ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

528: Mabinogion 528: Mabinogion

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Mabinogion

Gaelic Gàidhlig

As t-Earrach am-bliadhna, ghabh mi cuairt don Chuimrigh. Bha fear as aithne dhomh a’ ruith cùrsa. Bha e a’ toirt sùil air tè de sgeulachdan nam Mabinogion. A bheil sibh eòlach air na Mabinogion? ’S iad seann sgeulachdan na Cuimrigh.

Bha an cùrsa a’ sealltainn dhuinn nan àiteachan far an do thachair na diofar phàirtean dhen sgeulachd. Tha iad air an comharrachadh air aghaidh na tìre. Agus, ann an aon àite, air grunnd na mara!

B’ e an sgeulachd a chaidh aithris dhuinn ‘Math, Mac Mhathonwy’. Anns an sgeulachd, tha caractar air a bheil Lleu. Tha an aon tùs aige ri Lugh, an seann ghaisgeach is dia pàganach Gàidhealach. Tha Lugh ainmichte againn anns a’ mhìos – An Lùnastal. Tha Lleu ainmichte ann an àiteachan ann an ceann a tuath na Cuimrigh, leithid Nantlle ‘allt Lleu’.

Tha an stòiridh ro fhada airson innse dhuibh air fad. Ach bu mhath leam earrann dheth aithris dhuibh.

Bha Math, mòr-mhaor Gwynedd a’ lorg òigh. Chuir e fios gu Arianrhod, nighean piuthar dha.

‘A bheil thu nad òigh?’ dh’fhaighnich e.

‘Tha,’ fhreagair Arianrhod.

Thug Math a shlat dhraoidheil a-mach. Dh’iarr e air a’ bhoireannach òg ceum a ghabhail thairis oirre. Nuair a rinn i sin, rugadh leanabh-gille dhi. ’S e leanabh mòr a bha ann. Rinn Arianrhod air an doras. Fhad ’s a bha i a’ dèanamh sin, rugadh leanabh-gille eile dhi. Bha am fear sin beag. Chuir bràthair Arianrhod, Gwydion, còmhdach thairis air. Chuir e am falach e ann an ciste.

Tuigidh sibh nach e òigh a bha ann an Arianrhod. Bha dithis leanabh aice. A’ chiad fhear, ’s e Dylan a bha air mar ainm. Tha sin a’ ciallachadh ‘Cuan’. Bha e air a bhaisteadh. An uair sin chaidh e don mhuir. Chaidh e fodha. Bha e a’ snàmh cho math ri iasg.

Thill Gwydion don ghille bheag. Thug e don bhaile faisg air làimh e. Dh’aontaich boireannach an sin an gille a thogail. Cha robh ainm air aig an àm sin.

An-ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh mu àiteachan air cladach brèagha na Cuimrigh far a bheil Arianrhod, Dylan agus an gille beag air an ainmeachadh.

Mabinogion

English Beurla

In the spring of this year, I took a trip to Wales. A man I know was running a course. He was looking at one of the stories of the Mabinogion. Do you know the Mabinogion? They are the ancient stories of Wales.

The course was showing us the places where the different parts of the story happened. They are marked on the face of the land. And, in one place, on the seabed!

The story that was told to us was ‘Math, Son of Mathonwy’. In the tale, there is a character called Lleu. He shares an origin with Lugh, the old hero and Gaelic pagan god. Lugh is named with us in the month – An Lùnastal (August). Lleu is named in places in North Wales, such as Nantlle ‘the stream of Lleu’.

The story is too long to tell you in its entirety. But I’d like to tell you a segment of it.

Math, the leader of Gwynedd was looking for a virgin. He sent a message to Arianrhod, his sister’s daughter.

‘Are you a virgin?’ he asked.

‘Yes,’ replied Arianrhod.

Math took out his magic wand. He asked the young woman to step over it. When she did that, she gave birth to a baby boy. He was a big baby. Arianrhod made for the door. While she was doing that, she gave birth to another baby boy. That one was small. Arianrhod’s brother, Gwydion, put a cover over him. He hid him in a chest.

You’ll understand that Arianrhod was not a virgin. She had two babies. The first one, his name was Dylan. That means ‘Ocean’. He was baptized. Then he went to the sea. He submerged himself. He was swimming like a fish.

Gwydion returned to the wee lad. He took him to the nearby village. A woman there agreed to raise the boy. He didn’t have a name at that time.

Next week, I’ll tell you about places on the beautiful coast of Wales, where Arianrhod, Dylan and the wee lad are named.

Show English

Mabinogion

Gaelic Gàidhlig

As t-Earrach am-bliadhna, ghabh mi cuairt don Chuimrigh. Bha fear as aithne dhomh a’ ruith cùrsa. Bha e a’ toirt sùil air tè de sgeulachdan nam Mabinogion. A bheil sibh eòlach air na Mabinogion? ’S iad seann sgeulachdan na Cuimrigh.

Bha an cùrsa a’ sealltainn dhuinn nan àiteachan far an do thachair na diofar phàirtean dhen sgeulachd. Tha iad air an comharrachadh air aghaidh na tìre. Agus, ann an aon àite, air grunnd na mara!

B’ e an sgeulachd a chaidh aithris dhuinn ‘Math, Mac Mhathonwy’. Anns an sgeulachd, tha caractar air a bheil Lleu. Tha an aon tùs aige ri Lugh, an seann ghaisgeach is dia pàganach Gàidhealach. Tha Lugh ainmichte againn anns a’ mhìos – An Lùnastal. Tha Lleu ainmichte ann an àiteachan ann an ceann a tuath na Cuimrigh, leithid Nantlle ‘allt Lleu’.

Tha an stòiridh ro fhada airson innse dhuibh air fad. Ach bu mhath leam earrann dheth aithris dhuibh.

Bha Math, mòr-mhaor Gwynedd a’ lorg òigh. Chuir e fios gu Arianrhod, nighean piuthar dha.

‘A bheil thu nad òigh?’ dh’fhaighnich e.

‘Tha,’ fhreagair Arianrhod.

Thug Math a shlat dhraoidheil a-mach. Dh’iarr e air a’ bhoireannach òg ceum a ghabhail thairis oirre. Nuair a rinn i sin, rugadh leanabh-gille dhi. ’S e leanabh mòr a bha ann. Rinn Arianrhod air an doras. Fhad ’s a bha i a’ dèanamh sin, rugadh leanabh-gille eile dhi. Bha am fear sin beag. Chuir bràthair Arianrhod, Gwydion, còmhdach thairis air. Chuir e am falach e ann an ciste.

Tuigidh sibh nach e òigh a bha ann an Arianrhod. Bha dithis leanabh aice. A’ chiad fhear, ’s e Dylan a bha air mar ainm. Tha sin a’ ciallachadh ‘Cuan’. Bha e air a bhaisteadh. An uair sin chaidh e don mhuir. Chaidh e fodha. Bha e a’ snàmh cho math ri iasg.

Thill Gwydion don ghille bheag. Thug e don bhaile faisg air làimh e. Dh’aontaich boireannach an sin an gille a thogail. Cha robh ainm air aig an àm sin.

An-ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh mu àiteachan air cladach brèagha na Cuimrigh far a bheil Arianrhod, Dylan agus an gille beag air an ainmeachadh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 832

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile