ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

234: Goats 234: Gobhair

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Gobhair

Gaelic Gàidhlig

Chunnaic mi gobhair as t-samhradh. Chan eil mi a’ ciallachadh gobhair aig tuathanach. Tha mi a’ ciallachadh gobhair fhiadhaich anns a’ mhonadh.

Bha mi a’ coiseachd ann am Frìth Leitir Iù. Bha mi ann an Gleann Bianasdail. Faisg air làimh bha Meallan Ghobhar. Chunnaic mi ceumannan anns an fhraoch. Bha an talamh cas. ’S iad gobhair a rinn na ceumannan.

Bha an cù agam air thoiseach orm. Stad e. Bha e a’ coimhead air rudeigin. ’S e boc gobhair a bha ann. Bha am boc mòr agus bha adharcan mòra air.

Bha mi a’ leughadh rudeigin annasach mu ghobhair. Bha na seann daoine ag ràdh gun robh gobhair ag ithe nathraichean. Tha seanfhacal againn a tha a-mach air sin. Chruinnich Alasdair MacNeacail an seanfhacal sin airson an leabhair aige “Gaelic Proverbs”.

Seo an seanfhacal: Cleas na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach. The goat’s trick is to eat the snake, eating away and still complaining. Cleas na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach.

Tha MacNeacail ag innse dhuinn gun robh na Gàidheil – ann an cuid de cheàrnaidhean co-dhiù – dhen bheachd gun robh gobhair ag ithe nathraichean. An toiseach bha gobhar a’ stampadh air ceann nathrach. An uair sin bha e ag ithe na nathrach. Bha e a’ tòiseachadh leis an earball. Fhad ’s a bha gobhar a’ dèanamh sin, bha e a’ dèanamh fuaim. Bha e coltach ri bhith a’ talach no a’ gearain.

Bha mi ag iarraidh faighinn a-mach a bheil sin clàraichte ann an àiteachan eile. Chaidh mi gu màthair-uisge an fhiosrachaidh. Dè tha mi a’ ciallachadh le sin? “The wellspring of knowledge”. Seadh – an t-eadar-lìon.

Tha bhidiothan air an eadar-lìon de nathraichean ag ithe ghobhar. Chan eil iad snog idir. Ach lorg mi aon chunntas de ghobhar a dh’ith nathair. Tha fear anns na h-Innseachan. ’S e Mohammed Pasha an t-ainm a tha air. Bidh Mohammed a’ reic èisg.

Bha gobhar aig Mohammed. Agus bha an gobhar ag ithe an èisg! Aon turas, a rèir Mhohammed, dh’ith an gobhar nathair. ’S dòcha gur e an fhìrinn a tha anns an t-seanfhacal!

Goats

English Beurla

I saw goats in the summer. I don’t mean a farmer’s goat. I mean wild goats on the hills.

I was walking in the deer forest of Letterewe. I was in Glen Bianasdail. Close by there was Meallan Ghobhar [little rounded hill of the goats]. I saw tracks in the heather. The ground was steep. It is goats that made the paths.

My dog was ahead of me. He stopped. He was looking at something. It was a billy goat. The billy goat was big and had big horns.

I was reading an unusual thing about goats. The old people were saying that goats ate snakes. We have a proverb that concerns that. Alexander Nicolson collected that proverb for his book “Gaelic Proverbs”.

Here is the proverb: The goat’s trick is to eat the snake, eating away and still complaining. The goat’s trick is to eat the snake, eating away and still complaining. The goat’s trick is to eat the snake, eating away and still complaining.

Nicolson tells us that the Gaels – in some places at least – were of the opinion that goats ate snakes. To begin with a goat was stamping on a snake’s head. Then it was eating the snake. It started with the tail. While the goat was doing that, it was making a noise. It was like [it was] complaining.

I was wanting to find out if that is recorded in other places. I went to the wellspring of knowledge. What do I mean by that? “The wellspring of knowledge”. Aye – the internet.

There are videos on the internet of snakes eating goats. They’re not nice at all. But I found one account of a goat which ate a snake. There is a man in India. His name is Mohammed Pasha. Mohammed sells fish.

Mohammed had a goat. And the goat was eating the fish! One time, according to Mohammed, the goat ate a snake. Perhaps the proverb was telling the truth!

Show English

Gobhair

Gaelic Gàidhlig

Chunnaic mi gobhair as t-samhradh. Chan eil mi a’ ciallachadh gobhair aig tuathanach. Tha mi a’ ciallachadh gobhair fhiadhaich anns a’ mhonadh.

Bha mi a’ coiseachd ann am Frìth Leitir Iù. Bha mi ann an Gleann Bianasdail. Faisg air làimh bha Meallan Ghobhar. Chunnaic mi ceumannan anns an fhraoch. Bha an talamh cas. ’S iad gobhair a rinn na ceumannan.

Bha an cù agam air thoiseach orm. Stad e. Bha e a’ coimhead air rudeigin. ’S e boc gobhair a bha ann. Bha am boc mòr agus bha adharcan mòra air.

Bha mi a’ leughadh rudeigin annasach mu ghobhair. Bha na seann daoine ag ràdh gun robh gobhair ag ithe nathraichean. Tha seanfhacal againn a tha a-mach air sin. Chruinnich Alasdair MacNeacail an seanfhacal sin airson an leabhair aige “Gaelic Proverbs”.

Seo an seanfhacal: Cleas na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach. The goat’s trick is to eat the snake, eating away and still complaining. Cleas na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach.

Tha MacNeacail ag innse dhuinn gun robh na Gàidheil – ann an cuid de cheàrnaidhean co-dhiù – dhen bheachd gun robh gobhair ag ithe nathraichean. An toiseach bha gobhar a’ stampadh air ceann nathrach. An uair sin bha e ag ithe na nathrach. Bha e a’ tòiseachadh leis an earball. Fhad ’s a bha gobhar a’ dèanamh sin, bha e a’ dèanamh fuaim. Bha e coltach ri bhith a’ talach no a’ gearain.

Bha mi ag iarraidh faighinn a-mach a bheil sin clàraichte ann an àiteachan eile. Chaidh mi gu màthair-uisge an fhiosrachaidh. Dè tha mi a’ ciallachadh le sin? “The wellspring of knowledge”. Seadh – an t-eadar-lìon.

Tha bhidiothan air an eadar-lìon de nathraichean ag ithe ghobhar. Chan eil iad snog idir. Ach lorg mi aon chunntas de ghobhar a dh’ith nathair. Tha fear anns na h-Innseachan. ’S e Mohammed Pasha an t-ainm a tha air. Bidh Mohammed a’ reic èisg.

Bha gobhar aig Mohammed. Agus bha an gobhar ag ithe an èisg! Aon turas, a rèir Mhohammed, dh’ith an gobhar nathair. ’S dòcha gur e an fhìrinn a tha anns an t-seanfhacal!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 538

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile