ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

72: Deirdre 72: Deirdre

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Deirdre

Gaelic Gàidhlig

Tha mi fhathast ag innse dhuibh na sgeulachd “Deirdre agus Clann Uisne”. Chuir Colum Cruitire a’ bhean-ghlùin air falbh leis an leanabh gu bothan sna beanntan. Bha dragh air Colum mu na thuirt am fiosaiche ris. Thuirt am fiosaiche gu robh rudan uabhasach a’ dol a thachairt. Thuirt e gun robh triùir ghaisgeach a’ dol a chall an cinn. Air sàilleabh na h-ìghne.

Bha an leanabh, Deirdre, a-nise ann an àite fad air falbh sna beanntan. Bha i còmhla ri a muime. Thug Colum biadh is aodach dhaibh airson latha agus bliadhna. Thuirt e gun robh e a’ dol a thilleadh le biadh a-rithist aig deireadh na bliadhna. Agus thill e. Agus thill e le biadh a h-uile bliadhna.

Bha Deirdre agus a muime a’ fuireach còmhla gus an robh Deirdre ceithir bliadhn’ deug a dh’aois. Fad na h-ùine sin, chan fhac’ iad duine. Dh’ionnsaich Deirdre tòrr bho a muime. Ach cha do bhruidhinn i ri duine sam bith eile. Bha Deirdre uabhasach bòidheach. Cha robh boireannach ann an Èirinn cho bòidheach rithe.

Oidhche gheamhraidh a bha seo bha sealgair anns an sgìre. Bha e air chall. Bha an t-acras air. Bha e uabhasach sgìth. Laigh e sìos. Agus chaidil e. Bha e ri taobh a’ bhothain. Ach cha robh fios aige air sin.

Thàinig aisling air. Dh’èigh e a-mach na aisling. Chuala Deirdre e agus thuirt i ri a muime, “A mhuime, gu dè tha siud?”

“Chan eil càil,” fhreagair a’ mhuime. “Dìreach eun.”

Dh’èigh an duine a-rithist na aisling. “A mhuime, gu dè tha siud?” arsa Deirdre.

“Chan eil càil. Dìreach eun na coille.”

Dh’èigh an duine treas turas.

“O, gu dè tha siud, a mhuime?” arsa Deirdre.

“Dìreach eun air chall. Thèid e seachad,” thuirt am boireannach.

“O, a mhuime,” thuirt Deirdre, “Leigidh mi an t-eun a-steach.”

Leum Deirdre suas. Chaidh i don doras. Dh’fhosgail i an doras. Cha robh eun ann. Bha sealgair ann. Leig Deirdre a-steach e. Bha an t-acras air an t-sealgair.

Nuair a chunnaic an sealgair Deirdre, smaoinich e nach robh boireannach ann an Èirinn cho bòidheach rithe. Agus cha robh an t-acras air tuilleadh.

Faclan is abairtean: tha mi fhathast ag innse dhuibh: I’m still telling you/relating; chuir X a’ bhean-ghlùin air falbh: X sent the midwife away; leis an leanabh gu bothan sna beanntan: with the baby to a bothy in the mountains; gu robh rudan uabhasach a’ dol a thachairt:that terrible things were going to happen; gun robh triùir ghaisgeach a’ dol a chall an cinn:that three heroes were going to lose their heads; air sàilleabh na h-ìghne: because of the girl; fad air falbh: a long way away; còmhla ri a muime: along with her foster-mother; biadh is aodach: food and clothes; thill e le biadh a h-uile bliadhna: he returned with food every year; ceithir bliadhn’ deug a dh’aois: fourteen years of age; dh’ionnsaich Deirdre tòrr: Deirdre learned a lot; cha do bhruidhinn i ri duine sam bith eile: she didn’t speak [ie she never spoke] to anybody else; cho bòidheach rithe: as beautiful as her; sealgair: hunter; air chall: lost; laigh e sìos: he lay down; chaidil e: he slept; ri taobh a’ bhothain: beside the bothy; cha robh fios aige air sin: he didn’t know [ie realise] that; dh’èigh e a-mach na aisling: he cried out in his dream; chuala Deirdre e: Deirdre heard him; gu dè tha siud?: what’s that?; chan eil càil: nothing; eun na coille: a bird of the forest; treas turas: a third time; thèid e seachad: it’ll go past [the bothy]; leigidh mi an t-eun a-steach: I’ll let the bird in; dh’fhosgail i an doras: she opened the door; Èirinn: Ireland; cha robh an t-acras air tuilleadh: he was no longer hungry.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 376

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile