Bha mi ann an Uibhist a Deas o chionn ghoirid. Chòrd e rium gu mòr. Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh. Bha i blàth. Bha flùraichean a’ mhachaire àlainn. Agus bha
    an ceòl math.
    Bha mi ann airson Ceòlas. ’S e sin fèis a th’ ann an Uibhist a h-uile bliadhna. Tha Ceòlas air a bhith ann airson deich bliadhna. Tha e a’ dol bho neart gu
    neart.
    Tha an fhèis stèidhichte air ceithir rudan – ceòl, seinn, danns agus a’ Ghàidhlig. Bidh feadhainn ag ionnsachadh cluich na fìdhle, no seinn na pìoba. Bidh
    cuid ag ionnsachadh òrain. Bidh cuid ag ionnsachadh dannsa-ceum. Agus tha clasaichean Gàidhlig ann cuideachd.
    Bha mi a’ moladh Ceòlas do charaid air tìr-mòr. Bha mi ag innse dha cho math ’s a bha muinntir Uibhist a Deas air danns. Bha iad fìor mhath air a bhith a’
    dannsadh na quadrilles. “Tha fios a’m,” thuirt e. “Tha ceòl annta. Chunnaic mi sin aig na cèilidhean Gàidhealach ann an Glaschu. Bha na
    h-Uibhistich aotrom air an casan.”
    ’S e sluagh eile a tha math air danns muinntir Cheap Bhreatainn ann an Canada. Nuair a thòisich Ceòlas rinn iad ceangal eadar Uibhist a Deas agus Ceap
    Breatainn. Tha an ceangal sin ann fhathast. A h-uile bliadhna aig Ceòlas bidh feadhainn ann à Ceap Breatainn. Bidh iad a’ teagasg na fìdhle no dannsa-ceum.
    Bha mi fhìn ann an clas seinn. Dh’ionnsaich sinn òran aotrom mu dheidhinn banais. Cha robh a’ bhanais uabhasach math. Tha an dà loidhne mu dheireadh a’ dol
    mar seo: “Dh’olc no èiginn fhuair mi [a] leagail, ’s bhuail mi breab san tòin air.”
    Bha sinn a’ beachdachadh air cò às a bha an t-òran. ’S e an tiotal a th’ air “A’ Bhanais a bha ’n Ciostal Odhar.” Càite a bheil Ciostal, ge-tà? Cha robh
    fios aig duine.
    Fhuair mi a-mach nuair a bha mi air an rathad dhachaigh. Bha mi a’ dràibheadh tron Eilean Sgitheanach. Eadar Ùige is Port Rìgh, chunnaic mi soidhne
    rathaid. Air an t-soidhne bha an t-ainm-àite “Ciostal”. Chan eil fhios a’m cuin a bha a’ bhanais mu dheireadh ann. Ach tha aon bhanais ann an Ciostal air a
    cuimhneachadh fhathast ann an òran.