ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

109: Diarmaid and Gràinne 109: Diarmaid agus Gràinne

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Diarmaid agus Gràinne

Gaelic Gàidhlig

Tha sgeulachd ainmeil co-cheangailte ri Beinn Ghulbain. Tha Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh. ’S e an t-ainm air an sgeulachd “Diarmaid agus Gràinne”. Seo agaibh geàrr-chunntas dhith.

Bha Fionn MacCumhail a’ dol a phòsadh Gràinne. Bha cuirm mhòr aca. Bha Diarmaid aig a’ chuirm. ’S e fear eireachdail a bh’ ann. Bha ball-seirce air aodann – a love spot. Ball-seirce. Bha e a’ cumail a bhonaid sìos airson am ball-seirce fhalach. Bha boireannaich a chunnaic am ball-seirce a’ gabhail gaol air.

Aig a’ chuirm bha coin a’ sabaid. Dh’fheuch na fir ris na coin a chur bho chèile. Bha Diarmaid nam measg. Thog e a bhonaid beagan. Chunnaic Gràinne am ball-seirce. Ghabh i gaol air Diarmaid.

“Ruithidh thu air falbh leam,” thuirt i ris.

“Cha dèan mi sin,” arsa Diarmaid. “Cha tèid mi leat.” Chaidh Diarmaid a dh’àite fad’ air falbh. Thog e taigh. Dh’fhuirich e ann.

Madainn a bha seo ghlaodh Gràinne aig an doras. “A bheil thu a-staigh a Dhiarmaid?” thuirt i.

“Tha,” fhreagair Diarmaid.

“Thig a-mach is falbh leam,” thuirt Gràinne.

“Cha tig is chan fhalbh.”

“Feumaidh tu,” thuirt i.

“Chan eil àite dhan tèid sinn,” thuirt Diarmaid, “air nach bi fios aig Fionn. Marbhaidh e mi.”

“Thèid sinn do Charraig,” thuirt Gràinne. “Tha uiread de Charraigean ann ’s nach bi fios aige cò an tè anns a bheil sinn.” Dh’fhalbh iad còmhla gu Carraig an Daimh. Rinn iad an dachaigh ann. Bha Diarmaid na shaor agus na iasgair. Bha Gràinne a’ reic nan soithichean fiodha a bha Diarmaid a’ dèanamh. Ach bha leapannan air leth aca.

Latha a bha seo thàinig bodach mòr. ’S e Ciofach Mac a’ Ghoill an t-ainm a bh’ air. Rinn Gràinne is am bodach plana. Bha iad a’ dol a mharbhadh Dhiarmaid. Thug am bodach ionnsaigh air Diarmaid. Bha am bodach làidir ach bha Diarmaid na bu làidire. Chuir e am bodach fodha.

Rug Gràinne air sgian. Stob i ann an cas Dhiarmaid i. Theich Diarmaid. Is cluinnidh sinn na thachair an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: Tha Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh: Ben Gulabin is in Glenshee; seo agaibh geàrr-chunntas dhith: here is a shortened account of it; a’ dol a phòsadh: going to marry; cuirm: feast; ’s e fear eireachdail a bh’ ann: he was a handsome man; airson am ball-seirce fhalach: to hide the love spot; a’ gabhail gaol air: falling in love with him; dh’fheuch na fir ris na coin a chur bho chèile:the men tried to keep the dogs from each other; bha Diarmaid nam measg: Diarmaid was among them; ruithidh thu air falbh leam:you’ll run away with me; cha dèan mi sin: I won’t do that; cha tèid mi leat: I won’t go with you; ghlaodh Gràinne aig an doras:Gràinne shouted at the door; thig a-mach is falbh leam: come out and come away with me; cha tig is chan fhalbh:No! ie I won’t come [out] and I won’t leave [with you]; feumaidh tu: you must; air nach bi fios aig Fionn:that Fionn won’t know of; marbhaidh e mi: he’ll kill me; tha uiread de Charraigean ann ’s nach bi fios aige cò an tè anns a bheil sinn:there are so many Carraigs that he won’t know which one we’re in; bha Diarmaid na shaor agus na iasgair: Diarmaid was a carpenter and fisherman; soithichean fiodha: wooden vessels; rinn Gràinne is am bodach plana:Gràinne and the old man made a plan; thug am bodach ionnsaigh air Diarmaid: the old man attacked Diarmaid; chuir e am bodach fodha:Diarmaid got the old man under him; rug Gràinne air sgian: Gràinne seized a knife; stob i ann an cas Dhiarmaid i: she stuck it into Diarmaid’s leg.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 413

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile