ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

547: The Captain of the Black Ship 547: Sgiobair an t-Soithich Dhuibh 

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Sgiobair an t-Soithich Dhuibh 

Gaelic Gàidhlig

Seo agaibh seann sgeulachd air a bheil ‘Sgiobair an t-Soithich Dhuibh’. Bha criutha an t-Soithich Dhuibh ri iasgach an sgadain. Thàinig an ceò a-nuas orra. Chùm iad orra gus am fac’ iad tìr. Agus dè bha ann ach an Tuirc.

Lorg iad port le tràigh. Air an tràigh bha corp. Bha coltas air a’ chorp gur e fear a bha ann a bhuineadh do na dùthchannan siarach. Bha e air a bhàthadh.

Chuir iad an corp a-steach do bhogsa sgadain, le lèine ùr air. Chladhaich iad toll, agus thiodhlaic iad an corp ann.

An uair sin, chaidh an sgiobair agus an criutha gu taigh-bìdh. Thàinig tè-fhrithealaidh le truinnsear air an robh aon sgadan. Chuir i an truinnsear ann am meadhan a’ bhùird. Ghabh na h-Albannaich uile pìos dhen iasg.

Nuair a thill an tè-fhrithealaidh, chunnaic i gun robh an sgadan air ithe. Leig i sgreuch a-mach. Thàinig an t-òstair. Bha e air uabhasachadh gun robh na coigrich air an sgadan ithe. Bha sanas air a’ bhòrd ann an Tuircis ag ràdh nach fhaodadh duine an sgadan ithe. Ach cha robh Tuircis aig na h-Albannaich. Bha an sgadan ann dìreach airson am bòrd a sgeadachadh. Bha sgadain gann san Tuirc agus, mar sin, uabhasach daor. Thuirt an t-òstair gum biodh a h-uile fear dhen chriutha air a chrochadh gu bàs airson an sgadan ithe.

Uill, bha sgadain pailt agus saor ann an Alba, agus cha b’ urrainn do mhuinntir an t-Soithich Dhuibh an gnothach a chreidsinn. Dh’fheuch an caiptean aca ri reusanachadh leis an òstair. ‘Tha sgadain gu leòr againn air bòrd an t-soithich,’ thuirt e. ‘Ma leigeas sibh le aon duine falbh, tillidh e le basgaid dhiubh.’

Leig an t-òstair le fear dhen chriutha tilleadh don t-soitheach. Thill e le basgaid de sgadain. Bha an t-òstair toilichte agus leig e an criutha mu sgaoil.

Dh’fhuirich iad sa bhaile airson greis. Bha an sgiobair agus an t-òstair a’ reic an sgadain. Rinn iad fortan.

Latha a bha seo, bha eallach air gach duine air an t-sràid de bhiorain is fiodh is connadh. ‘Dè tha a’ dol?’ dh’fhaighnich an sgiobair. Agus cluinnidh sibh freagairt an òstair an-ath-sheachdain.

The Captain of the Black Ship

English Beurla

Here is the old story called ‘The Captain of the Black Ship’. The crew of the Black Ship were at the herring fishing. Mist enveloped them. They continued until they saw land. And where were they, but in Turkey.

They found a harbour with a beach. On the beach was a body. The body looked like it was a man who belonged to the west [ern countries]. He was drowned.

They put the body into a herring box, with a new shirt on it. They dug a hole and they buried the body in it.

Then the captain and crew went to a restaurant. A waitress came with a plate containing one herring. She put the plate in the middle of the table. The Scots all took a piece of the fish.

When the waitress returned, she saw that the herring was eaten. She screamed. The publican came. He was horrified that the foreigners had eaten the herring. There was a sign on the table in Turkish, saying that nobody could eat the herring. But the Scots did not understand Turkish. The herring was only there to decorate the table. Herring were scarce in Turkey and, because of that, very expensive. The publican said that every member of the crew would be executed by hanging for eating the herring.

Well, herring were plentiful and cheap in Scotland, and the Black Ship’s complement couldn’t believe the situation. Their captain tried to reason with the publican. ‘We have plenty of herring on board the vessel,’ he said. ‘If you allow one man to leave, he’ll return with a basket of them.’

The publican allowed one of the crew to return to the vessel. He returned with a basket of herring. The publican was pleased and he released the crew.

They remained in the town for a while. The skipper and the publican were selling the herring. They made a fortune.

One day, everybody on the street was carrying a load of kindling and wood and fuel. ‘What’s going on?’ asked the skipper. And we’ll hear the publican’s response next week.

Show English

Sgiobair an t-Soithich Dhuibh 

Gaelic Gàidhlig

Seo agaibh seann sgeulachd air a bheil ‘Sgiobair an t-Soithich Dhuibh’. Bha criutha an t-Soithich Dhuibh ri iasgach an sgadain. Thàinig an ceò a-nuas orra. Chùm iad orra gus am fac’ iad tìr. Agus dè bha ann ach an Tuirc.

Lorg iad port le tràigh. Air an tràigh bha corp. Bha coltas air a’ chorp gur e fear a bha ann a bhuineadh do na dùthchannan siarach. Bha e air a bhàthadh.

Chuir iad an corp a-steach do bhogsa sgadain, le lèine ùr air. Chladhaich iad toll, agus thiodhlaic iad an corp ann.

An uair sin, chaidh an sgiobair agus an criutha gu taigh-bìdh. Thàinig tè-fhrithealaidh le truinnsear air an robh aon sgadan. Chuir i an truinnsear ann am meadhan a’ bhùird. Ghabh na h-Albannaich uile pìos dhen iasg.

Nuair a thill an tè-fhrithealaidh, chunnaic i gun robh an sgadan air ithe. Leig i sgreuch a-mach. Thàinig an t-òstair. Bha e air uabhasachadh gun robh na coigrich air an sgadan ithe. Bha sanas air a’ bhòrd ann an Tuircis ag ràdh nach fhaodadh duine an sgadan ithe. Ach cha robh Tuircis aig na h-Albannaich. Bha an sgadan ann dìreach airson am bòrd a sgeadachadh. Bha sgadain gann san Tuirc agus, mar sin, uabhasach daor. Thuirt an t-òstair gum biodh a h-uile fear dhen chriutha air a chrochadh gu bàs airson an sgadan ithe.

Uill, bha sgadain pailt agus saor ann an Alba, agus cha b’ urrainn do mhuinntir an t-Soithich Dhuibh an gnothach a chreidsinn. Dh’fheuch an caiptean aca ri reusanachadh leis an òstair. ‘Tha sgadain gu leòr againn air bòrd an t-soithich,’ thuirt e. ‘Ma leigeas sibh le aon duine falbh, tillidh e le basgaid dhiubh.’

Leig an t-òstair le fear dhen chriutha tilleadh don t-soitheach. Thill e le basgaid de sgadain. Bha an t-òstair toilichte agus leig e an criutha mu sgaoil.

Dh’fhuirich iad sa bhaile airson greis. Bha an sgiobair agus an t-òstair a’ reic an sgadain. Rinn iad fortan.

Latha a bha seo, bha eallach air gach duine air an t-sràid de bhiorain is fiodh is connadh. ‘Dè tha a’ dol?’ dh’fhaighnich an sgiobair. Agus cluinnidh sibh freagairt an òstair an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 851

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile