ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

604: Donald Campbell, ‘The Kingussie Bard (1) 604: Dòmhnall Phàil, Bàrd Cheann a’ Ghiùthsaich (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Dòmhnall Phàil, Bàrd Cheann a’ Ghiùthsaich (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an Ceann a’ Ghiùthsaich as t-fhoghar. Chunnaic mi sanas air togalach. Bha e a’ sanasachd cladh air cùl nan taighean. Tha Dòmhnall Phàil air a thiodhlacadh ann.

Eadhon do Ghàidheil nach buin do Bhàideanach – mar mi fhìn – tha sinn eòlach air an duine mar ‘Dòmhnall Phàil’. ʼS e Dòmhnall Caimbeul a bha air mar ainm oifigeil. Tha e aithnichte mar ‘Bhàrd Cheann a’ Ghiùthsaich’. Agus tha e ainmeil air feadh na Gàidhealtachd mar ùghdar an òrain ‘Guma slàn do na Fearaibh’. Seo a’ chiad dà rann dhuibh.

Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain, Gu talamh a’ gheallaidh, Far nach fhairich iad fuachd, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Guma slàn do na mnathan, Nach cluinnear an gearan, ʼS ann thèid iad gu smearail, Gar leantainn thar ʼchuain. Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Tha am bàrd a’ leigeil soraidh le feadhainn a tha a’ fàgail Bhàideanach. Tha iad a’ falbh thar a’ chuain gu ruige Sydney ann an Astràilia.

Tha Tòmas Sinton ag innse dhuinn mun òran anns an leabhar aige The Poetry of Badenoch. Tha e a’ dol air ais don bhliadhna ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). Dh’fhalbh mòran à Ceann a’ Ghiùthsaich gu ruige an t-Òban. Bha an soitheach, St George, a’ feitheamh riutha an sin.

Bha sluagh mòr ann an Ceann a’ Ghiùthsaich an latha a dh’fhalbh iad. Bha na h-eilthireach a’ falbh agus bha mòran ann airson Fèill Chaluim Chille. Tha Sinton ag innse dhuinn gun deach an sluagh gu mullach na Creige Bige, an cnoc os cionn a’ bhaile. Bha luchd-ciùil nam measg. Bha na deòir a’ ruith, agus daoine a’ fàgail dùthaich an àraich agus an dlùth-chàirdean. Bha Dòmhnall Phàil fhèin an dùil leantainn orra, ach cha do lean.

Bheir sinn sùil a bharrachd air an duine an-ath-sheachdain. Ach, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh rann eile bhon òran Guma Slàn do na Fearaibh:

Gheibh sinn aran is ìm ann, Gheibh sinn siùcar is tì ann, ʼS cha bhi gainne oirnn fhìn, San tìr sa bheil buaidh, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Donald Campbell, ‘The Kingussie Bard (1)

English Beurla

I was in Kingussie in the autumn. I saw a sign on a building. It was advertising a cemetery behind the houses. Dòmhnaill Phàil is buried there.

Even to Gaels who don’t belong to Badenoch – like me – we know the man as ‘Dòmhnall Phàil’. Donald Campbell was his official name. He is known as ‘The Kingussie Bard’. And he is famous throughout the Highlands as the author of the song ‘Guma Slàn do na Fearaibh’. Here are the first two verses for you.

A health to the men, who’ll go over the ocean, to the land of promise, where they won’t feel cold, a health to the men, who’ll go over the ocean.

A health to the wives, a complaint will not be heard, they’ll go heartily, following us over the ocean, a health to the men, who’ll go over the ocean.

The bard is farewelling those who are leaving Badenoch. They are going over the ocean to Sydney in Australia.

Thomas Sinton tells us about the song in his book The Poetry of Badenoch. It goes back to the year 1838. Many left Kingussie for Oban. The vessel, St George, was waiting for them there.

There were a lot of people in Kingussie the day they left. The emigrants were leaving and many people were there for Columba’s feast day. Sinton tells us that the host went to the summit of the Creag Bheag, the hill above the village. There were musicians among them. The tears were flowing, with people leaving the land of their upbringing and their close relatives. Dòmhnall Phàil was expecting to follow them, but he didn’t.

We’ll take a further look at the man next week. But to finish the Litir, here is another verse from the song Guma Slàn do na Fearaibh:

We’ll get bread and butter there, we’ll get sugar and tea there, we will not suffer want, in the land of plenty, a health to the men, who’ll go over the ocean.

Show English

Dòmhnall Phàil, Bàrd Cheann a’ Ghiùthsaich (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an Ceann a’ Ghiùthsaich as t-fhoghar. Chunnaic mi sanas air togalach. Bha e a’ sanasachd cladh air cùl nan taighean. Tha Dòmhnall Phàil air a thiodhlacadh ann.

Eadhon do Ghàidheil nach buin do Bhàideanach – mar mi fhìn – tha sinn eòlach air an duine mar ‘Dòmhnall Phàil’. ʼS e Dòmhnall Caimbeul a bha air mar ainm oifigeil. Tha e aithnichte mar ‘Bhàrd Cheann a’ Ghiùthsaich’. Agus tha e ainmeil air feadh na Gàidhealtachd mar ùghdar an òrain ‘Guma slàn do na Fearaibh’. Seo a’ chiad dà rann dhuibh.

Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain, Gu talamh a’ gheallaidh, Far nach fhairich iad fuachd, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Guma slàn do na mnathan, Nach cluinnear an gearan, ʼS ann thèid iad gu smearail, Gar leantainn thar ʼchuain. Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Tha am bàrd a’ leigeil soraidh le feadhainn a tha a’ fàgail Bhàideanach. Tha iad a’ falbh thar a’ chuain gu ruige Sydney ann an Astràilia.

Tha Tòmas Sinton ag innse dhuinn mun òran anns an leabhar aige The Poetry of Badenoch. Tha e a’ dol air ais don bhliadhna ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). Dh’fhalbh mòran à Ceann a’ Ghiùthsaich gu ruige an t-Òban. Bha an soitheach, St George, a’ feitheamh riutha an sin.

Bha sluagh mòr ann an Ceann a’ Ghiùthsaich an latha a dh’fhalbh iad. Bha na h-eilthireach a’ falbh agus bha mòran ann airson Fèill Chaluim Chille. Tha Sinton ag innse dhuinn gun deach an sluagh gu mullach na Creige Bige, an cnoc os cionn a’ bhaile. Bha luchd-ciùil nam measg. Bha na deòir a’ ruith, agus daoine a’ fàgail dùthaich an àraich agus an dlùth-chàirdean. Bha Dòmhnall Phàil fhèin an dùil leantainn orra, ach cha do lean.

Bheir sinn sùil a bharrachd air an duine an-ath-sheachdain. Ach, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh rann eile bhon òran Guma Slàn do na Fearaibh:

Gheibh sinn aran is ìm ann, Gheibh sinn siùcar is tì ann, ʼS cha bhi gainne oirnn fhìn, San tìr sa bheil buaidh, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 908

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile