ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

45: Alphabet 45: Aibidil

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Aibidil

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn fhathast a’ toirt sùil air rannan. Rannan cloinne. Tha iad anns an leabhar “Air do bhonnagan a ghaoil”. Nochd an leabhar sin an-uiridh. Seo rann air a bheil an t-ainm “Deich Balaich Bheaga Dhubha”. Tha sin a’ ciallachadh “ten small black-haired boys”. Ach mar a chì sinn, chan eil deich ann aig an deireadh:

Deich Balaich Bheaga Dhubha

Nan suidhe muigh air being –

Thug an starrag leatha Seoc

’S cha robh ann ach naoi.


Naoi balaich bheaga dhubha

Nan suidhe muigh air tobht’ –

Thuit Fionn tro tholl nan cearc

’S cha robh ann ach ochd.


Ochd balaich bheaga dhubha

Ag iasgach le slait –

Ghoid na giomaich Fearchar

’S cha robh ann ach seachd.


Seachd balaich bheaga dhubha

Nan suidhe ’g ithe ’m biadh –

Thachd buntàta Coinneach crost

’S cha robh ann ach sia.


Sia balaich bheaga dhubha

A’ cur a-steach an fheòir –

Thuit a’ chruach air Ùisdean beag

’S cha robh ann ach còig.


Còig balaich bheaga dhubha

A’ seòladh ann an eathar

Shluig muc-mhara Donnchadh

’S cha robh ann ach ceithir.


Ceithir balaich bheaga dhubha

Nan cadal leis an sgìths –

Thuit Raghnall tron an leabaidh

’S cha robh ann ach trì.


Trì balaich bheaga dhubha

Ag ithe mìr is càis –

“Mar sin leibh,” thuirt Alasdair

’S cha robh ann ach dhà.


Dà bhalach bheag dhubh

A’ toirt a-steach a’ bhùirn –

Thuit Eachann dhan an tobair

’S cha robh ann ach aon.


Aon bhalach beag dubh

Na sheasamh ’s car na cheann –

Ruith esan a dh’Ameireagaidh

’S cha robh ’n còrr ann.

’S e deagh rann a th’ ann, nach e? Tha e math do chloinn. Tha e math mar gheama. Seo an rann a-rithist. Cuimhnichibh gu bheil an leabhar anns na bùthan.

Deich Balaich Bheaga Dhubha etc…

Faclan is abairtean: tha sinn fhathast a’ toirt sùil air: we are still looking at; rannan cloinne: nursery rhymes; nochd an leabhar sin an-uiridh:that book appeared last year; mar a chì sinn: as we shall see; chan eil deich ann aig an deireadh:there are not ten there at the end; nan suidhe [a-]muigh air being: sitting outside on a bench; thug an starrag leatha Seoc: the crow took Jock with her; ’s cha robh ann ach naoi: [then] there were only nine; tobht[a]: rùin; thuit Fionn tro tholl nan cearc: Fionn fell through the hens’ hole; ag iasgach le slait: fishing with rods; ghoid na giomaich Fearchar:the lobsters stole Farquhar; ag ithe am biadh: eating their food; thachd buntàta Coinneach crost:a potato choked irritable Kenny; a’ cur a-steach an fheòir: bringing in the hay; thuit a’ chruach air Ùisdean beag:the haystack fell on little Hugh; a’ seòladh ann an eathar: sailing in a boat; shluig muc-mhara Donnchadh:a whale swallowed Duncan; nan cadal leis an sgìths: sleeping with [the] weariness; thuit Raghnall tron an leabaidh:Ronald fell through the bed; ag ithe mìr is càis: eating bread and cheese; mar sin leibh: cheerio; a’ toirt a-steach a’ bhùirn:bringing in the water; thuit Eachann dhan an tobair: Hector fell into the well; ruith esan a dh’Ameireagaidh:he ràn [off] to America; ’s cha robh ’n còrr ann: and there were none left; ’s e deagh rann a th’ ann, nach e?: it’s a good verse, is it not?; cuimhnichibh gu bheil an leabhar anns na bùthan: remember that the book is in the shops.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 349

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile