ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

492: The Wren 492: An Dreathan-donn

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An Dreathan-donn

Gaelic Gàidhlig

Is mòid i sin, is mòid i sin, mar a thuirt an dreathan-donn nuair a rinn e dileag sa mhuir mhòir. An cuala sibh an seanfhacal sin? Tha e a-mach air daoine a tha a’ smaoineachadh gu bheil iad nas cudromaiche na tha iad. Is mòid i sin, is mòid i sin, mar a thuirt an dreathan-donn nuair a rinn e dileag sa mhuir mhòir.

Tha iad ag ràdh gu bheil an dreathan-donn cho seòlta ri eun sam bith eile. Ach a bheil e nas seòlta na sionnach? Cò dhèanadh a’ chùis ann am farpais eadar dreathan-donn agus sionnach?

Uill, a rèir beul-aithris, bha farpais ann eatarra. Agus seo mar a thachair.

Latha a bha seo, san Earrach, bha dreathan-donn a’ lorg stuth airson nead a thogail. Bha e doirbh an stuth a tharraing a-mach le a ghob. Cha robh e làidir gu leòr.

Cò thàinig seachad ach sionnach. Dh’inns an dreathan dha nach robh e comasach an stuth-neadachaidh a thoirt a-mach. ‘Dè gheibh mi bhuat ma bheir mi taic dhut?’ thuirt an sionnach.

‘O, nuair a tha obair an arbhair seachad as t-fhoghar, bheir mi rudeigin dhut.’

‘Dè na bheir thu dhomh?’ dh’fhaighnich am madadh a-rithist.

Mheòraich an t-eun. An uair sin thuirt e, ‘Peic is ceannan. ’S e sin a gheibh thu – peic is ceannan.’ Nise b’ e peic agus ceannan dà thomhas de ghràin a bhathar a’ cleachdadh anns an t-seann aimsir. A peck and two pecks, ann am Beurla.

Dh’aontaich an sionnach ris a’ bhargan. Thug e taic don dreathan agus dh’fhalbh e.

Nuair a thàinig am foghar, chaidh an sionnach a thadhal air an dreathan-donn. Bha an t-eun trang anns an t-sabhal le a mhic. Chuir an sionnach na chuimhne mar a rinn iad bargan as t-Earrach.

‘Tha cuimhne agam,’ thuirt an dreathan-donn. ‘Thuirt mi riut gun toirinn peic is ceannan dhut.’

‘Tha sin ceart,’ dh’aontaich am madadh-ruadh.

Dh’èigh an dreathan-donn, ‘Peic is Ceannan, Peic is Ceannan!’ Ruith dà chù mhòr a-mach. ’S iad na h-ainmean a bha orra Peic agus Ceannan! Theich an sionnach. Agus sin mar a thug an dreathan-donn an car às an t-sionnach.

The Wren

English Beurla

It’s the bigger of that, it’s the bigger of that, as the wren said when he urinated in the great sea. Have you ever heard that proverb? It concerns people who think they are more important than they are. It’s the bigger of that, it’s the bigger of that, as the wren said when he urinated in the great sea.

They say that the wren is as cunning as any other bird. But is it more cunning than a fox? Who would win in a competition between a wren and a fox?

Well, according to oral tradition, there was a competition between them. And here’s what happened.

One day, in Spring, the wren was looking for stuff to make a nest. It was difficult to pull out the material with its beak. It wasn’t strong enough.

Who came past but a fox. The wren told him that he wasn’t capable of pulling out the nesting material. ‘What will I get from you if I help you?’ said the fox.

‘Oh, when the work with the corn is finished in the autumn, I’ll give you something.’

‘What will you give me?’ the fox asked again.

The bird considered the matter. Then he said, ‘Peic and ceannan. That’s what you’ll get – peic and ceannan.’ Now, a peic and ceannan were two measures of grain that were being used in olden times. A peck and two pecks, in English.

The fox agreed to the bargain. He assisted the wren and he left.

When the autumn came, the fox went to visit the wren. The bird was busy in the barn with his sons. The fox reminded him how they made a bargain in the Spring.

‘I remember,’ the wren said. ‘I said to you that I’d give you a peic and a ceannan.’

‘That’s correct,’ agreed the fox.

The wren shouted, ‘Peic and Ceannan, Peic and Ceannan!’ Two large dogs ran out. Their names were Peic and Ceannan! The fox fled. And that’s how the wren tricked the fox.

Show English

An Dreathan-donn

Gaelic Gàidhlig

Is mòid i sin, is mòid i sin, mar a thuirt an dreathan-donn nuair a rinn e dileag sa mhuir mhòir. An cuala sibh an seanfhacal sin? Tha e a-mach air daoine a tha a’ smaoineachadh gu bheil iad nas cudromaiche na tha iad. Is mòid i sin, is mòid i sin, mar a thuirt an dreathan-donn nuair a rinn e dileag sa mhuir mhòir.

Tha iad ag ràdh gu bheil an dreathan-donn cho seòlta ri eun sam bith eile. Ach a bheil e nas seòlta na sionnach? Cò dhèanadh a’ chùis ann am farpais eadar dreathan-donn agus sionnach?

Uill, a rèir beul-aithris, bha farpais ann eatarra. Agus seo mar a thachair.

Latha a bha seo, san Earrach, bha dreathan-donn a’ lorg stuth airson nead a thogail. Bha e doirbh an stuth a tharraing a-mach le a ghob. Cha robh e làidir gu leòr.

Cò thàinig seachad ach sionnach. Dh’inns an dreathan dha nach robh e comasach an stuth-neadachaidh a thoirt a-mach. ‘Dè gheibh mi bhuat ma bheir mi taic dhut?’ thuirt an sionnach.

‘O, nuair a tha obair an arbhair seachad as t-fhoghar, bheir mi rudeigin dhut.’

‘Dè na bheir thu dhomh?’ dh’fhaighnich am madadh a-rithist.

Mheòraich an t-eun. An uair sin thuirt e, ‘Peic is ceannan. ’S e sin a gheibh thu – peic is ceannan.’ Nise b’ e peic agus ceannan dà thomhas de ghràin a bhathar a’ cleachdadh anns an t-seann aimsir. A peck and two pecks, ann am Beurla.

Dh’aontaich an sionnach ris a’ bhargan. Thug e taic don dreathan agus dh’fhalbh e.

Nuair a thàinig am foghar, chaidh an sionnach a thadhal air an dreathan-donn. Bha an t-eun trang anns an t-sabhal le a mhic. Chuir an sionnach na chuimhne mar a rinn iad bargan as t-Earrach.

‘Tha cuimhne agam,’ thuirt an dreathan-donn. ‘Thuirt mi riut gun toirinn peic is ceannan dhut.’

‘Tha sin ceart,’ dh’aontaich am madadh-ruadh.

Dh’èigh an dreathan-donn, ‘Peic is Ceannan, Peic is Ceannan!’ Ruith dà chù mhòr a-mach. ’S iad na h-ainmean a bha orra Peic agus Ceannan! Theich an sionnach. Agus sin mar a thug an dreathan-donn an car às an t-sionnach.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 796

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile