ciallachadh ‘dear green place’? Uill, tha an fhianais ag innse dhuinn nach eil. Tha e nas coltaiche gu bheil e a’ tighinn bho dhà eileamaid ann an Seann Bhreatannais a’ Chinn a Tuath. Tha e a’ ciallachadh ‘lag uaine’. Tha an lag sin faisg air Cathair-eaglais Ghlaschu.

Fhuair mi am fios seo bho leabhar luachmhor a chaidh fhoillseachadh an-uiridh. ʼS e an t-ainm a tha air Glasgow’s Gaelic Place-Names. Tha e air a sgrìobhadh le Alasdair MacIlleBhàin.

Cha do mhair an t-Seann Bhreatannais. Thàinig a’ Ghàidhlig agus Albais na àite. Tha ainmean-àite Gàidhlig anns na seann chlàraidhean cho fada air ais ris an dàrna linn deug.

Mar eisimpleir – Polmadie. Nochd sin anns an dàrna linn deug mar Polmacde. Tha Alasdair MacIlleBhàin ag innse dhuinn gu bheil Poll Mac Dè a’ ciallachadh ‘stream of the sons of God’.

Tha na riochdan tùsail cudromach. Ma choimheadas sinn air an ainm-àite Ruchazie, chan eil e follaiseach dè tha e a’ ciallachadh. Ach tha e a’ nochdadh anns an t-siathamh linn deug mar Auchinhasie. Tha sin a’ riochdachadh Achadh an Fhasaidh ‘field or farm of the stopping place’. Tha Barlinnie a’ nochdadh an toiseach mar Blairlenny. Tha sin a’ riochdachadh Blàr Lèanach ‘marshy plain’.

Buinidh gu leòr de dh’ainmean-àite Ghlaschu do linn nuair a bha daoine an sàs ann an obair-fearainn. Mar eisimpleir – Gartnavel. Tha sin a’ tighinn bhon t-seann Ghàidhlig Gart an Abhaill ‘enclosure of the apple tree or orchard’. Tha Cathkin a’ tighinn bhon Ghàidhlig Coitcheann, a’ ciallachadh ‘common grazing’. Agus bha an t-ainm ainmeil Auchenshuggle clàraichte mus robh tramaichean a’ dol ann! Tha e a’ tighinn bho Achadh an t-Seagail ‘field or farm of the rye’.

Chan eil freagairt aig an ùghdar airson a h-uile ceist agam mu ainmean-àite Ghlaschu. Mar eisimpleir, chan eil e cinnteach mu Bellahouston. Ach tha e air obair mhòr a dhèanamh airson dualchas na Gàidhlig ann an Glaschu a shoilleireachadh agus a mhìneachadh. Mholainn an leabhar gu mòr dhuibh.

Glasgow's Place-names

English Beurla

Is it true that Glaschu – Glasgow means ‘dear green place’? Well, the evidence tells us it is not. It’s more likely that it comes from two elements in [the] Northern Brittonic [language]. It means ‘green hollow’. That hollow is near Glasgow Cathedral.

I got this information from a valuable book that was published last year. Its name is Glasgow’s Gaelic Place-Names. It was written by Alasdair [C.] Whyte.

The old Brittonic language did not survive. Gaelic and Scots replaced it. There are Gaelic place-names in the old records as far back as the twelfth century.

For example – Polmadie. That appeared in the twelfth century as Polmacde. Alasdair Whyte tells us that Poll Mac Dè means ‘stream of the sons of God’.

The original forms are important. If we look at the place-name Ruchazie, it’s not obvious what it means. But it appears in the sixteenth century as Auchinhasie. That represents Achadh an Fhasaidh ‘field or farm of the stopping place’. Barlinnie first appears as Blairlenny. That represents Blàr Lèanach ‘marshy plain’.

Many of Glasgow’s place-names belong to a time when people were involved in agricultural work. For example – Gartnavel. That comes from the old Gaelic Gart an Abhaill ‘enclosure of the apple tree or orchard’. Cathkin comes from the Gaelic Coitcheann, meaning ‘common grazing’. And the famous name Auchenshuggle was recorded before trams were going there! It comes from Achadh an t-Seagail ‘field or farm of the rye’.

Tha author doesn’t have an answer to all of my questions about Glasgow’s place-names. For example, he is not sure about Bellahouston. But he has done great work in highlighting and explaining the Gaelic heritage in Glasgow. I’d warmly recommend the book to you.

Ainmean-àite Ghlaschu

Gaelic Gàidhlig

A bheil e fìor gu bheil Glaschu – Glasgow – a’ ciallachadh ‘dear green place’? Uill, tha an fhianais ag innse dhuinn nach eil. Tha e nas coltaiche gu bheil e a’ tighinn bho dhà eileamaid ann an Seann Bhreatannais a’ Chinn a Tuath. Tha e a’ ciallachadh ‘lag uaine’. Tha an lag sin faisg air Cathair-eaglais Ghlaschu.

Fhuair mi am fios seo bho leabhar luachmhor a chaidh fhoillseachadh an-uiridh. ʼS e an t-ainm a tha air Glasgow’s Gaelic Place-Names. Tha e air a sgrìobhadh le Alasdair MacIlleBhàin.

Cha do mhair an t-Seann Bhreatannais. Thàinig a’ Ghàidhlig agus Albais na àite. Tha ainmean-àite Gàidhlig anns na seann chlàraidhean cho fada air ais ris an dàrna linn deug.

Mar eisimpleir – Polmadie. Nochd sin anns an dàrna linn deug mar Polmacde. Tha Alasdair MacIlleBhàin ag innse dhuinn gu bheil Poll Mac Dè a’ ciallachadh ‘stream of the sons of God’.

Tha na riochdan tùsail cudromach. Ma choimheadas sinn air an ainm-àite Ruchazie, chan eil e follaiseach dè tha e a’ ciallachadh. Ach tha e a’ nochdadh anns an t-siathamh linn deug mar Auchinhasie. Tha sin a’ riochdachadh Achadh an Fhasaidh ‘field or farm of the stopping place’. Tha Barlinnie a’ nochdadh an toiseach mar Blairlenny. Tha sin a’ riochdachadh Blàr Lèanach ‘marshy plain’.

Buinidh gu leòr de dh’ainmean-àite Ghlaschu do linn nuair a bha daoine an sàs ann an obair-fearainn. Mar eisimpleir – Gartnavel. Tha sin a’ tighinn bhon t-seann Ghàidhlig Gart an Abhaill ‘enclosure of the apple tree or orchard’. Tha Cathkin a’ tighinn bhon Ghàidhlig Coitcheann, a’ ciallachadh ‘common grazing’. Agus bha an t-ainm ainmeil Auchenshuggle clàraichte mus robh tramaichean a’ dol ann! Tha e a’ tighinn bho Achadh an t-Seagail ‘field or farm of the rye’.

Chan eil freagairt aig an ùghdar airson a h-uile ceist agam mu ainmean-àite Ghlaschu. Mar eisimpleir, chan eil e cinnteach mu Bellahouston. Ach tha e air obair mhòr a dhèanamh airson dualchas na Gàidhlig ann an Glaschu a shoilleireachadh agus a mhìneachadh. Mholainn an leabhar gu mòr dhuibh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1290

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile