ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

128: Inchcailloch 128: Innis Caillich

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Innis Caillich

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh gun robh mi air Innis Caillich ann an Loch Laomainn. Bha an teaghlach agam còmhla rium. Chùm mise sùil air a’ bhàta. Chaidh iadsan air chuairt anns an eilean. Nuair a thill iad, thuirt iad, “Chunnaic sinn rudeigin mòr. Bha e bàn. Bha e coltach ri gobhar.”

Ach chan e gobhar a bha ann. ’S e dathas a bha ann. Dathas. ’S e dathas a’ Ghàidhlig air fallow deer. ’S e sin fiadh a bhuineas do cheann a deas na Roinn Eòrpa. A-nise, ge-tà, tha iad pailt ann an Sasainn agus sa Chuimrigh. Thug na Ròmanaich a-steach iad, a rèir choltais.

Ach ciamar a fhuair na dathais gu eileanan ann an Loch Laomainn? Uill, a rèir beul-aithris, ’s e Raibeart Brus, Rìgh na h-Alba, a thug a-steach iad. Bha am Brusach a’ lorg àite airson dathais a shealg. Bha eileanan Loch Laomainn freagarrach. Bha iad saor bho mhadaidhean-allaidh. Tha na dathais ann fhathast.

Mar as trice tha dathais breac ruadh. Ach ’s e beathach bàn a chunnaic an teaghlach agam. Uill, ann an Loch Laomainn, tha mòran dhiubh bàn, seach ruadh.

Tha beathach annasach eile a’ fuireach air eileanan Loch Laomainn. Bha mi ag iarraidh am beathach sin fhaicinn. Dh’fhàg sinn Innis Caillich air a’ bhàta is chaidh sinn gu eilean eile – Innis Chonachain. Coltach ri Innis Caillich tha e còmhdaichte le coille. Tha fraoch agus lusan dearc gu leòr ann fo na craobhan. Agus tha beathach annasach a’ fuireach ann. Chan e dathas a tha ann, agus chan eil e bàn.

Bha uachdaran ann a bha measail air ualabaithean. ’S e ualabai beathach Astràilianach coltach ri cangarù beag. Thug an t-uachdaran sin ualabaithean a-steach do dh’Innis Chonachain. Fhuair cuid dhiubh ma sgaoil. Tha iad fhathast anns an eilean. Rugadh a’ bhean agam ann an Astràilia. Mar sin, bha mi airson ualabai Albannach a shealltainn dhi! Ach bha iad gan cumail fhèin am falach. Chan fhaca sinn gin.

Faclan is abairtean: Innis Caillich ann an Loch Laomainn: Inchcailloch on Loch Lomond; bha an teaghlach agam còmhla rium: my family was with me; chùm mise sùil air a’ bhàta: I kept an eye on the boat; air chuairt: for a walk; nuair a thill iad: when they returned; chunnaic sinn rudeigin mòr: we saw something big; bha e coltach ri gobhar: it was like a goat; chan e gobhar a bha ann: it wasn’t a goat; dathas: fallow deer; fiadh a bhuineas do cheann a deas na Roinn Eòrpa: a deer that belongs to southern Europe; tha iad pailt ann an Sasainn agus sa Chuimrigh: they are plentiful in England and Wales; thug na Ròmanaich a-steach iad, a rèir choltais: the Romans introduced them, apparently; Raibeart Brus: Robert [the] Bruce; bha am Brusach a’ lorg àite airson dathais a shealg: [the] Bruce was looking for a place to hunt fallow deer; freagarrach: suitable; saor bho mhadaidhean-allaidh: free from wolves; breac ruadh: red-brown and speckled/spotted; tha mòran dhiubh bàn, seach ruadh: many of them are fair (white), rather than red-brown; beathach annasach eile: another unusual animal; bha mi ag iarraidh am beathach sin fhaicinn: I was wanting to see that animal; Innis Chonachain: Inchconnachan; còmhdaichte le coille: covered by forest; tha fraoch agus lusan dearc gu leòr ann fo na craobhan: there is plenty of heather and blaeberry below the trees; uachdaran: landowner; ’s e ualabai beathach Astràilianach coltach ri cangarù beag: a wallaby is an Australian animal like a small kangaroo; fhuair cuid dhiubh ma sgaoil: some of them got loose; rugadh a’ bhean agam ann an Astràilia: my wife was born in Australia; bha mi airson ualabai Albannach a shealltainn dhi:I wanted to show her a Scottish wallaby; bha iad gan cumail fhèin am falach: they were keeping themselves hidden; chan fhaca sinn gin: we didn’t see any.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 432

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile