ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

808: Perennial Kale 808: An Càl Buan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Càl Buan

Gaelic Gàidhlig

A bheil leas no gàrradh agaibh? Ma tha, am bi sibh a’ fàs glasraich ann? Bidh mise, agus tha mi airson innse dhuibh mu lus a chuir mi am-bliadhna.

ʼS e an lus nàdar de chàl ris an can mise, ann an Gàidhlig, ‘càl buan’. Ann am Beurla, ʼs e perennial kale a thathar a’ gabhail air. Càl buan, no càl buan-mhaireannach ma tha sibh ag iarraidh a bhith spaideil.

Fhuair mi an lus an-uiridh bho charaid ann an Sasainn. Tha esan fìor dhèidheil air gàirnealaireachd. Dh’fhaighnich e dhìom an robh mi ag iarraidh càl buan fhàs anns an leas agam fhìn. Thuirt mi gun robh. Thug e dhomh dà phìos bheag de ghas bho aon de na lusan aige fhèin.

Nuair a thàinig mi dhachaigh, chuir mi ann an ùir iad. Thairis air a’ gheamhradh, chuir iad freumhaichean sìos. Nuair a thàinig an t-earrach, nochd duilleagan orra.

Bha, agus tha, càl eile a’ fàs agam. ʼS e sin an càl ceairsleach. Ann am Beurla curly kale. Càl ceairsleach.

Ach tha an càl buan fada nas àirde na ʼn càl-ceairsleach. Ged a ghearras tu duilleagan gu leòr às, thig e air ais gu làidir. Tha an dà lus agam còrr math is meatair a’ dh’àirde a-nise. Cha bhi agam ri buntainn orra sa gheamhradh, a rèir choltais. Seasaidh iad ri geamhradh cruaidh.

Tha am facal càl inntinneach. Tha e càirdeach don Bheurla kale. Ach bidh e a’ seasamh airson cabbage cuideachd. Chan eil sin iongantach oir thàinig cabbage agus kale – na lusan – bhon aon lus o shean. ʼS e Brassica oleracea a chanas luchd-saidheans ris na dhà.

ʼS dòcha gu bheil na h-ainmean – kale agus càl – a’ tighinn bhon Laidinn caulis. Tha sin a’ ciallachadh ‘gas’. Tha cauliflower cuideachd a’ tighinn bhon fhreumh sin. ʼS e a’ Ghàidhlig airson cauliflower – colag. Bidh sibh eòlach air lus eile a bhuineas do Brassica oleracea. ʼS e sin a’ bhuinneag Bhruisealach – no Brussels sprout. ʼS toigh leam buinneagan Bruisealach. Ach cha bhi sibh uile ag aontachadh rium!

Perennial Kale

English Beurla

Do you have a garden? If you do, do you grow vegetables in it? I do, and I want to tell you about a plant I planted this year.

The plant is a type of kale that I call, in Gaelic, càl buanIn English it’s ‘perennial kale’ that it is called. Càl buan, or càl buan-mhaireannach if you want to be fancy.

I got the plant last year from a friend in England. He is really keen on gardening. He asked me if I was wanting to grow perennial kale in my own garden. I said I was. He gave me two small pieces of stalk from one of his own plants.

When I came home, I put them in soil. Over the winter, they put down roots. When the spring came, leaves appeared on them.

I had, and have, another kale growing. That is the càl ceairsleach. In English ‘curly kale’. Càl ceairsleach.

But the perennial kale is much taller than the curly kale. Although you might cut many leaves from it, it comes back strongly. My two plants are now more than a metre in height. I won’t have to touch them in winter, apparently. They will withstand a hard winter.

The word càl is interesting. It is related to the English kale. But it also stands for cabbage. That isn’t surprising because cabbage and kale – the plants – came originally from the one plant. Scientists call both of them Brassica oleracea.

Perhaps the names – kale and càl – come from the Latin caulis. That means ‘stalk, stem’. Cauliflower also comes from that root. The Gaelic for cauliflower is colag. You’ll know another plant that belongs to Brassica oleracea. That’s the buinneag Bhruisealach – or Brussels sprout. I like Brussels sprouts. But I know you won’t all agree with me!

Show English

An Càl Buan

Gaelic Gàidhlig

A bheil leas no gàrradh agaibh? Ma tha, am bi sibh a’ fàs glasraich ann? Bidh mise, agus tha mi airson innse dhuibh mu lus a chuir mi am-bliadhna.

ʼS e an lus nàdar de chàl ris an can mise, ann an Gàidhlig, ‘càl buan’. Ann am Beurla, ʼs e perennial kale a thathar a’ gabhail air. Càl buan, no càl buan-mhaireannach ma tha sibh ag iarraidh a bhith spaideil.

Fhuair mi an lus an-uiridh bho charaid ann an Sasainn. Tha esan fìor dhèidheil air gàirnealaireachd. Dh’fhaighnich e dhìom an robh mi ag iarraidh càl buan fhàs anns an leas agam fhìn. Thuirt mi gun robh. Thug e dhomh dà phìos bheag de ghas bho aon de na lusan aige fhèin.

Nuair a thàinig mi dhachaigh, chuir mi ann an ùir iad. Thairis air a’ gheamhradh, chuir iad freumhaichean sìos. Nuair a thàinig an t-earrach, nochd duilleagan orra.

Bha, agus tha, càl eile a’ fàs agam. ʼS e sin an càl ceairsleach. Ann am Beurla curly kale. Càl ceairsleach.

Ach tha an càl buan fada nas àirde na ʼn càl-ceairsleach. Ged a ghearras tu duilleagan gu leòr às, thig e air ais gu làidir. Tha an dà lus agam còrr math is meatair a’ dh’àirde a-nise. Cha bhi agam ri buntainn orra sa gheamhradh, a rèir choltais. Seasaidh iad ri geamhradh cruaidh.

Tha am facal càl inntinneach. Tha e càirdeach don Bheurla kale. Ach bidh e a’ seasamh airson cabbage cuideachd. Chan eil sin iongantach oir thàinig cabbage agus kale – na lusan – bhon aon lus o shean. ʼS e Brassica oleracea a chanas luchd-saidheans ris na dhà.

ʼS dòcha gu bheil na h-ainmean – kale agus càl – a’ tighinn bhon Laidinn caulis. Tha sin a’ ciallachadh ‘gas’. Tha cauliflower cuideachd a’ tighinn bhon fhreumh sin. ʼS e a’ Ghàidhlig airson cauliflower – colag. Bidh sibh eòlach air lus eile a bhuineas do Brassica oleracea. ʼS e sin a’ bhuinneag Bhruisealach – no Brussels sprout. ʼS toigh leam buinneagan Bruisealach. Ach cha bhi sibh uile ag aontachadh rium!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1112

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile