ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

663: The great hunter and the Pleiades  663: An Sealgair Mòr agus An Grioglachan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An Sealgair Mòr agus An Grioglachan

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air na reul-bhadan ann an Gàidhlig? Sin na constellations. Chithear an Sealgair Mòr air feadh an t-saoghail. Ann am mòran chultaran, tha e air fhaicinn mar shealgair. Ann am Beurla, ʼs e Orion a chanar ris. Bha Orion na shealgair ann am faoinsgeulan na Grèige.

Tha dà rionnaig gu math soilleir anns an reul-bhad sin. Tha an Spor Dearg no Betelgeuse ann an ‘gualainn’ an t-Sealgair. Ann an ‘cas’ an t-Sealgair, tha an Spor Liath no Rigel. ʼS e an Spor Dearg an ochdamh rionnag as soilleire anns an iarmailt. ʼS e an Spor Liath an t-siathamh rionnag as soilleire anns an iarmailt.

Ann am meadhan an t-Sealgair Mhòir, tha sreath de thrì rionnagan faisg air a chèile. ʼS e sin Orion’s Belt. Ann an Gàidhlig – An Crios no Crios an t-Sealgair. Crochte fon Chrios, tha sreath de thrì rionnagan beaga air a bheil Orion’s Sword ann am Beurla. Do na Gàidheil, ʼs e sin A’ Bhiodag.

Cuideachd fon Chrios, ri taobh na Biodaig, tha neul-reultan no nebula. ʼS e neul-reultan cruinneachadh de ghasaichean is duslach. Canaidh sinn An Sporan ris an neul-reultan sin. Bha na seann Ghàidheil a’ samhlachadh an t-Sealgair air gaisgeach Gàidhealach le fèileadh-mòr air.

Taobh a-muigh an Spuir Dheirg, tha rionnagan a th’ air am faicinn, ann an cuid de chultaran, mar bhall-airm air a thogail os cionn an t-Sealgair. Dhuinne, ʼs e sin Am Breacan – pàirt dhen fhèileadh-mhòr aig an t-seann ghaisgeach Ghàidhealach.

Nise, tha mi airson ur stiùireadh gu reul-bhad eile. Thoiribh sùil air Crios an t-Sealgair. Leanaibh loidhne a’ Chrios suas gu deas agus cumaibh a dol. Ruigidh sibh rionnag mhòr ris an canar Aldebaran. Cumaibh a dol nas fhaide na sin anns an aon loidhne agus ruigidh sibh dlùth-bhuidheann de rionnagan. ʼS e sin Pleiades no An Grioglachan. Leis an t-sùil, chì thu seachd rionnagan. Uaireannan bidh daoine a’ gabhail ‘The Seven Sisters’ air an reul-bhad seo no, ann an Gàidhlig, Grioglachan nan Seachd Rionnag.

Ma gheibh sibh prosbaig, chì sibh na ficheadan de rionnagan ann. Tha reultairean ag innse dhuinn gu bheil mu cheithir cheud dhiubh ann uile-gu-lèir.

The great hunter and the Pleiades 

English Beurla

Do you know the constellations in Gaelic? That’s the constellations. Orion [the great hunter] can be seen throughout the world. In many cultures it’s seen as a hunter. In English it’s called Orion. Orion was a hunter in the Greek legends.

There are two very bright stars in that constellation. Betelgeuse is in the ‘shoulder’ of Orion. In Orion’s ‘foot’, there is Rigel. Betelgeuse is the eighth brightest star in the heavens. Rigel is the sixth brightest star in the heavens.

In the middle of Orion, there is a line of three stars close to each other. That’s Orion’s Belt. In Gaelic – the belt or the hunter’s belt. Hanging below the belt, there is a line of three small stars called Orion’s Sword in English. To the Gaels, that’s the Dirk.

Also below the Belt, next to the dirk, there is a nebula. A nebula is a collection of gases and dust. We call that nebula The Sporran. The Old Gaels were likening Orion to a Highland warrior wearing the belted plaid.

Outside Betelgeuse, there are stars that are seen, in some cultures, as a weapon raised above Orion. To us, that’s the Plaid – part of the belted plaid of the old Highland warrior.

Now, I want to guide you to another constellation. Have a look at Orion’s Belt. Follow the line of the belt to the right and keep going. You’ll reach a large star called Aldebara. Keep going beyond that in the same line and you’ll reach a group of closely-packed stars. That’s the Pleiades or An Grioglachan. With the eye, you can see seven stars. Sometimes people call this constellation The Seven Sisters or, in Gaelic, Grioglachan of the seven stars.

If you get binoculars (or a telescope) you can see dozens of stars in it. Astronomers tell us that there are about four hundred of them all told.

Show English

An Sealgair Mòr agus An Grioglachan

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air na reul-bhadan ann an Gàidhlig? Sin na constellations. Chithear an Sealgair Mòr air feadh an t-saoghail. Ann am mòran chultaran, tha e air fhaicinn mar shealgair. Ann am Beurla, ʼs e Orion a chanar ris. Bha Orion na shealgair ann am faoinsgeulan na Grèige.

Tha dà rionnaig gu math soilleir anns an reul-bhad sin. Tha an Spor Dearg no Betelgeuse ann an ‘gualainn’ an t-Sealgair. Ann an ‘cas’ an t-Sealgair, tha an Spor Liath no Rigel. ʼS e an Spor Dearg an ochdamh rionnag as soilleire anns an iarmailt. ʼS e an Spor Liath an t-siathamh rionnag as soilleire anns an iarmailt.

Ann am meadhan an t-Sealgair Mhòir, tha sreath de thrì rionnagan faisg air a chèile. ʼS e sin Orion’s Belt. Ann an Gàidhlig – An Crios no Crios an t-Sealgair. Crochte fon Chrios, tha sreath de thrì rionnagan beaga air a bheil Orion’s Sword ann am Beurla. Do na Gàidheil, ʼs e sin A’ Bhiodag.

Cuideachd fon Chrios, ri taobh na Biodaig, tha neul-reultan no nebula. ʼS e neul-reultan cruinneachadh de ghasaichean is duslach. Canaidh sinn An Sporan ris an neul-reultan sin. Bha na seann Ghàidheil a’ samhlachadh an t-Sealgair air gaisgeach Gàidhealach le fèileadh-mòr air.

Taobh a-muigh an Spuir Dheirg, tha rionnagan a th’ air am faicinn, ann an cuid de chultaran, mar bhall-airm air a thogail os cionn an t-Sealgair. Dhuinne, ʼs e sin Am Breacan – pàirt dhen fhèileadh-mhòr aig an t-seann ghaisgeach Ghàidhealach.

Nise, tha mi airson ur stiùireadh gu reul-bhad eile. Thoiribh sùil air Crios an t-Sealgair. Leanaibh loidhne a’ Chrios suas gu deas agus cumaibh a dol. Ruigidh sibh rionnag mhòr ris an canar Aldebaran. Cumaibh a dol nas fhaide na sin anns an aon loidhne agus ruigidh sibh dlùth-bhuidheann de rionnagan. ʼS e sin Pleiades no An Grioglachan. Leis an t-sùil, chì thu seachd rionnagan. Uaireannan bidh daoine a’ gabhail ‘The Seven Sisters’ air an reul-bhad seo no, ann an Gàidhlig, Grioglachan nan Seachd Rionnag.

Ma gheibh sibh prosbaig, chì sibh na ficheadan de rionnagan ann. Tha reultairean ag innse dhuinn gu bheil mu cheithir cheud dhiubh ann uile-gu-lèir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 967

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile