ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

546: Muile-mhàgag 546: Toad

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Toad

Gaelic Gàidhlig

An itheadh sibh muile-mhàgag? Uill, a rèir beul-aithris, dh’ith fear de ghaisgich nan Gàidheal tè.

Nise, bu chòir dhomh dhèanamh soilleir dè tha mi a’ ciallachadh le ‘muile-mhàgag’. Tha mi a’ ciallachadh toad. Ann am mòran sgìrean thathar a’ cleachdadh ‘muile-mhàgag’, no facal coltach, airson frog.

Chan eil sinn uabhasach dèidheil air uisge-thìrich mar bhiadh, a bheil? An do dh’ith sibh riamh dearc-luachrach, mar eisimpleir? Sin a’ Ghàidhlig air newt – dearc-luachrach.

’S dòcha gun do dh’fheuch sibh losgann no frog. Tha na Frangaich measail orra – co-dhiù air na casan aca. Dh’fheuch mi casan losgainn aon turas. Ach bha sin ann an Thailand. Ach – muile-mhàgag – toad – ’s e sin ceist eile.

Agus cò e an gaisgeach Gàidhealach a dh’ith muile-mhàgag? Cò, ach Alasdair mac Colla Chiotaich. B’ esan sàr-shaighdear a bha a-mach cuide ri Montròs ann am meadhan an t-seachdamh linn deug.

An e muile-mhàgag no losgann a dh’ith e? Chan eil mi cinnteach. Ach bha daoine a’ creidsinn gun robh clach luachmhor ann an ceann nan ainmhidhean sin. Bha sin eadhon anns an dealbh-chluich ‘As You Like It’ le Uilleam Shakespeare.

Agus sgrìobh an sgoilear Cuimreach, Eideard Lhuyd, mu dheidhinn na cloiche sin. Sgrìobh e gun cuireadh i stad air losgadh taighe, agus cur-fodha bàta. Nam biodh tè aig commandair air blàr-catha, bhiodh buaidh aige air an latha, no bhiodh na daoine gu lèir aige a’ faighinn bàs sa spot.

Chaidh stòiridh annasach a chlàradh mu mhuile-mhàgag mhòr aig Ach a’ Ghobhail ann am Morbhairne. Dh’fheuch fear ri a glacadh – airson a’ chlach fhaighinn. Bha sin air latha fuar geamhraidh nuair a bha an lòn reòite. Rinn am fear toll san deigh. Leig e le dòbhran, a bha aige mar pheata, a dhol troimhe. Dh’fhan e gus an tigeadh a’ mhuile-mhàgag suas tron toll, agus an dòbhran às a dèidh. Bha bata aige na làimh.

Ach, ’s e an dòbhran, a bha feumach air anail a ghabhail, a chuir a cheann tron toll. Gun a bhith a’ coimhead, bhuail am fear e le a bhata. Chuir e às don dòbhran sa spot.

Muile-mhàgag

English Beurla

Would you eat a toad? Well, according to oral tradition, one of the heroes of the Gaels ate one.

Now, I should make clear what I mean by muile-mhàgag. I mean ‘toad’. In many areas muile-mhàgag, or a similar word, is used to mean ‘toad’.

We’re not very keen on amphibians as food, are we? Have you ever eaten a dearc-luachrach, for example? That’s the Gaelic for newt – dearc-luachrach.

Perhaps you’ve tried a losgann or frog. The French are keen on them – at least on their legs. I tried frog legs once. But that was in Thailand. But a toad, that’s another question.

And who is the Gaelic hero that ate a toad? Who, but Alasdair mac Colla. He was a great soldier who was out with Montrose in the middle of the seventeenth century.

Was it a toad or frog that he ate? I’m not sure. But people believed there was a valuable stone in the heads of those creatures. That was even in the play ‘As You Like It’ by William Shakespeare.

And the Welsh scholar, Edward Lhuyd, wrote about that stone. He wrote that it would prevent the burning of a house or the sinking of a boat. If a commander in the field had one, he would be victorious on the day, or all his men would lose their lives on the spot.

A strange story was recorded about a large toad at Achagavel in Morvern. A man tried to catch it – to get the stone. That was on a cold winter’s day when the pool was frozen. The man made a hole in the ice. He let an otter, which he had as a pet, go through it. He remained until the toad would come up through the hole, followed by the otter. He had a stick in his hand.

But it was the otter, who needed a breath of air, that put its head through the hole. Without looking, the man hit it with his stick. He killed the otter instantaneously.

Show English

Toad

Gaelic Gàidhlig

An itheadh sibh muile-mhàgag? Uill, a rèir beul-aithris, dh’ith fear de ghaisgich nan Gàidheal tè.

Nise, bu chòir dhomh dhèanamh soilleir dè tha mi a’ ciallachadh le ‘muile-mhàgag’. Tha mi a’ ciallachadh toad. Ann am mòran sgìrean thathar a’ cleachdadh ‘muile-mhàgag’, no facal coltach, airson frog.

Chan eil sinn uabhasach dèidheil air uisge-thìrich mar bhiadh, a bheil? An do dh’ith sibh riamh dearc-luachrach, mar eisimpleir? Sin a’ Ghàidhlig air newt – dearc-luachrach.

’S dòcha gun do dh’fheuch sibh losgann no frog. Tha na Frangaich measail orra – co-dhiù air na casan aca. Dh’fheuch mi casan losgainn aon turas. Ach bha sin ann an Thailand. Ach – muile-mhàgag – toad – ’s e sin ceist eile.

Agus cò e an gaisgeach Gàidhealach a dh’ith muile-mhàgag? Cò, ach Alasdair mac Colla Chiotaich. B’ esan sàr-shaighdear a bha a-mach cuide ri Montròs ann am meadhan an t-seachdamh linn deug.

An e muile-mhàgag no losgann a dh’ith e? Chan eil mi cinnteach. Ach bha daoine a’ creidsinn gun robh clach luachmhor ann an ceann nan ainmhidhean sin. Bha sin eadhon anns an dealbh-chluich ‘As You Like It’ le Uilleam Shakespeare.

Agus sgrìobh an sgoilear Cuimreach, Eideard Lhuyd, mu dheidhinn na cloiche sin. Sgrìobh e gun cuireadh i stad air losgadh taighe, agus cur-fodha bàta. Nam biodh tè aig commandair air blàr-catha, bhiodh buaidh aige air an latha, no bhiodh na daoine gu lèir aige a’ faighinn bàs sa spot.

Chaidh stòiridh annasach a chlàradh mu mhuile-mhàgag mhòr aig Ach a’ Ghobhail ann am Morbhairne. Dh’fheuch fear ri a glacadh – airson a’ chlach fhaighinn. Bha sin air latha fuar geamhraidh nuair a bha an lòn reòite. Rinn am fear toll san deigh. Leig e le dòbhran, a bha aige mar pheata, a dhol troimhe. Dh’fhan e gus an tigeadh a’ mhuile-mhàgag suas tron toll, agus an dòbhran às a dèidh. Bha bata aige na làimh.

Ach, ’s e an dòbhran, a bha feumach air anail a ghabhail, a chuir a cheann tron toll. Gun a bhith a’ coimhead, bhuail am fear e le a bhata. Chuir e às don dòbhran sa spot.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 850

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile