menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

Iain MacIlleDhuibh (Litir Bheag 131)

John Black

Bha John Lamont ainmeil mar reuladair. Bha e beò anns an naoidheamh linn deug. ’S e Albannach a bha ann. Bha e à sgìre Ghàidhealach ann an Siorrachd Obar Dheathain. Ach dh’fhàs e ainmeil anns a’ Ghearmailt. Tha mòran eòlach air mar “Johann von Lamont”.

Bha colaiste Chaitligeach Albannach ann am Babhàiria anns an naoidheamh linn deug. Aig aois dusan bliadhna, fhuair John àite anns a’ cholaiste. ’S e sgoilear uabhasach math a bha ann. Bha e anns a’ cholaiste beagan bhliadhnaichean. Bha e fìor mhath air Matamataig. Cho-dhùin e gun a bhith na shagart. Dh’fhàg e a’ cholaiste. Chaidh gu ionad-foghlaim saidheansail ann am Munich. Dh’ionnsaich e mu shaidheans is reul-eòlas.

Rinn e adhartas proifeiseanta gu luath. Taobh a-staigh beagan bhliadhnaichean fhuair e dreuchd shònraichte – Reuladair Rìoghail Bhabhàiria. Bha prosbaig mhòr mhòr aige. Thug e sùil air na rionnagan. Rinn e mapaichean de na rionnagan. Chlàir e na mìltean de rionnagan.

Dh’fhàs e beartach. Chaidh Sagart Bhràigh Mhàrr a chèilidh air. Ghabh e iongnadh cho beartach ’s a bha John. Ach bha beatha shìmplidh aige. Cha do phòs e. Cha do chosg e mòran airgid air fhèin.

Ann an ochd ceud deug, caogad ’s a dhà (1852), fhuair e dreuchd eile – Proifeasair an Reul-eòlais ann an Oilthigh Mhunich. Rinn e obair air dubhadh na grèine. Rinn e obair mhòr cuideachd air a’ phlanaid Uranus. B’ esan a chiad duine a rinn tomhas ceart air cuideam Uranus. Rinn e obair air Saturn cuideachd.

Fhuair John ballrachd ann an Acadamaidhean Rìoghail Bhabhàiria is Dhùn Èideann. Fhuair e ballrachd ann an Acadamaidhean na Bruiseil, Upsala is Prag – agus buidhnean acadamaigeach eile. Bha e na Ridire ann an grunn bhuidhnean. Bha e na Ridire ann am Babhàiria. Air sgàth sin, bha cead aige “von” a chur ri ainm. Bho John Lamont, dh’èirich Johann von Lamont. Bheir sinn sùil a bharrachd air an ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan is abairtean: ainmeil mar reuladair: famous as an astronomer; bha e beò anns an naoidheamh linn deug: he was alive in the 19th Century; à sgìre Ghàidhealach ann an Siorrachd Obar Dheathain: from a Gaelic area in Aberdeenshire; anns a’ Ghearmailt: in Germany; tha mòran eòlach air mar: many people know him as; colaiste Chaitligeach: a Catholic college; fhuair John àite: John got a place; beagan bhliadhnaichean: a few years; bha e fìor mhath air Matamataig: he was excellent at Mathematics; cho-dhùin e gun a bhith na shagart: he decided not to be a priest; dh’ionnsaich e mu shaidheans is reul-eòlas: he learned about science and astronomy; rinn e adhartas proifeiseanta gu luath: he made fast professional progress; taobh a-staigh beagan bhliadhnaichean: within a few years; Reuladair Rìoghail Bhabhàiria: Astronomer Royal of Bavaria; prosbaig: telescope; thug e sùil air na rionnagan: he looked at the stars; rinn e mapaichean: he made maps; chlàir e na mìltean: he recorded thousands; Sagart Bhràigh Mhàrr: the Braemar priest; ghabh e iongnadh cho beartach ’s a bha John: he was surprised by how wealthy John was; beatha shìmplidh: a simple life; cha do phòs e: he didn’t marry; cha do chosg e mòran airgid air fhèin: he didn’t spend much money on himself; Reul-eòlas: Astronomy; dubhadh na grèine: the solar eclipse; b’ esan a chiad duine a rinn tomhas ceart air cuideam Uranus:he was the first person to accurately assess the mass of Uranus; ballrachd ann an Acadamaidhean Rìoghail Bhabhàiria is Dhùn Èideann: membership in the Royal Academies of Bavaria and Edinburgh; buidhnean acadamaigeach eile: other academic bodies; bha e na Ridire ann an grunn bhuidhnean: he was a Knight of [in] several bodies; bha cead aige “von” a chur ri ainm: he was allowed to put “von” to his name; dh’èirich: arose.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 435

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word