ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

138: County Mayo 138: Contae Mhaigh Eo

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Contae Mhaigh Eo

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, bha sinn ann an Èirinn. Bha sinn ann an Contae Mhaigh Eo. Bha mi ag innse dhuibh mu charragh-cuimhne. Tha an carragh-cuimhne faisg air an Dubh Loch. Tha grunn sgrìobhaidhean air ann am Beurla. Nam measg tha seo: “How can men feel themselves honoured by the humiliation of their fellow beings?”: Mahatma Gandhi. Tha sgrìobhadh eile air a tha a’ cuimhneachadh “the hungry poor who walked here in 1849”. Cò bh’ annta?

Anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1849), bha muinntir taobh an iar na h-Èireann gu math bochd. Bha gaiseadh a’ bhuntàta ann. Cha robh biadh gu leòr aig na daoine. Thachair rudeigin uabhasach faisg air an Dubh Loch.

Chaidh buidheann de dhaoine gu Taigh nam Bochd ann an Cluain Cearbán, no Louisburgh. Tha am baile sin gu tuath air an Dubh Loch. Dhiùlt an t-oifigear biadh a thoirt dhaibh. Cha d’ fhuair iad biadh sam bith. ’S e dìreach am Bòrd – The Board of Guardians – a thug biadh seachad.

Bha dithis aig a’ Bhòrd a’ coinneachadh beagan mhìltean air falbh. Bha e a’ fàs dorch. Chuir na daoine an oidhche seachad a-muigh. Bha i fuar is fliuch. An ath mhadainn choisich iad don àite far an robh buill a’ Bhùird.

Ràinig iad an t-àite aig meadhan-latha. Bha na buill – an Coirneal Hograve agus Mgr Lecky – a’ gabhail biadh. Cha tàinig iad a-mach airson greis.

Nuair a thàinig iad a-mach bha droch naidheachd aca. Cha robh biadh aca airson nan daoine. Dh’fhalbh na daoine. Bha iad a’ coiseachd air ais a Chluain Cearbán. Bha iad fuar is fliuch. Bha iad lag le acras. Air an oidhche sin chaochail mòran dhiubh – a-muigh air an dùthaich.

Chan eil duine cinnteach cia mheud duine a chaochail. ’S dòcha còrr is dà cheud. Bha e muladach.

Bidh feadhainn a’ dol air chuairt gach bliadhna eadar an Dubh Loch is Cluain Cearbán. Bidh iad a’ cuimhneachadh na thachair. O chionn sia bliadhn’ deug, chaidh an t-Àrd-easbaig Desmond Tutu à Afraga a Deas air a’ chuairt. Chaidh an carragh-cuimhne a chur suas às dèidh sin.

Faclan is abairtean: bha sinn ann an Èirinn: we were in Ireland; Contae Mhaigh Eo: County Mayo; tha an carragh-cuimhne faisg air an Dubh Loch: the memorial is close to Doolough; cò bh’ annta?: who were they?; gaiseadh a’ bhuntàta: the potato blight; thachair rudeigin uabhasach: something terrible happened; gu Taigh nam Bochd ann an Cluain Cearbán: to the workhouse/poorhouse in Louisburgh; gu tuath air ; to the north of; dhiùlt an t-oifigear biadh a thoirt dhaibh: the officer refused to give them food; a’ coinneachadh beagan mhìltean air falbh: meeting a few miles away; chuir na daoine an oidhche seachad a-muigh: the people passed the night out of doors; an ath mhadainn choisich iad: next morning they walked; far an robh buill a’ Bhùird: where the Board members were; cha tàinig iad a-mach airson greis: they didn’t come out for a while; lag le acras: weak with hunger; air an oidhche sin chaochail mòran dhiubh:on that night many of them died; chan eil duine cinnteach cia mheud duine a chaochail: nobody is sure how many died; muladach:very sad; bidh feadhainn a’ dol air chuairt gach bliadhna: some people go on a walk every year; a’ cuimhneachadh na thachair: remembering what happened; chaidh an carragh-cuimhne a chur suas às dèidh sin: the memorial was erected after that.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 442

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile