ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

792: Robert Armstrong (1) 792: Raibeart Armstrong (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Raibeart Armstrong (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Raibeart Armstrong à Siorrachd Pheairt. Chuir e faclair Gàidhlig ri chèile tràth anns an naoidheamh linn deug. Thogadh e anns a’ Cheannmhor aig ceann an ear Loch Tatha. Chaidh Raibeart don oilthigh. Bha e an toiseach ann an Dùn Èideann, agus an uair sin ann an Cill Rìmhinn. Thàinig e a-mach mar sgoilear de Sheann Ghreugais agus Laidinn.

Bha e deiseil airson a bhith na mhinistear. An àite sin, ge-tà, dh’fhalbh e a Lunnainn. Bha e airson sgoil a chur air dòigh, anns am biodh e ag oideachadh mic dhaoin-uaisle.

Airson còrr is fichead bliadhna, bha e a’ ruith an South Lambeth Grammar School. Bha Armstrong gu math soirbheachail mar neach-teagaisg agus maighstir-sgoile.

Chuala e gun robh Comunn Gàidhealach na h-Alba – The Highland Society of Scotland – am beachd faclair Gàidhlig a chur ri chèile. Bha iad air triùir sgoilearan fhastadh. Ach bha Raibeart dhen bheachd gun dèanadh esan faclair a cheart cho math riutha.

Bha e trang leis an obair làitheil aige. Cha robh cus ùine aige airson faclair a chur ri chèile. A dh’aindeoin sin, rinn e adhartas math. Ge-tà, nuair a bha e air a dhol cho fada ris an litir ‘M’, chaidh togalach an fhoillsicheir a losgadh gu làr. B’ fheudar do Raibeart an obair aige a thòiseachadh às ùr. Feumaidh gun robh sin gu math doirbh dha.

Bha e dìcheallach mar fhaclairiche. Chaidh am faclair aige fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Agus ciamar a bha dol don triùir sgoilearan aig Comunn Gàidhealach na h-Alba? Obh obh ... bha trì bliadhna eile gu bhith ann mus nochdadh am faclair acasan!

Bha fèill air faclair Armstrong, a rèir choltais. Bha e gu math tomadach. Bha còrr is mìle duilleag ann. Bha caibideil ann mu ghràmar na Gàidhlig. Agus b’ e a’ chiad fhaclair Gàidhlig a thug sùil air bunachas fhaclan.

Chaidh Armstrong ainmeachadh mar am Faclairiche Gàidhlig Rìoghail do Rìgh Seòras IV dhan robh an leabhar aige air ainmeachadh. Ach, a dh’aindeoin sin, cha robh cùisean buileach rèidh dha, mar a chì sinn an-ath-sheachain.

Robert Armstrong (1)

English Beurla

I was telling you about Robert Armstrong from Perthshire. He put together a Gaelic dictionary early in the 19th century. He was raised in Kenmore at the eastern end of Loch Tay. Robert went to university. He was initially in Edinburgh, and then in St Andrews. He came out as a scholar of Ancient Greek and Latin.

He was ready to be a minister. Instead of that, however, he left for London. He wanted to set up a school in which he would educate the sons of gentlemen.

For more than twenty years, he ran the South Lambeth Grammar School . Armstrong was very successful as a teacher and schoolmaster.

He heard that Comunn Gàidhealach na h-Alba – The Highland Society of Scotland were intending to compile a Gaelic dictionary. They had hired three scholars. But Robert reckoned he could create a dictionary just as well as them.

He was busy with his daily work. He didn’t have much time to compile a dictionary. Despite that, he made good progress. However, when he had gone as far as the letter ‘M’, the publisher’s building was burned to the ground. Robert had to start his work anew. That must have been very hard for him.

He was conscientious as a lexicographer. His dictionary was published in 1825. And how were the three scholars at the Highland Socieity of Scotland getting on? Oh dear ... there would be three more years until their dictionary appeared!

Armstrong’s dictionary was well received, apparently. It was very substantial. It contained more than a thousand pages. There was a chapter in it about Gaelic grammar. And it was the first Gaelic dictionary that looked at etymology.

Armstrong was named Gaelic Lexicographer Royal to King George IV, to whom his book was dedicated. But, despite that, his life was not entirely on an even keel, as we’ll see next week.

Show English

Raibeart Armstrong (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Raibeart Armstrong à Siorrachd Pheairt. Chuir e faclair Gàidhlig ri chèile tràth anns an naoidheamh linn deug. Thogadh e anns a’ Cheannmhor aig ceann an ear Loch Tatha. Chaidh Raibeart don oilthigh. Bha e an toiseach ann an Dùn Èideann, agus an uair sin ann an Cill Rìmhinn. Thàinig e a-mach mar sgoilear de Sheann Ghreugais agus Laidinn.

Bha e deiseil airson a bhith na mhinistear. An àite sin, ge-tà, dh’fhalbh e a Lunnainn. Bha e airson sgoil a chur air dòigh, anns am biodh e ag oideachadh mic dhaoin-uaisle.

Airson còrr is fichead bliadhna, bha e a’ ruith an South Lambeth Grammar School. Bha Armstrong gu math soirbheachail mar neach-teagaisg agus maighstir-sgoile.

Chuala e gun robh Comunn Gàidhealach na h-Alba – The Highland Society of Scotland – am beachd faclair Gàidhlig a chur ri chèile. Bha iad air triùir sgoilearan fhastadh. Ach bha Raibeart dhen bheachd gun dèanadh esan faclair a cheart cho math riutha.

Bha e trang leis an obair làitheil aige. Cha robh cus ùine aige airson faclair a chur ri chèile. A dh’aindeoin sin, rinn e adhartas math. Ge-tà, nuair a bha e air a dhol cho fada ris an litir ‘M’, chaidh togalach an fhoillsicheir a losgadh gu làr. B’ fheudar do Raibeart an obair aige a thòiseachadh às ùr. Feumaidh gun robh sin gu math doirbh dha.

Bha e dìcheallach mar fhaclairiche. Chaidh am faclair aige fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Agus ciamar a bha dol don triùir sgoilearan aig Comunn Gàidhealach na h-Alba? Obh obh ... bha trì bliadhna eile gu bhith ann mus nochdadh am faclair acasan!

Bha fèill air faclair Armstrong, a rèir choltais. Bha e gu math tomadach. Bha còrr is mìle duilleag ann. Bha caibideil ann mu ghràmar na Gàidhlig. Agus b’ e a’ chiad fhaclair Gàidhlig a thug sùil air bunachas fhaclan.

Chaidh Armstrong ainmeachadh mar am Faclairiche Gàidhlig Rìoghail do Rìgh Seòras IV dhan robh an leabhar aige air ainmeachadh. Ach, a dh’aindeoin sin, cha robh cùisean buileach rèidh dha, mar a chì sinn an-ath-sheachain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1096

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile