ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

383: The Boy and the Goat 383: An Gille agus an Gobha

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An Gille agus an Gobha

Gaelic Gàidhlig

Bha uaireigin gobha a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd. ’S e Iain an t-ainm a bha air. Bha ceàrdach aige. Bha bean aige. Bha snìomh aice na h-amhaich.

Bha Iain leisg. Bha a bhean an-còmhnaidh a’ trod ris. Bha Iain a’ falbh don cheàrdaich airson fois. Latha a bha seo, thàinig fear òg. Bha aodach uaine air. Bha e a’ giùlain boireannach òg air a ghuailnean.

“Uill, a ghobha,” ars am fear òg, “am faod mi d’ innean a chleachdadh?”

“Faodaidh,” thuirt Iain.

“Dèan suidhe,” thuirt am fear òg. Chuir e a làmh na phòcaid. Thug e a-mach còig buinn òir. “Pàighidh seo thu,” thuirt e. “Nise, an rud a chì thu, na dèan thu fhèin e.”

Shuidh Iain. Chaidh am fear òg don innean leis a’ bhoireannach. Chunnaic Iain gun robh a ceann tromach air shearrach, no cùlaibh air beulaibh. Thog am fear òg sgian mhòr gheur. Chuir e ceann a’ bhoireannaich air an innean. Gheàrr e dheth e. Thuit a corp don làr. Cha robh fuil sam bith ann.

Thog am fear òg ceann a’ bhoireannaich. Chuir e don teine e. Dh’obraich e am balg-sèididh. Dh’fhàs an teine teth. Chaidh an ceann na luaithre.

Thog am fear òg an luaithre agus phronn e tuilleadh i. Cha robh ann ach duslach. Rinn e smugaid air. Rinn e taois dheth. Shuath e an taois air amhaich a’ bhoireannaich. Agus – abair iongantas – nochd solas uaine air an taois. Dh’fhàs ceann ùr air a’ bhoireannach.

Choimhead am fear òg air Iain. “Cuimhnich,” thuirt e, “an rud a chunnaic thu, na dèan thu fhèin e.” Dh’fhalbh an gille agus am boireannach.

Goirid às dèidh sin, cò thàinig don cheàrdaich ach bean a’ ghobha. “Seo srùpag dhut, a leisgeadair gun fheum,” thuirt i.

Thàinig smuain gu Iain. Choimhead e air an t-snìomh ann an amhaich a mhnà. Choimhead e air na sgeinean. “Cuir an tì thall an sin,” thuirt e, “agus trobhad an seo.”

“Dè tha thu ag iarraidh, a bhumaileir leisg?” thuirt i.

Chuir Iain a ghàirdeanan timcheall a mhnà. Thog e sgian. Agus chì sinn dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

The Boy and the Goat

English Beurla

There was once a blacksmith living in the Highlands. He was called John. He had a smiddy. He had a wife. She had a twist in her neck.

John was lazy. His wife was always scolding him. John was going to the smiddy for peace and quiet. One day, a young man came. He had green clothes on. He was carrying a young woman on his shoulders.

“Well, smith,” said the young man, “can I use your anvil?”

“Yes,” said John.

“Sit down,” said the young man. He put his hand in his pocket. He took out five gold coins. “This will pay you,” he said. “Now, the thing you’ll see, don’t do it yourself.”

John sat down. The young man went to the anvil with the woman. John saw that her head was on back to front. The young man picked up a large sharp knife. He put the woman’s head on the anvil. He cut it off. Her body fell onto the floor. There was no blood at all.

The young man picked up the woman’s head. He put it in the fire. He worked the bellows. The fire got hot. The head turned to ash.

He picked up the ash and he ground it further. There was nothing left but dust. He spat on it. He made a paste of it. He rubbed the paste on the woman’s neck. And – amazingly – a green light appeared on the paste. A new head grew on the woman.

The young man looked at John. “Remember,” he said, “the thing you saw, don’t do it yourself.” The lad and woman left.

Shortly after that, who came to the smiddy but the smith’s wife. “Here’s a cuppa for you, you lazy good-for-nothing,” she said.

A thought came to John. He looked at the twist in his wife’s neck. He looked at the knives. “Put the tea over there,” he said, “and come here.”

“What do you want, you lazy oaf?” she said.

John put his arms around his wife. He picked up a knife. And we’ll see what happened after that – next week.

Show English

An Gille agus an Gobha

Gaelic Gàidhlig

Bha uaireigin gobha a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd. ’S e Iain an t-ainm a bha air. Bha ceàrdach aige. Bha bean aige. Bha snìomh aice na h-amhaich.

Bha Iain leisg. Bha a bhean an-còmhnaidh a’ trod ris. Bha Iain a’ falbh don cheàrdaich airson fois. Latha a bha seo, thàinig fear òg. Bha aodach uaine air. Bha e a’ giùlain boireannach òg air a ghuailnean.

“Uill, a ghobha,” ars am fear òg, “am faod mi d’ innean a chleachdadh?”

“Faodaidh,” thuirt Iain.

“Dèan suidhe,” thuirt am fear òg. Chuir e a làmh na phòcaid. Thug e a-mach còig buinn òir. “Pàighidh seo thu,” thuirt e. “Nise, an rud a chì thu, na dèan thu fhèin e.”

Shuidh Iain. Chaidh am fear òg don innean leis a’ bhoireannach. Chunnaic Iain gun robh a ceann tromach air shearrach, no cùlaibh air beulaibh. Thog am fear òg sgian mhòr gheur. Chuir e ceann a’ bhoireannaich air an innean. Gheàrr e dheth e. Thuit a corp don làr. Cha robh fuil sam bith ann.

Thog am fear òg ceann a’ bhoireannaich. Chuir e don teine e. Dh’obraich e am balg-sèididh. Dh’fhàs an teine teth. Chaidh an ceann na luaithre.

Thog am fear òg an luaithre agus phronn e tuilleadh i. Cha robh ann ach duslach. Rinn e smugaid air. Rinn e taois dheth. Shuath e an taois air amhaich a’ bhoireannaich. Agus – abair iongantas – nochd solas uaine air an taois. Dh’fhàs ceann ùr air a’ bhoireannach.

Choimhead am fear òg air Iain. “Cuimhnich,” thuirt e, “an rud a chunnaic thu, na dèan thu fhèin e.” Dh’fhalbh an gille agus am boireannach.

Goirid às dèidh sin, cò thàinig don cheàrdaich ach bean a’ ghobha. “Seo srùpag dhut, a leisgeadair gun fheum,” thuirt i.

Thàinig smuain gu Iain. Choimhead e air an t-snìomh ann an amhaich a mhnà. Choimhead e air na sgeinean. “Cuir an tì thall an sin,” thuirt e, “agus trobhad an seo.”

“Dè tha thu ag iarraidh, a bhumaileir leisg?” thuirt i.

Chuir Iain a ghàirdeanan timcheall a mhnà. Thog e sgian. Agus chì sinn dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 687

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile