menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

The cave of the armaments and Flora MacDonald (Litir Bheag 418) Uamh na h-Armachd agus Fionnghal NicDhòmhnaill (Litir Bheag 418)

The cave of the armaments and Flora MacDonald Uamh na h-Armachd agus Fionnghal NicDhòmhnaill

On the 12th of July 1746, there was an important interview on board a ship. The vessel was anchored off the shore of Applecross. Asking the questions was General John Campbell. He was in charge of the search for Charles Edward Stuart, after the Battle of Culloden. The woman answering the questions was Flora MacDonald. The pair were on board HMS Furnace.

General Campbell had said that they would be dealing with Flora respectfully. Without torture, she told him the story – how the Prince went with her from Uist to the Isle of Skye. He was disguised as the Irish maidservant, Betty Burke. She told how he she kept the Prince hidden from the redcoat soldiers.

Flora was dealt with respectfully. But that wasn’t true about every Jacobite prisoner who went on board HMS Furnace. The vessel’s captain was John Ferguson of Inverurie. He was a hard man.

The Jacobite officer, Felix O’ Neill, had a bad opinion of Ferguson. A few days before Flora MacDonald was in his custody, Ferguson ordered O’ Neill to be put on the rack and whipped. The captain was wanting to find out where the Prince was.

The punishment was about to begin. But the commanding officer of the soldiers on board – Lieutenant McGaghan – drew his sword. He told the captain he would not accept an officer being tortured in that way.

But Ferguson had other opportunities to extract information by torture. He used an instrument that was found in Barrisdale House in Knoydart. People would call the instrument a ‘Barisdale’ in English.

A man was locked into it. He could not move. An iron spike was pressing into his neck. He was going to admit to any accusation, whether or not it was true. We can be thankful that we live in a more compassionate age.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Uamh na h-Armachd agus Fionnghal NicDhòmhnaill (Litir Bheag 418)

The cave of the armaments and Flora MacDonald

Air an dàrna latha deug dhen Iuchar, seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746), bha agallamh cudromach ann air bòrd soitheach. Bha an soitheach air acair far cladach na Comraich. A’ cur nan ceist, bha an Seanalair Iain Caimbeul. Bha esan os cionn an rannsachaidh airson Theàrlaich Òig Stiùbhairt, às dèidh Blàr Chùil Lodair. B’ i an tè a bha a’ freagairt nan ceist Fionnghal NicDhòmhnaill. Bha an dithis aca air bòrd HMS Furnace.

Bha an Seanalair Caimbeul air a ràdh gum biodh iad a’ dèiligeadh ri Fionnghal le urram. Gun chiùrradh, dh’inns i an eachdraidh dha – mar a chaidh am Prionnsa còmhla rithe à Uibhist don Eilean Sgitheanach. Bha e ann an riochd na tè-fhrithealaidh Èireannaich, Betty Burke. Dh’innis i mar a chùm i am Prionnsa am falach bho na saighdearan dearga.

Chaidh dèiligeadh ri Fionnghal le urram. Ach cha robh sin fìor mun a h-uile prìosanach Seumasach a chaidh air bòrd HMS Furnace. B’ e caiptean an t-soithich Iain Fearghasdan à Inbhir Uaraidh. ’S e duine cruaidh a bha ann.

Bha droch bheachd aig oifigear Seumasach, Felix O’ Neill, air Fearghasdan. Beagan làithean mus robh Fionnghal NicDhòmhnaill an grèim aige, dh’òrdaich Fearghasdan O’ Neill a chur air racais agus a chuipeadh. Bha an caiptean ag iarraidh faighinn a-mach cà’ robh am Prionnsa.

Bha am peanas an impis tòiseachadh. Ach tharraing ceannard nan saighdearan air bòrd – an Lieutenant McGaghan – a chlaidheamh. Thuirt e ris a’ chaiptean nach gabhadh e ris gum biodh oifigear air a chiùrradh mar sin.

Ach bha cothroman eile aig Fearghasdan fiosrachadh fhaighinn le ciùrradh. Chleachd e inneal a chaidh a lorg ann an Taigh Bhàrrasdail ann an Cnòideart. ’S e ‘Barisdale’ a chanadh daoine ris an inneal ann am Beurla.

Bha duine air a ghlasadh ann. Cha robh comas aige gluasad. Bha bior iarainn a’ stobadh a-steach air amhaich. Bha e a’ dol a dh’aideachadh ri casaid sam bith, co-dhiù bha fìrinn innte gus nach robh. Faodaidh sinn a bhith taingeil gu bheil sinn beò ann an linn nas iochdmhoire.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 722

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word