ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

676: The Raasay Monster (1) 676: Uilebheist Ratharsair (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Uilebheist Ratharsair (1)

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh riamh an sgeulachd ‘MacMhuirich Ratharsair’? Bha MacMhuirich beò o chionn fhada ann an Ratharsair. Bha e ainmeil mar shealgair. Latha a bha seo, bha e a’ sealg faisg air Dùn Cana, a’ bheinn as àirde anns an eilean. Mharbh e fiadh agus ghreallaich e e. Chuir e air a’ ghualainn e. Bha e a’ coiseachd ri taobh Loch na Mèilich nuair a chuala e fuaim – mèilich.

Bha fios aig MacMhuirich nach e caora no gobhar a bha ga dhèanamh. Chuir e am fiadh far a ghuailne. Rannsaich e anns an fhraoch. Lorg e creutair annasach. Bha e molach le spògan mòra agus sùilean mòra. Bha eagal air ron t-sealgair. Cha robh e ach òg.

Chuir MacMhuirich an creutair am broinn a chòta. Thog e am fiadh agus chaidh e dhachaigh. Bha e a’ gabhail a dhinneir nuair a dh’fhàs an seòmar dorch. Bha ceann mòr grànda aig an uinneig.

Bha fios aig MacMhuirich dè bha ann – Uilebheist Ratharsair. ‘Thoir dhomh mo leanabh air ais,’ thuirt an t-Uilebheist.

‘Tha e a’ tighinn air èirig,’ fhreagair MacMhuirich.

‘Dè an èirig?’ dh’fhaighnich an t-Uilebheist.

‘Feumaidh tu cabhsair math a thogail tarsainn Loch Storab,’ thuirt MacMhuirich.

‘ʼS e obair dhoirbh a tha sin,’ thuirt an t-Uilebheist. ‘Ach ma thogas mi e, am faigh mi an leanabh agam air ais slàn, sàbhailte?’

‘Gheibh,’ arsa MacMhuirich.

Dh’fhalbh an t-Uilebheist. Thill e mu mheadhan-oidhche. ‘Rinn mi an obair,’ thuirt e. ‘Tha an cabhsair dèante.’

‘Tha an leanabh air èirig fhathast,’ arsa MacMhuirich.

‘Phàigh mi an èirig!’ dh’èigh an t-Uilebheist. Bha e a-nise a’ fàs feargach.

‘Cha do phàigh gu lèir,’ thuirt MacMhuirich. ‘Feumaidh tu gach fàd mònach agam aig a’ pholl-mhònach a thoirt dhachaigh, agus cruach a dhèanamh dhiubh aig ceann an taigh agam.’

Dh’èigh an t-Uilebheist gur e bleigeard gun chogais a bha ann am MacMhuirich. Ach cha robh roghainn aige. Dh’fhalbh e airson a’ mhòine a thoirt dhachaigh. Nuair a bha an obair dèante, thill e gu taigh MhicMhuirich. ‘Tha a’ chruach-mhònach togte,’ thuirt e. ‘Nise, thoir dhomh mo leanabh.’ Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an-ath-sheachdain.

The Raasay Monster (1)

English Beurla

Did you ever hear the story of ‘MacVurich of Raasay’? MacVurich lived a long time ago on Raasay. He was famous as a hunter. One day, he was hunting near Dùn Cana, the highest hill on the island. He killed a deer and gralloched it. He put it on his shoulder. He was walking next to Loch na Mèilich when he heard a noise – bleating.

MacVurich knew it was not a sheep or goat that was making it. He put the deer from his shoulder. He found an unusual creature. It was shaggy with big paws and large eyes. It was afraid of the hunter. It was only young.

MacVurich put the creature inside his coat. He picked up the deer and he went home. He was taking his dinner when the room went dark. There was a big ugly head at the window.

MacVurich knew what it was – the Raasay monster. ‘Give me back my baby,’ said the monster.

‘It comes under ransom,’ replied MacVurich.

‘What ransom?’ asked the monster.

‘You must build a good causeway across Loch Storab,’ said MacVurich.

‘Thatʼs difficult work,’ said the monster. ‘But if I build it, will I get my baby back without harm?’

‘Yes,’ said MacVurich.

The monster left. It returned about midnight. ‘I’ve done the work,’ it said. ‘The causeway is made.’

‘The baby is still under ransom,’ said MacVurich.

‘I paid the ransom!’ shouted the monster. It was now getting angry.

‘Not entirely,’said MacVurich. ‘You must take all of my peats home from the peat-bank, and make a stack of them at the end of my house.’

The monster shouted that MacVurich was a villain without conscience. But it had no choice. It left to bring the peat home. When the work was done, it returned to MacVurichʼs house. ‘The peat-stack is built,’ it said. ‘Now, give me my baby.’ And I’ll tell you what happened next week.

Show English

Uilebheist Ratharsair (1)

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh riamh an sgeulachd ‘MacMhuirich Ratharsair’? Bha MacMhuirich beò o chionn fhada ann an Ratharsair. Bha e ainmeil mar shealgair. Latha a bha seo, bha e a’ sealg faisg air Dùn Cana, a’ bheinn as àirde anns an eilean. Mharbh e fiadh agus ghreallaich e e. Chuir e air a’ ghualainn e. Bha e a’ coiseachd ri taobh Loch na Mèilich nuair a chuala e fuaim – mèilich.

Bha fios aig MacMhuirich nach e caora no gobhar a bha ga dhèanamh. Chuir e am fiadh far a ghuailne. Rannsaich e anns an fhraoch. Lorg e creutair annasach. Bha e molach le spògan mòra agus sùilean mòra. Bha eagal air ron t-sealgair. Cha robh e ach òg.

Chuir MacMhuirich an creutair am broinn a chòta. Thog e am fiadh agus chaidh e dhachaigh. Bha e a’ gabhail a dhinneir nuair a dh’fhàs an seòmar dorch. Bha ceann mòr grànda aig an uinneig.

Bha fios aig MacMhuirich dè bha ann – Uilebheist Ratharsair. ‘Thoir dhomh mo leanabh air ais,’ thuirt an t-Uilebheist.

‘Tha e a’ tighinn air èirig,’ fhreagair MacMhuirich.

‘Dè an èirig?’ dh’fhaighnich an t-Uilebheist.

‘Feumaidh tu cabhsair math a thogail tarsainn Loch Storab,’ thuirt MacMhuirich.

‘ʼS e obair dhoirbh a tha sin,’ thuirt an t-Uilebheist. ‘Ach ma thogas mi e, am faigh mi an leanabh agam air ais slàn, sàbhailte?’

‘Gheibh,’ arsa MacMhuirich.

Dh’fhalbh an t-Uilebheist. Thill e mu mheadhan-oidhche. ‘Rinn mi an obair,’ thuirt e. ‘Tha an cabhsair dèante.’

‘Tha an leanabh air èirig fhathast,’ arsa MacMhuirich.

‘Phàigh mi an èirig!’ dh’èigh an t-Uilebheist. Bha e a-nise a’ fàs feargach.

‘Cha do phàigh gu lèir,’ thuirt MacMhuirich. ‘Feumaidh tu gach fàd mònach agam aig a’ pholl-mhònach a thoirt dhachaigh, agus cruach a dhèanamh dhiubh aig ceann an taigh agam.’

Dh’èigh an t-Uilebheist gur e bleigeard gun chogais a bha ann am MacMhuirich. Ach cha robh roghainn aige. Dh’fhalbh e airson a’ mhòine a thoirt dhachaigh. Nuair a bha an obair dèante, thill e gu taigh MhicMhuirich. ‘Tha a’ chruach-mhònach togte,’ thuirt e. ‘Nise, thoir dhomh mo leanabh.’ Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 980

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile