ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

39: Young Donald Farquharson 39: Dòmhnall Òg MacFhearchair

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Dòmhnall Òg MacFhearchair

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, bha sinn anns an Tulaich. Tha sin ann an Siorrachd Obair Dheathain. Faisg air an Tulaich tha Mòine Ailtridh. Anns an t-seachdamh linn deug, bha duine ainmeil a’ fuireach ann am Mòine Ailtridh. B’ esan Dòmhnall Òg MacFhearchair. ’S e saighdear math a bh’ ann. Bha e sgileil le claidheamh.

Ann an sia ceud deug is ceathrad (1640), chaidh Dòmhnall a Lunnainn. Bha mòran ann an Lunnainn a’ bruidhinn mu Eadailteach. Bha an t-Eadailteach sin a’ fuireach anns a’ bhaile. Bha e sgileil le claidheamh. Bha e ag ràdh gum b’ esan am fear as sgileile air an t-saoghal.

Cha robh muinntir Lunnainn measail air an Eadailteach. Bha e ro àrdanach. Cha robh an rìgh measail air. Bha gràin aig an rìgh air. Bha an t-Eadailteach a’ sabaid leis a h-uile duine. Chuir an t-Eadailteach eagal orra. Bha e an-còmhnaidh a’ buannachadh. Bha cuid ag ràdh gun robh draoidheachd aige.

Chuala an rìgh mu Dhòmhnall Òg MacFhearchair à Mòine Ailtridh. Fhuair e fios gu robh Dòmhnall ann an Lunnainn. Dh’iarr e air Dòmhnall dhol don lùchairt aige. Chaidh Dòmhnall ann.

Air an rathad don lùchairt, thachair Dòmhnall ris an Eadailteach. Mharbh Dòmhnall fear de na companaich aig an Eadailteach. Bha an t-Eadailteach feargach. Dh’aontaich iad sabaid an ath là. Bha an rìgh toilichte. Gheall e duais don Albannach airson an t-Eadailteach a mharbhadh.

Air an oidhche sin, lorg Dòmhnall fear-frithealaidh an Eadailtich. Fhuair e a-mach gu robh draoidheachd aig an Eadailteach. Nuair a bha claidheamh air a thoirt a-mach às a’ bhodhaig aige, bha an lot a’ falbh. Cha robh toll sam bith ann. Bha an t-Eadailteach an-còmhnaidh a’ buannachadh mar sin.

Thàinig an ath là. Bha an t-Eadailteach agus an t-Albannach a’ sabaid. Shàth Dòmhnall Òg an t-Eadailteach le chlaidheamh. “Tarraing do chlaidheamh a-mach!” thuirt an t-Eadailteach. Ach bha cuimhne aig Dòmhnall air na thuirt am fear-frithealaidh. Dh’fhàg e an claidheamh ann. Thuit an t-Eadailteach marbh.

Thug an rìgh poca òir do Dhòmhnall. Bha sin mar dhuais airson an t-Eadailteach a mharbhadh. Thill Dòmhnall a dh’Alba. Bha cogadh a’ dol eadar Muinntir a’ Chùmhnaint agus luchd-taic an rìgh. Dhìon Dòmhnall agus Clann ’ic Fhearchair baile Obair Dheathain. Bha sin an aghaidh Muinntir a’ Chùmhnaint. Ach fhuair saighdearan Cùmhnantach grèim air Dòmhnall. Mharbh iad e. Chaidh a thiodhlacadh ann an Obar Dheathain.

Faclan is abairtean: bha sinn anns an Tulaich: we were in Tullich; Siorrachd Obair Dheathain: Aberdeenshire; Mòine Ailtridh: Monaltrie; b’ esan Dòmhnall Òg MacFhearchair: he was Donald “Òig” Farquharson; ’s e saighdear math a bh’ ann: he was a good soldier; bha e sgileil le claidheamh: he was skilful with a sword; bha mòran ann an Lunnainn a’ bruidhinn mu Eadailteach: many in London were talking about an Italian; gum b’ esan am fear as sgileile air an t-saoghal: that he was the most skilful man in the world; measail air: keen on; bha e ro àrdanach: he was too arrogant; bha gràin aig an rìgh air: the king hated him; bha cuid ag ràdh gun robh draoidheachd aige: some said he possessed magic; dh’iarr e air Dòmhnall dhol don lùchairt aige: he asked Donald to go to his palace; dh’aontaich iad sabaid an ath là: they agreed to fight the next day; gheall e duais:he promised a reward; fear-frithealaidh an Eadailtich: the Italian’s manservant; air a thoirt a-mach às a’ bhodhaig aige:extracted from his body; bha an lot a’ falbh: the wound disappeared [was disappearing]; bha an t-Eadailteach an-còmhnaidh a’ buannachadh: the Italian was always winning; shàth: stabbed; tarraing do chlaidheamh a-mach!: pull your sword out!; bha cuimhne aig Dòmhnall air na thuirt am fear-frithealaidh: Donald remembered what the manservant said; bha cogadh a’ dol eadar Muinntir a’ Chùmhnaint agus luchd-taic an rìgh: there was a war [going] between the Covenanters and the supporters of the king; dhìon Dòmhnall agus Clann ’ic Fhearchair baile Obair Dheathain: Donald and the Farquharsons defended the town of Aberdeen; fhuair saighdearan Cùmhnantach grèim air Dòmhnall: Covenanter soldiers got hold of Donald; chaidh a thiodhlacadh: he was buried.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 343

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile