ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

415: An Dochaidh 415: An Dochaidh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An Dochaidh

Gaelic Gàidhlig

A bheil fios agaibh dè tha ann an ‘dochy’? Tha e air a litreachadh, ann am Beurla, D-O-C-H-Y. Tha mi cinnteach, ann an Gàidhlig, gu bheil e air a litreachadh D-O-C-H-A-I-D-H. ’S e a tha ann, no a bha ann, maide daraich. Bha e goirid agus tiugh. Bha e trom, le ceann mòr cruaidh air.

Bha an dochaidh air a chleachdadh air a’ Ghàidhealtachd mar bhall-airm. Tha mi cinnteach gun robh e car coltach ris a’ mhaide Èireannach, an sail éille no shillelagh.

Nuair a leugh mi mu dheidhinn an dochaidh an toiseach, bha mi a’ smaoineachadh gun robh am facal co-cheangailte ri dochann. Bha an dàrna duine a’ dochann duine eile le dochaidh. Uill, ’s dòcha gun robh, ach chan e sin tùs an fhacail, a rèir choltais.

Thàinig am facal bhon Ghàidhlig ceart gu leòr, ach chan ann bho dochann. Thàinig e bho ainm-àite ann an Loch Abar – Dabhach an Fhasaidh. ’S e sin ceàrnaidh faisg air ceann a deas Loch Lòchaidh. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the davoch of the dwelling’; ’s e davoch seann slat-tomhais fearainn a bha aig na Cruithnich.

’S e Dochanassie a tha air a’ cheàrnaidh ann am Beurla. Agus ’s e Dochanassie Stick ainm a’ mhaide ann am Beurla.

Nuair a chaidh an abairt a chruthachadh airson na Gàidhealtachd – ‘Tìr nam beann, ’s nan gleann ’s nan gaisgeach’ – ’s dòcha gun robh daoine a’ beachdachadh air Dabhach an Fhasaidh. Bha gaisgich gu leòr a’ fuireach ann aig aon àm. ’S dòcha gu bheil muinntir an àite gaisgeil fhathast!

Bha dochaidhean aig daoine aig àm sìthe. Bha iad airson an dìon, mar eisimpleir, nuair a chaidh iad do na fèilltean-reic ann an Drochaid an Aonachain agus àiteachan eile. Aig àm cogaidh, ’s e claidheamhan a bha iad a’ toirt leotha, seach dochaidhean.

Bha daoine a’ toirt dochaidhean leotha gu taighean-seinnse cuideachd. Ann an sabaid fo mhullach ìosal, bha na daoine a’ greimeachadh an dochaidh na mheadhan. Le ceann trom air, bha e fhathast ag obair gu math.

Saoilidh mi nach eil muinntir Loch Abar a’ toirt dochaidhean leotha tuilleadh. Ach chì sibh gillean òga a’ dol timcheall le camain fhathast!

An Dochaidh

English Beurla

Do you know what a ‘dochy’ is? It’s spelled, in English, D-O-C-H-Y. I’m certain that in Gaelic it’s spelled D-O-C-H-A-I-D-H. It is, or was, an oaken stick. It was short and thick. It was heavy, with a large hard head on it.

The dochy was used in the Highlands as a weapon. I’m sure it was it quite like the Irish stick, the sail éille or shillelagh.

When I first read about the dochy, I was thinking that the word was connected to dochann. One man was beating another with a dochy. Well, perhaps he was, but that’s not the origin of the word, apparently.

The word came from Gaelic, certainly, but not from dochann. It came from a place-name in Lochaber – Dabhach an Fhasaidh. That’s a locality near the southern end of Loch Lochy. The name means ‘the davoch of the dwselling; a davoch is an old measurement of land that the Picts used.

The locality is called Dochanassie in English. And the stick is called a Dochanassie Stick in English.

When the phrase about the Highlands was created – ‘The land of the mountains, the glens and the heroes’ – perhaps people were thinking about Dochanassie. There were plenty of heroes living there at one time. Perhaps the locals are still heroic!

People had dochies at time[s] of peace. They were to protect them, for example, when they went to the animal sales in Spean Bridge and other places. At time of war, it’s swords they were taking with them, rather than dochies.

People were taking dochies with them to pubs as well. In a fight under a low roof, the people were holding the dochy around the middle. With a heavy head on it, it still worked well.

I reckon the folk of Loch Abar don’t carry dochies anymore. But you still see young lads going around with camans [shinty sticks]!

Show English

An Dochaidh

Gaelic Gàidhlig

A bheil fios agaibh dè tha ann an ‘dochy’? Tha e air a litreachadh, ann am Beurla, D-O-C-H-Y. Tha mi cinnteach, ann an Gàidhlig, gu bheil e air a litreachadh D-O-C-H-A-I-D-H. ’S e a tha ann, no a bha ann, maide daraich. Bha e goirid agus tiugh. Bha e trom, le ceann mòr cruaidh air.

Bha an dochaidh air a chleachdadh air a’ Ghàidhealtachd mar bhall-airm. Tha mi cinnteach gun robh e car coltach ris a’ mhaide Èireannach, an sail éille no shillelagh.

Nuair a leugh mi mu dheidhinn an dochaidh an toiseach, bha mi a’ smaoineachadh gun robh am facal co-cheangailte ri dochann. Bha an dàrna duine a’ dochann duine eile le dochaidh. Uill, ’s dòcha gun robh, ach chan e sin tùs an fhacail, a rèir choltais.

Thàinig am facal bhon Ghàidhlig ceart gu leòr, ach chan ann bho dochann. Thàinig e bho ainm-àite ann an Loch Abar – Dabhach an Fhasaidh. ’S e sin ceàrnaidh faisg air ceann a deas Loch Lòchaidh. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the davoch of the dwelling’; ’s e davoch seann slat-tomhais fearainn a bha aig na Cruithnich.

’S e Dochanassie a tha air a’ cheàrnaidh ann am Beurla. Agus ’s e Dochanassie Stick ainm a’ mhaide ann am Beurla.

Nuair a chaidh an abairt a chruthachadh airson na Gàidhealtachd – ‘Tìr nam beann, ’s nan gleann ’s nan gaisgeach’ – ’s dòcha gun robh daoine a’ beachdachadh air Dabhach an Fhasaidh. Bha gaisgich gu leòr a’ fuireach ann aig aon àm. ’S dòcha gu bheil muinntir an àite gaisgeil fhathast!

Bha dochaidhean aig daoine aig àm sìthe. Bha iad airson an dìon, mar eisimpleir, nuair a chaidh iad do na fèilltean-reic ann an Drochaid an Aonachain agus àiteachan eile. Aig àm cogaidh, ’s e claidheamhan a bha iad a’ toirt leotha, seach dochaidhean.

Bha daoine a’ toirt dochaidhean leotha gu taighean-seinnse cuideachd. Ann an sabaid fo mhullach ìosal, bha na daoine a’ greimeachadh an dochaidh na mheadhan. Le ceann trom air, bha e fhathast ag obair gu math.

Saoilidh mi nach eil muinntir Loch Abar a’ toirt dochaidhean leotha tuilleadh. Ach chì sibh gillean òga a’ dol timcheall le camain fhathast!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 719

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile