ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

583: Kate of the Nose (2) 583: Ceit Mhòr na Sròine (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Ceit Mhòr na Sròine (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh na seann eachdraidh mu Cheit Mhòr na Sròine. Bhuineadh i do dh’Obar Gheallaidh ann am Màrr. Bha i fhèin is Dòmhnall Biorach à Athall math air dannsadh còmhla. Chuir sin fearg air fir Mhàrr. Bha iadsan dhen bheachd gun robh iadsan na b’ fheàrr air dannsadh na muinntir Athall.

Bha Dòmhnall is Ceit a’ dannsadh aig cuirm an dèidh banais. Bha fear mòr à Màrr agus Dòmhnall a’ dannsadh ruidhle. Chaidh Dòmhnall a thilgeil don teine.

Leum Dòmhnall a-steach don t-seat a-rithist mar nach robh dad air tachairt. Nuair a bha am fear mòr agus Dòmhnall an gàirdeanan a chèile a-rithist, thilg Dòmhnall am fear eile le uile neart. Chuir e a ghualann a-mach.

Bha am fear à Màrr a’ sgreuchail le pian. Tharraing e a bhiodag. Bha e a’ dol a mharbhadh Dhòmhnaill. Ach leum Ceit Mhòr na Sròine eatarra. Chaidh an t-sròn aice a ghearradh dheth. Bha ùpraid ann.

Chaidh a h-uile duine timcheall air Ceit Mhòr. Bha iad a’ sealltainn truas dhi airson a sròn a chall. Bha i fhèin troimhe-chèile. Bha i ag ràdh nach fhaigheadh i duine cèile oir bha i air a bòidhchead a chall.

Ach cha b’ e sin beachd Dhòmhnaill. ‘Bidh thu eadhon nas fheàrr mar dhannsair a-nise,’ thuirt e. ‘Bidh thu nas aotruime.’ Gu h-annasach, cha robh Ceit mì-thoilichte leis a’ bheachd sin.

Chaidh Dòmhnall a bhruidhinn ris a’ Ghòrdanach. Bha e ag iarraidh Ceit a phòsadh. Dh’aontaich an ceann-cinnidh. Thill an sagart.

Bha dàrna banais ann air an oidhche sin. Bha an danns an dèidh làimhe air leth math. Ach tha mi an dùil gun robh Ceit bhochd ro ghoirt airson mòran dannsaidh a dhèanamh!

Bha pòsadh toilichte eadar Dòmhnall agus Ceit. Ach mhair e dìreach naoi bliadhna. Ann an còig ceud deug is trì-deug (1513), chaidh Dòmhnall le arm na h-Alba gu ruige Blàr Flodden ann an Sasainn. Chaidh Dòmhnall a mharbhadh ann, cuide ri a cheann-cinnidh, Iarla Athall. Agus bha Ceit bhochd air a fàgail na banntrach.

Kate of the Nose (2)

English Beurla

I was telling you the old story about Big Kate of the Nose. She belonged to Abergeldie in Mar. She and Sharp Donald were good at dancing together. That angered the men of Mar. They reckoned that they were better at dancing than the people of Atholl.

Donald and Kate were dancing at a feast after a wedding. A big man from Mar and Donald were dancing a reel. Donald was thrown into the fire.

Donald leaped into the set again as if nothing had happened. When the big man and Donald had linked arms again, Donald threw the other man with all his strength. He dislocated his shoulder.

The man from Mar was screaming in pain. He drew his dirk. He was going to kill Donald. But Big Kate leaped between them. Her nose was cut off. There was uproar.

Everybody went around Big Kate. They were showing her pity for losing her nose. She was in a terrible state. She was saying that she would never catch a husband because she had lost her beauty.

But that wasn’t Donald’s opinion. ‘You’ll be even better as a dancer now,’ he said. ‘You’ll be lighter.’ Strangely, Kate wasn’t displeased with that opinion.

Donald went to speak to the Gordon. He was wanting to marry Kate. The clan chief agreed. The priest returned.

There was a second wedding that night. The dance afterwards was excellent. But I expect that poor Kate was too sore to do much dancing!

Donald and Kate had a happy marriage. But it lasted only nine years. In 1513, Donald went with the Scottish army to the Battle of Flodden in England. Donald was killed there, along with his clan chief, the Earl of Atholl. And poor Kate was left a widow.

Show English

Ceit Mhòr na Sròine (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh na seann eachdraidh mu Cheit Mhòr na Sròine. Bhuineadh i do dh’Obar Gheallaidh ann am Màrr. Bha i fhèin is Dòmhnall Biorach à Athall math air dannsadh còmhla. Chuir sin fearg air fir Mhàrr. Bha iadsan dhen bheachd gun robh iadsan na b’ fheàrr air dannsadh na muinntir Athall.

Bha Dòmhnall is Ceit a’ dannsadh aig cuirm an dèidh banais. Bha fear mòr à Màrr agus Dòmhnall a’ dannsadh ruidhle. Chaidh Dòmhnall a thilgeil don teine.

Leum Dòmhnall a-steach don t-seat a-rithist mar nach robh dad air tachairt. Nuair a bha am fear mòr agus Dòmhnall an gàirdeanan a chèile a-rithist, thilg Dòmhnall am fear eile le uile neart. Chuir e a ghualann a-mach.

Bha am fear à Màrr a’ sgreuchail le pian. Tharraing e a bhiodag. Bha e a’ dol a mharbhadh Dhòmhnaill. Ach leum Ceit Mhòr na Sròine eatarra. Chaidh an t-sròn aice a ghearradh dheth. Bha ùpraid ann.

Chaidh a h-uile duine timcheall air Ceit Mhòr. Bha iad a’ sealltainn truas dhi airson a sròn a chall. Bha i fhèin troimhe-chèile. Bha i ag ràdh nach fhaigheadh i duine cèile oir bha i air a bòidhchead a chall.

Ach cha b’ e sin beachd Dhòmhnaill. ‘Bidh thu eadhon nas fheàrr mar dhannsair a-nise,’ thuirt e. ‘Bidh thu nas aotruime.’ Gu h-annasach, cha robh Ceit mì-thoilichte leis a’ bheachd sin.

Chaidh Dòmhnall a bhruidhinn ris a’ Ghòrdanach. Bha e ag iarraidh Ceit a phòsadh. Dh’aontaich an ceann-cinnidh. Thill an sagart.

Bha dàrna banais ann air an oidhche sin. Bha an danns an dèidh làimhe air leth math. Ach tha mi an dùil gun robh Ceit bhochd ro ghoirt airson mòran dannsaidh a dhèanamh!

Bha pòsadh toilichte eadar Dòmhnall agus Ceit. Ach mhair e dìreach naoi bliadhna. Ann an còig ceud deug is trì-deug (1513), chaidh Dòmhnall le arm na h-Alba gu ruige Blàr Flodden ann an Sasainn. Chaidh Dòmhnall a mharbhadh ann, cuide ri a cheann-cinnidh, Iarla Athall. Agus bha Ceit bhochd air a fàgail na banntrach.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 887

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile