FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1013: Calum and Màiri (2) 1013: Calum agus Màiri (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Calum agus Màiri (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse sgeulachd mu ghille agus nighean – bràthair is piuthar. Chaidh an gille – Calum – a chall aig muir. Bha a phiuthar – Màiri – fo mhulad.

Feasgar a bha seo, bha Màiri a’ gabhail cuairt air an tràigh. Chaidh i gu uamh. Chunnaic i rud annasach. Bha lorgan-coise – no lorgan-pliuta – ann, a dh’fhàg ròn anns a’ ghainmhich. Air beulaibh na h-uamha, dh’atharraich na lorgan-pliuta gu lorgan-coise duine.

Bha iad annasach. Air a’ chois chlì bha còig òrdagan. Ach, air a’ chois dheis, cha robh ann ach ceithir.

Chaidh Màiri a-steach don uaimh. Na shuidhe ann, bha a bràthair, Calum. Chuir iad an gàirdeanan timcheall a chèile. Bha Màiri cho toilichte a bràthair fhaicinn. ‘Ò, a Chaluim,’ thuirt i, ‘thill thu!

‘Thill,’ dh’aontaich Calum. ‘Ach cha bhi mi ann fada. Nuair a chaidh an t-eathar bun-os-cionn,’ mhìnich em, ‘thug ròn mi gu grunnd na mara. An sin, bha uamh mhòr làn de mhuinntir nan ròn. Buinidh mi dhaibh a-nise.’

Thug Màiri sùil air làmhan Chaluim. Bha craiceann eadar a mheuran. Bha e mar gur e spògan lacha a bha aige. Thug i sùil air a chasan. Air a chois dheis, cha robh òrdag-mhòr.

‘Ò, a Chaluim,’ arsa Màiri, ‘dè thachair don òrdaig-mhòir agad?’

‘Bha muinntir nan ròn ag iarraidh rudeigin bhuam,’ thuirt e. ‘Cha robh dad agam ri thoirt dhaibh ach m’ òrdag-mhòr. Agus cha robh mi ga h-iarraidh co-dhiù.’

‘Thig dhachaigh, a Chaluim,’ thuirt a phiuthar. Tha Mam is Dad air a bhith troimhe-chèile.’

‘Cha tig,’ ars a bràthair. ‘Agus na inns dhaibh gum faca tu mi.’ Dh’aontaich Màiri nach canadh i guth ri a pàrantan. Dh’inns Calum dhi gum faodadh i fhèin tighinn a chèilidh air anns an uaimh uair sam bith.

Nuair a thill Màiri dhachaigh, bha i eadar-dhealaichte. Bha i sona. Bha i toilichte cabadaich le a pàrantan. Chaidh i a-mach às an taigh gu tric le a toil fhèin.

Cha robh fios aig duine gun robh Màiri a’ coinneachadh ri a bràthair anns an uaimh. Ach bha i a’ sgrìobhadh mu dheidhinn ann an leabhar beag dearg – mar a chluinneas sinn nuair a chuireas mi crìoch air an stòiridh an-ath-sheachdain.

Calum and Màiri (2)

English Beurla

I was telling you a story about a boy and girl – a brother and sister. The boy – Malcolm – was lost at sea. His sister – Mary – was devastated.

One evening, Mary was walking on the beach. She went to a cave. She saw a strange thing. There were footprints – or flipper prints – there that a seal had left in the sand. In front of the cave, the flipper prints changed to human footprints.

They were strange. On the left foot were five toes. But, on the right foot, there were only four.

Mary went into a cave. Sitting there was her brother, Malcolm. They put their arms around each other. Mary was so pleased to see her brother. ‘Oh, Malcolm,’ she said, ‘you returned!’

‘Yes,’ agreed Malcolm. ‘But I won’t be here long. When the boat turned turtle,’ he explained, ‘a seal took me to the bottom of the sea. There was a big cave full of seal people there. I belong to them now.’

Mary looked at Malcolm’s hands. There was skin between his fingers. It was as if he had webbed feet. She looked at his feet. On his right foot, there was no big toe.

‘Oh, Malcolm’, said Mary, ‘what happened to your big toe?’

‘The seal people were wanting something from me,’ he said. ‘I had nothing to give them but my big toe. And I wasn’t wanting it anyway.’

‘Come home, Malcolm,’ said his sister. Mum and Dad have been really upset.’

‘No,’ said her brother. ‘And don’t tell them you saw me.’ Mary agreed she would say nothing to her parents. Malcolm told her that she herself could come and visit him in the cave any time.

When Mary returned home, she was different. She was happy. She was pleased to chat with her parents. She went out of the house often of her own volition.

Nobody knew that Mary was meeting her brother in the cave. But she was writing about it in a wee red book – as we’ll hear when I conclude the story next week.

Calum agus Màiri (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse sgeulachd mu ghille agus nighean – bràthair is piuthar. Chaidh an gille – Calum – a chall aig muir. Bha a phiuthar – Màiri – fo mhulad.

Feasgar a bha seo, bha Màiri a’ gabhail cuairt air an tràigh. Chaidh i gu uamh. Chunnaic i rud annasach. Bha lorgan-coise – no lorgan-pliuta – ann, a dh’fhàg ròn anns a’ ghainmhich. Air beulaibh na h-uamha, dh’atharraich na lorgan-pliuta gu lorgan-coise duine.

Bha iad annasach. Air a’ chois chlì bha còig òrdagan. Ach, air a’ chois dheis, cha robh ann ach ceithir.

Chaidh Màiri a-steach don uaimh. Na shuidhe ann, bha a bràthair, Calum. Chuir iad an gàirdeanan timcheall a chèile. Bha Màiri cho toilichte a bràthair fhaicinn. ‘Ò, a Chaluim,’ thuirt i, ‘thill thu!

‘Thill,’ dh’aontaich Calum. ‘Ach cha bhi mi ann fada. Nuair a chaidh an t-eathar bun-os-cionn,’ mhìnich em, ‘thug ròn mi gu grunnd na mara. An sin, bha uamh mhòr làn de mhuinntir nan ròn. Buinidh mi dhaibh a-nise.’

Thug Màiri sùil air làmhan Chaluim. Bha craiceann eadar a mheuran. Bha e mar gur e spògan lacha a bha aige. Thug i sùil air a chasan. Air a chois dheis, cha robh òrdag-mhòr.

‘Ò, a Chaluim,’ arsa Màiri, ‘dè thachair don òrdaig-mhòir agad?’

‘Bha muinntir nan ròn ag iarraidh rudeigin bhuam,’ thuirt e. ‘Cha robh dad agam ri thoirt dhaibh ach m’ òrdag-mhòr. Agus cha robh mi ga h-iarraidh co-dhiù.’

‘Thig dhachaigh, a Chaluim,’ thuirt a phiuthar. Tha Mam is Dad air a bhith troimhe-chèile.’

‘Cha tig,’ ars a bràthair. ‘Agus na inns dhaibh gum faca tu mi.’ Dh’aontaich Màiri nach canadh i guth ri a pàrantan. Dh’inns Calum dhi gum faodadh i fhèin tighinn a chèilidh air anns an uaimh uair sam bith.

Nuair a thill Màiri dhachaigh, bha i eadar-dhealaichte. Bha i sona. Bha i toilichte cabadaich le a pàrantan. Chaidh i a-mach às an taigh gu tric le a toil fhèin.

Cha robh fios aig duine gun robh Màiri a’ coinneachadh ri a bràthair anns an uaimh. Ach bha i a’ sgrìobhadh mu dheidhinn ann an leabhar beag dearg – mar a chluinneas sinn nuair a chuireas mi crìoch air an stòiridh an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1317

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile