ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

483: The Amazing Country 483: An Dùthaich Iongantach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An Dùthaich Iongantach

Gaelic Gàidhlig

Ann am badeigin air a’ Ghàidhealtachd tha An Dùthaich Iongantach. Buinidh a h-uile duine don aon chinneadh – A’ Chlann Iongantach. ’S e fear dhiubh – Gòrach Mòr MacIongantach – a dh’fhàg an eachdraidh seo againn. Bha dithis bhràithrean air an robh an t-aon ainm-baistidh. Bha Gòrach Mòr trì bliadhna na bu shine na Gòrach Beag.

Anns an Dùthaich Iongantaich bha na daoine dhen mheud àbhaisteach. Ach bha a h-uile càil eile na bu mhotha na ’n àbhaist. Iongantach mòr.

Bha na lusan cho mòr ri craobhan. Nuair a bha am beàrnan-brìde fo bhlàth bha e coltach ri coille bhuidhe. Nuair a bha an t-uisge ann, bha na daoine a’ faighinn fasgadh fo dhuilleagan an rùbraib.

Bha na daoine measail air buinneagan Bruisealach. Ach bha na buinneagan cho àrd os cionn na talmhainn ’s gun robh e doirbh am buain. Gu fortanach, bha Gòrach Beag air a bhith anns na h-Innseachan. Dh’ionnsaich e sreap nan craobh pailm airson cnòthan-còco fhaighinn. Agus bha e a’ buain nam buinneagan Bruisealach anns an aon dòigh. Bha e a’ giùlain sgian mhòr na bheul. Bha buinneag Bhruisealach aig a’ chinneadh mar shuaicheantas. Agus ’s e ‘clann nam buinneag’ am frìth-ainm a bha air na h-Iongantaich.

Anns an Dùthaich Iongantaich, bha na buntàta cho mòr ri tairbh. Bha na bric cho mòr ri cearbain. Agus bha na fèidh cho mòr ri dìneasairean.

Mar sin, bha na h-ainmhidhean – eadhon an sprèidh – car cunnartach. Bha samhla aig na daoine – ‘cho cunnartach ri tòn mairt’. Tuigidh sibh mar a dh’èirich an abairt sin. Thathar ag ràdh, latha a bha seo, gun tàinig buachair air cailleach bheag gun fhiosta dhi. Chaidh trì latha seachad mus deach a corp a lorg.

Bha an crodh-bainne cho mòr ’s gun do sguir na daoine o bhith gam bleoghainn. Ach bha iad a’ bleoghainn nan coineanach agus nan luchan.

Aidh, ’s e Dùthaich Iongantach a bha innte, gun teagamh. Agus aon rud eile a bha annasach. Bha e an aghaidh an lagh breug innse. Tha fios againn mar sin gur e an fhìrinn ghlan a thug Gòrach Mòr dhuinn. Cho glan ris an eabar.

The Amazing Country

English Beurla

In some place in the Highlands there is the Wonderful Land. Everyone belongs to the same clan – the Wonderful Clan. It’s one of them – Big Gòrach MacIongantach – that left us this history. There were two brothers with the same given [baptism] name. Big Gòrach was three years older than Wee Gòrach.

In the Wonderful Land the people were of a normal size. But everything else was bigger than normal. Amazingly big.

The plants were as big as trees. When the dandelion was in flower, it was like a yellow forest. When it rained, the people were getting shelter under the leaves of the rhubarb.

The people were keen on Brussels sprouts. But the sprouts were so high above the ground that they were hard to harvest. Fortunately, Wee Gòrach had been in India. He learned to climb [the] palm trees to get coconuts. And he was harvesting the Brussels sprouts in the same way. He was carrying a large knife in his mouth. The clan had a Brussels sprout as their emblem. And the Iongantach clan’s nickname was ‘the children of the sprouts’.

In the Wonderful Land, the potatoes were as big as bulls. The trout were as big as basking sharks. And the deer were as big as dinosaurs.

Thus, the animals – even the livestock – were a bit dangerous. The people had a simile – ‘as dangerous as the rear-end of a cow’. You’ll understand how that saying came into being. It’s said, one day, that dung fell upon a little old woman without warning. Three days passed before her body was found.

The dairy [milk] cattle were so big that the people stopped milking them. But they were milking [the] rabbits and [the] mice.

Aye, it was a Wonderful Land, without doubt. And one other thing that was unusual. It was against the law to tell a lie. So we know that what Big Gòrach gave us was the pure [clean] truth. As clean as the mud.

Show English

An Dùthaich Iongantach

Gaelic Gàidhlig

Ann am badeigin air a’ Ghàidhealtachd tha An Dùthaich Iongantach. Buinidh a h-uile duine don aon chinneadh – A’ Chlann Iongantach. ’S e fear dhiubh – Gòrach Mòr MacIongantach – a dh’fhàg an eachdraidh seo againn. Bha dithis bhràithrean air an robh an t-aon ainm-baistidh. Bha Gòrach Mòr trì bliadhna na bu shine na Gòrach Beag.

Anns an Dùthaich Iongantaich bha na daoine dhen mheud àbhaisteach. Ach bha a h-uile càil eile na bu mhotha na ’n àbhaist. Iongantach mòr.

Bha na lusan cho mòr ri craobhan. Nuair a bha am beàrnan-brìde fo bhlàth bha e coltach ri coille bhuidhe. Nuair a bha an t-uisge ann, bha na daoine a’ faighinn fasgadh fo dhuilleagan an rùbraib.

Bha na daoine measail air buinneagan Bruisealach. Ach bha na buinneagan cho àrd os cionn na talmhainn ’s gun robh e doirbh am buain. Gu fortanach, bha Gòrach Beag air a bhith anns na h-Innseachan. Dh’ionnsaich e sreap nan craobh pailm airson cnòthan-còco fhaighinn. Agus bha e a’ buain nam buinneagan Bruisealach anns an aon dòigh. Bha e a’ giùlain sgian mhòr na bheul. Bha buinneag Bhruisealach aig a’ chinneadh mar shuaicheantas. Agus ’s e ‘clann nam buinneag’ am frìth-ainm a bha air na h-Iongantaich.

Anns an Dùthaich Iongantaich, bha na buntàta cho mòr ri tairbh. Bha na bric cho mòr ri cearbain. Agus bha na fèidh cho mòr ri dìneasairean.

Mar sin, bha na h-ainmhidhean – eadhon an sprèidh – car cunnartach. Bha samhla aig na daoine – ‘cho cunnartach ri tòn mairt’. Tuigidh sibh mar a dh’èirich an abairt sin. Thathar ag ràdh, latha a bha seo, gun tàinig buachair air cailleach bheag gun fhiosta dhi. Chaidh trì latha seachad mus deach a corp a lorg.

Bha an crodh-bainne cho mòr ’s gun do sguir na daoine o bhith gam bleoghainn. Ach bha iad a’ bleoghainn nan coineanach agus nan luchan.

Aidh, ’s e Dùthaich Iongantach a bha innte, gun teagamh. Agus aon rud eile a bha annasach. Bha e an aghaidh an lagh breug innse. Tha fios againn mar sin gur e an fhìrinn ghlan a thug Gòrach Mòr dhuinn. Cho glan ris an eabar.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 787

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile