ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

758: An Gàidheal – Poetry 758: An Gàidheal – Bàrdachd

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Audio is playing in pop-over.

An Gàidheal – Bàrdachd

Gaelic Gàidhlig

Mus fhàg mi duilleagan a’ phàipeir-naidheachd An Gàidheal (a leugh mi air an eadar-lìon), seo agaibh beagan bàrdachd bhuaithe. Tha an dàn mu dheidhinn an easa as motha ann an Ameireagaidh a Tuath – Niagara. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:

A Thì mhòir a chruthaich na Dùilean,

ʼS a shocraich an Cruinne,

Led ghàirdean cumhachdach, neartmhor,

Air a’ bhunait;

ʼS glòrmhor an obair a rinn thu,

Niagara ainmeil, An t-Eas mòr a rinn thu chumadh,

Anns an t-seann aimsir

Am faca sibh fhèin eas mòr mar Niagara? Tha dà rud iongantach mu a leithid. ʼS e a’ chiad rud an ceò a bhios ag èirigh às. Tha e coltach ri toit. Cuideachd, mar a thig braon ort nuair a tha thu faisg air an eas. A bheil sibh a’ tuigsinn an fhacail braon? Drizzle. Facal feumail ann an Alba!

Nuair a shealladh tu fad air astar,

Air an iongnadh,

ʼS e theireadh tu gur bàta-toite

A bh’ ann le smùidrich;

Ach, nuair thigeadh tu am fagas dha

Ghabhail do bheachd air,

Trom-fhliuchadh an cathadh caoir-gheal Le braonaibh dealt thu.

Agus tha rud sònraichte eile mu easan mòra – ʼs e sin am fuaim a tha iad a’ dèanamh. Cluinnidh sibh beucaich an easa air astar mòr bho na h-uisgeachan fhèin. Tha am bàrd a’ sgrìobhadh seo:

Cluinnidh tu thorman seachd mìle Uaith air astar;

Mar thàirn’each anns na speuraibh

Ri beucaich neartmhor.

ʼS nuair bhiodh tu nad sheasamh làimh ris,

B’ amhlaidh thartar,

ʼS mìle carbad air cabhsair,

Nan deann a’ dol seachad.

Chan ann a-mhàin às Aimeireagaidh a Tuath no Alba a bha na naidheachdan is sgrìobhaidhean air duilleagan a’ Ghàidheil. Bha sgrìobhadairean is leughadairean aca ann an Astràilia cuideachd. Ann an aon iris, tha litir bho chuideigin air a bheil ‘D.B.’ ann am MacArtair. Tha sin faisg air na Beanntan Gorma, siar air Sydney.

Dh’inns sgrìobhadair na litreach don luchd-leughaidh gun robh tòrr Ghàidheal ann an Astràilia. ‘Chan eil baile as fhiach ainmeachadh nach eil comunn Gàidhealach stèidhichte ann,’ sgrìobh e. Agus bha cuid de na Gàidheil sin a’ leughadh a’ phàipeir-naidheachd eadar-nàiseanta– An Gàidheal – a bha anns a’ chànan aca fhèin.

An Gàidheal – Poetry

English Beurla

Before I leave the pages of the newspaper An Gàidheal (which I read on the internet), here is a bit of poetry from it for you. The poem is about the largest waterfall in North America – Niagara. Here’s how it starts:

Great Being that created the Elements,

And settled the Universe,

With your powerful, strong arm

On [its] foundation;

Glorious is the work you did

Shaping famous Niagara, the great waterfall,

In ancient times

Have you yourself seen a great waterfall like Niagara? There are two amazing things about such [places]. The first thing is the mist that rises from it. It’s like smoke. Also, how drizzling rain falls on you when you are close to the waterfall. Do you understand the word braon? Drizzle. A useful word in Scotland!

When you would look from a distance,

On the wonderful sight,

You’d say it was a steam ship

With its smoke rising;

But, when you would come close to it

Considering it.

The white sparkling sheets of water would soak you with fine drizzle.

And there’s another special thing about big waterfalls – that’s the noise they make. You’ll hear the roar of the waterfall at a great distance from the waters themselves. The bard writes this:

You can hear the rumble seven miles away;

Like thunder in the heavens,

Roaring powerfully.

And, when you’d stand next to it,

It would be like the clattering,

Of a thousand vehicles [heard] on a pavement,

Rushing past.

It’s not only from North America or Scotland that the anecdotes and writings were coming [that appeared] on the pages of An Gàidheal. They had writers and readers in Australia also. In one edition, there is a letter from somebody called ‘D.B’ in MacArthur. That’s near the Blue Mountains, west of Sydney.

The letter’s writer told the readers that there were many Gaels in Australia. ‘There’s not a town worth naming in which there is not a Gaelic society established,’ he wrote. And some of those Gaels were reading the international newspaper – An Gàidheal – that was in their own language.

Show English

An Gàidheal – Bàrdachd

Gaelic Gàidhlig

Mus fhàg mi duilleagan a’ phàipeir-naidheachd An Gàidheal (a leugh mi air an eadar-lìon), seo agaibh beagan bàrdachd bhuaithe. Tha an dàn mu dheidhinn an easa as motha ann an Ameireagaidh a Tuath – Niagara. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:

A Thì mhòir a chruthaich na Dùilean,

ʼS a shocraich an Cruinne,

Led ghàirdean cumhachdach, neartmhor,

Air a’ bhunait;

ʼS glòrmhor an obair a rinn thu,

Niagara ainmeil, An t-Eas mòr a rinn thu chumadh,

Anns an t-seann aimsir

Am faca sibh fhèin eas mòr mar Niagara? Tha dà rud iongantach mu a leithid. ʼS e a’ chiad rud an ceò a bhios ag èirigh às. Tha e coltach ri toit. Cuideachd, mar a thig braon ort nuair a tha thu faisg air an eas. A bheil sibh a’ tuigsinn an fhacail braon? Drizzle. Facal feumail ann an Alba!

Nuair a shealladh tu fad air astar,

Air an iongnadh,

ʼS e theireadh tu gur bàta-toite

A bh’ ann le smùidrich;

Ach, nuair thigeadh tu am fagas dha

Ghabhail do bheachd air,

Trom-fhliuchadh an cathadh caoir-gheal Le braonaibh dealt thu.

Agus tha rud sònraichte eile mu easan mòra – ʼs e sin am fuaim a tha iad a’ dèanamh. Cluinnidh sibh beucaich an easa air astar mòr bho na h-uisgeachan fhèin. Tha am bàrd a’ sgrìobhadh seo:

Cluinnidh tu thorman seachd mìle Uaith air astar;

Mar thàirn’each anns na speuraibh

Ri beucaich neartmhor.

ʼS nuair bhiodh tu nad sheasamh làimh ris,

B’ amhlaidh thartar,

ʼS mìle carbad air cabhsair,

Nan deann a’ dol seachad.

Chan ann a-mhàin às Aimeireagaidh a Tuath no Alba a bha na naidheachdan is sgrìobhaidhean air duilleagan a’ Ghàidheil. Bha sgrìobhadairean is leughadairean aca ann an Astràilia cuideachd. Ann an aon iris, tha litir bho chuideigin air a bheil ‘D.B.’ ann am MacArtair. Tha sin faisg air na Beanntan Gorma, siar air Sydney.

Dh’inns sgrìobhadair na litreach don luchd-leughaidh gun robh tòrr Ghàidheal ann an Astràilia. ‘Chan eil baile as fhiach ainmeachadh nach eil comunn Gàidhealach stèidhichte ann,’ sgrìobh e. Agus bha cuid de na Gàidheil sin a’ leughadh a’ phàipeir-naidheachd eadar-nàiseanta– An Gàidheal – a bha anns a’ chànan aca fhèin.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1062

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile