ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

94: Mice 94: Luchan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Luchan

Gaelic Gàidhlig

An toigh leibh luchan? Is toigh leam fhìn iad. Bha tè gheal aig mo nighinn mar pheata. Tha seanfhaclan gu leòr againn ann an Gàidhlig co-cheangailte ri luchan. Mar eisimpleir, is bean-taighe an luchag na taigh fhèinthe little mouse is mistress in her own house. Is bean-taighe an luchag na taigh fhèin.

Tha claisneachd mhath aig luchan. Uill, tha cluasan mòra aca, nach eil? Canaidh daoine – an rud a bhios sàmhach, cha chluinn na luchan e. What is silent the mice won’t hear. An rud a bhios sàmhach, cha chluinn na luchan e.

Bidh luchan a’ nochdadh ann an samhlaidhean, no similes, cuideachd. Mar eisimpleir, cho umhal ri luch fo spòg a’ chait. As humble as a mouse beneath the cat’s paw. Cho umhal ri luch fo spòg a’ chait.

Seo agaibh a-nise rann do chloinn anns a bheil luch – agus cat. Bidh an cat a’ sealg:

Thuirt an luch bheag, ’s i san toll,

Dè am fonn a th’ air a’ chat ghlas?

Fonn math is deagh shaod

Gum faodadh tusa tighinn a-mach.

Is mòr m’ eagal ron dubhan chrom

A th’ agad ann am bonn do chas,

Mharbh thu mo phiuthar an-dè

’S fhuair mi fhìn air èiginn às

Canaidh mi an rann a-rithist. Tuigidh sibh gu bheil an luch bheag agus an cat glas a’ bruidhinn ri chèile. Mharbh an cat piuthar na lucha an-dè. Cha mhòr nach do mharbh e an luch fhèin cuideachd.

Thuirt an luch bheag, ’s i san toll,

Dè am fonn a th’ air a’ chat ghlas?

Fonn math is deagh shaod

Gum faodadh tusa tighinn a-mach.

Is mòr m’ eagal ron dubhan chrom

A th’ agad ann am bonn do chas,

Mharbh thu mo phiuthar an-dè

’S fhuair mi fhìn air èiginn às

Uill, bha freagairt aig a’ chat. Seo na thuirt an cat:

Cha mhis’ a bha sin ach cat Iain Ruaidh

A b’ àbhaist a bhith a’ ruagadh chearc,

Ghoid i an càis’ a bha sa chliabh

’S dh’ith i ’n t-iasg a bha sa phreas.

Seo e a-rithist.

Cha mhis’ a bha sin ach cat Iain Ruaidh

A b’ àbhaist a bhith a’ ruagadh chearc,

Ghoid i an càis’ a bha sa chliabh

’S dh’ith i ’n t-iasg a bha sa phreas.

Mar sin leibh an-dràsta.

Faclan is abairtean: an toigh leibh luchan?: do you like mice?; bha tè gheal aig mo nighinn mar pheata: my daughter had a white one as a pet; is bean-taighe an luchag na taigh fhèin: the little mouse is mistress in her own house; claisneachd mhath: a good sense of hearing; an rud a bhios sàmhach, cha chluinn na luchan e: what is silent, the mice won’t hear; cho umhal ri luch fo spòg a’ chait:as humble as a mouse beneath the cat’s paw; rann do chloinn: a rhyme for children; sealg: hunting; ’s i san toll:when she was in the [mouse]hole; dè am fonn a th’ air a’ chat ghlas?: what form is the grey cat in?; fonn math is deagh shaod: good form and good condition; gum faodadh tusa tighinn a-mach: that you might come out; is mòr m’ eagal ron dubhan chrom [the mouse is now speaking]: great is my fear of the bent hook [claw]; ann am bonn do chas: at the bottom of your feet; mharbh thu mo phiuthar an-dè: you killed my sister yesterday; fhuair mi fhìn air èiginn às: I only just escaped myself; tuigidh sibh gu bheil an luch bheag agus an cat glas a’ bruidhinn ri chèile: you will understand that the little mouse and the grey cat are speaking to each other; mharbh an cat piuthar na lucha: the cat killed the mouse’s sister; cha mhis’ a bha sin ach cat Iain Ruaidh: that wasn’t me but red-haired John’s cat; a b’ àbhaist a bhith a’ ruagadh chearc: that used to be chasing hens; ghoid i an càis’ a bha sa chliabh: she stole the cheese that was in the creel; dh’ith i ’n t-iasg a bha sa phreas: she ate the fish that was in the cupboard.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 398

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile