ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

277: The name Stornoway 277: An t-ainm Steòrnabhagh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An t-ainm Steòrnabhagh

Gaelic Gàidhlig

Is toigh leam an t-ainm-àite Steòrnabhagh. Dè ur beachd fhèin air? Saoilidh mise gu bheil e tarraingeach ann am Beurla cuideachd.Stornoway. ’S e ainm Lochlannach a tha ann. ’S e Stjórnarvágr a bha ann. Tha sin a’ ciallachadh bàgh na stiùrach no bàgh an stiùiridh – ann am Beurla, rudder bay no steering bay.

Tha Steòrnabhagh eile ann an Alba. ’S e loch mara a tha ann. Tha Loch Stornoway, no Loch Stornua ann an Gàidhlig, ann an Earra-Ghàidheal. Tha e ann an ceann a deas Chnapadail.

Dè bha anns a’ chumantas eadar an dà àite? Carson a chuir na maraichean Lochlannach an t-aon ainm air na dhà? Chan eil mi cinnteach. Tha an loch mara ann an Cnapadal dìreach gu siar air Loch an Tairbeirt an Iar. An robh na seòladairean a bha a’ dèanamh air Loch an Tairbeirt a’ stiùireadh a dh’ionnsaigh Loch Stornua? Ma tha sibh a’ seòladh bhon cheann a deas, cha bhi Loch an Tairbeirt anns an t-sealladh an toiseach. Tha Eilean Ghiogha anns an rathad.

Leugh mi leabhar mu Steòrnabhagh Leòdhais o chionn ghoirid. Tha an leabhar – The Castles of the Lews le Peter Cunningham – làn fiosrachaidh mu eachdraidh a’ bhaile. Agus dh’ionnsaich mi rud iongantach. ’S e sin gun robh oidhirp ann ainm a’ bhaile atharrachadh. Is toigh leam fhèin Stornoway. Ach, a rèir choltais, cha robh a h-uile duine sàsaichte leis.

Sgrìobh Fear-casaid a’ Chrùin ann an Steòrnabhagh, Tòmas Druimeanach, ann an ochd ceud deug, trithead ’s a ceithir (1834) don bhall-phàrlamaid Seumas Stiùbhart-MacCoinnich. Bha e a’ moladh ainm ùr a bhith air a’ bhaile. “Respected Sir,” sgrìobh e, “... In the first place I would suggest the propriety of changing the name of Stornoway, which has no meaning whatever so far as I can learn, and which to the ear of all Lowlanders sounds harsh, and indeed is often pronounced “Stormaway” and gives strangers a wild idea of this country which it is undeserving thereof...”

Ach dè an t-ainm a bha e ag iarraidh an àite Stornoway ? Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain.

The name Stornoway

English Beurla

I like the place name Steòrnabhagh. What is your opinion of it? I reckon that it’s attractive in English as well. Stornoway. It’s a Norse name. It was Stjórnarvágr . That means the bay of the rudder or the bay of the steering – in English, rudder bay or steering bay.

There is another Stornoway in Scotland. It’s a sea loch. Loch Stornoway, or Loch Stornua in Gaelic, in Argyll. It’s in the south of Knapdale.

What was there in common between the two places? Why did the Norse mariners call the two places by the same name? I’m not sure. The sea loch in Knapdale is just to the west of West Loch Tarbert. Were the sailors who were making for Loch Tarbert steering towards Loch Stornua? If you’re sailing from the south, Loch Tarbert is not visible to begin with. The Isle of Gigha is in the way.

I read a book about Stornoway, Lewis recently. The book – The Castles of the Lews by Peter Cunningham – is full of information about the town’s history. And I learned an amazing thing. That’s that there was an attempt to change the town’s name. I myself like Stornoway. But, apparently, not everybody was happy with it.

The Procurator Fiscal in Stornoway, Thomas Drummond, wrote in 1834 to the member of parliament, James Stewart-Mackenzie. He was recommending that the town have a new name. “Respected Sir,” he wrote, “... In the first place I would suggest the propriety of changing the name of Stornoway, which has no meaning whatever so far as I can learn, and which to the ear of all Lowlanders sounds harsh, and indeed is often pronounced “Stormaway” and gives strangers a wild idea of this country which it is undeserving thereof...”

But what name was he wanting for Stornoway? I’ll tell you next week.

Show English

An t-ainm Steòrnabhagh

Gaelic Gàidhlig

Is toigh leam an t-ainm-àite Steòrnabhagh. Dè ur beachd fhèin air? Saoilidh mise gu bheil e tarraingeach ann am Beurla cuideachd.Stornoway. ’S e ainm Lochlannach a tha ann. ’S e Stjórnarvágr a bha ann. Tha sin a’ ciallachadh bàgh na stiùrach no bàgh an stiùiridh – ann am Beurla, rudder bay no steering bay.

Tha Steòrnabhagh eile ann an Alba. ’S e loch mara a tha ann. Tha Loch Stornoway, no Loch Stornua ann an Gàidhlig, ann an Earra-Ghàidheal. Tha e ann an ceann a deas Chnapadail.

Dè bha anns a’ chumantas eadar an dà àite? Carson a chuir na maraichean Lochlannach an t-aon ainm air na dhà? Chan eil mi cinnteach. Tha an loch mara ann an Cnapadal dìreach gu siar air Loch an Tairbeirt an Iar. An robh na seòladairean a bha a’ dèanamh air Loch an Tairbeirt a’ stiùireadh a dh’ionnsaigh Loch Stornua? Ma tha sibh a’ seòladh bhon cheann a deas, cha bhi Loch an Tairbeirt anns an t-sealladh an toiseach. Tha Eilean Ghiogha anns an rathad.

Leugh mi leabhar mu Steòrnabhagh Leòdhais o chionn ghoirid. Tha an leabhar – The Castles of the Lews le Peter Cunningham – làn fiosrachaidh mu eachdraidh a’ bhaile. Agus dh’ionnsaich mi rud iongantach. ’S e sin gun robh oidhirp ann ainm a’ bhaile atharrachadh. Is toigh leam fhèin Stornoway. Ach, a rèir choltais, cha robh a h-uile duine sàsaichte leis.

Sgrìobh Fear-casaid a’ Chrùin ann an Steòrnabhagh, Tòmas Druimeanach, ann an ochd ceud deug, trithead ’s a ceithir (1834) don bhall-phàrlamaid Seumas Stiùbhart-MacCoinnich. Bha e a’ moladh ainm ùr a bhith air a’ bhaile. “Respected Sir,” sgrìobh e, “... In the first place I would suggest the propriety of changing the name of Stornoway, which has no meaning whatever so far as I can learn, and which to the ear of all Lowlanders sounds harsh, and indeed is often pronounced “Stormaway” and gives strangers a wild idea of this country which it is undeserving thereof...”

Ach dè an t-ainm a bha e ag iarraidh an àite Stornoway ? Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 581

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile