ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

110: Diarmaid and Gràinne 110: Diarmaid agus Gràinne

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Diarmaid agus Gràinne

Gaelic Gàidhlig

Tha mi ag innse dhuibh an sgeulachd thraidiseanta “Diarmaid agus Gràinne”. Tha i ceangailte ri Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh. Theich Diarmaid le Gràinne. Ach bha ise fo ghealladh-pòsaidh do Fhionn.

Bha Gràinne air a dhol an aghaidh Dhiarmaid, ge-tà. Bha Diarmaid a’ sabaid le Ciofach Mac a’ Ghoill. Stob Gràinne sgian ann an cas Dhiarmaid.

Theich Diarmaid. Bha e beò air èiginn. Dh’fhàs fhalt. Dh’fhàs fheusag. Bha iad cho fada ’s nach do dh’aithnich duine e. Chaidh e far an robh Gràinne agus Ciofach. Ach dh’aithnich Gràinne e. Thug Ciofach ionnsaigh air. Ach bha Diarmaid làidir. Mharbh e Ciofach. Agus theich e a-rithist.

Lean Gràinne air Diarmaid. Lorg i e. Bha an sgian a stob i na chois fhathast ann. Cha b’ urrainn dha a toirt às. Tharraing Gràinne a-mach i. Bha eagal air Diarmaid gun robh Fionn a’ dol ga lorg. Chùm iad a dol. Lorg iad allt. Thog iad taigh. Ach bha leapannan air leth aca.

Bha Diarmaid a’ dèanamh shoithichean fiodha a-rithist. Bha na sliseagan a’ dol sìos leis an allt. Latha a bha seo, bha Fionn a’ sealg anns an sgìre. Chunnaic e na sliseagan.

“Is iad seo sliseagan Dhiarmaid,” thuirt e.

“Chan iad,” fhreagair càch. “Chan eil Diarmaid beò.”

Glaodhaich iad. Fhreagair Diarmaid iad. Oir gheall e gun robh e a’ dol fhreagairt glaodh na Fèinne an-còmhnaidh. Chaidh e sìos airson coinneachadh riutha. Choinnich e ri Fionn. Chuir Fionn dùbhlan roimhe. Bha Fionn fhathast ag iarraidh dìoghaltas. Dh’iarr e air Diarmaid an torc nimhe air Beinn Ghulbain a mharbhadh. Ghabh Diarmaid ris an dùbhlan.

Lean Diarmaid air an torc airson làithean. Mu dheireadh, fhuair e faisg gu leòr air airson a mharbhadh. Thill Diarmaid. Thuirt e gun do mharbh e an torc. Ach bha Fionn fhathast feargach is eudmhor. Bha fios aige gun robh aon laigse aig Diarmaid. Bha ball-dòbhrain aige air bonn a choise. Bha comas aig calg tuirc Diarmaid a mharbhadh. Bha sin le bhith a’ briseadh a’ bhuill-dhòbhrain. Chì sinn dè thachair anns an ath Litir.

Faclan is abairtean: Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh: Ben Gulabin In Glenshee; bha ise fo ghealladh-pòsaidh do Fhionn: she was engaged to Fionn; bha e beò air èiginn: he was only just alive; dh’fhàs fheusag: his beard grew; cho fada ’s nach do dh’aithnich duine e: so long that nobody recognised him; bha an sgian a stob i na chois fhathast ann: the knife she [had] stuck in his leg was still there; cha b’ urrainn dha a toirt às: he couldn’t remove it; gun robh Fionn a’ dol ga lorg: that Fionn was going to find them; ach bha leapannan air leth aca: but they had separate beds; a’ dèanamh shoithichean fiodha: making wooden vessels; bha na sliseagan a’ dol sìos leis an allt: the shavings were going down with the burn; oir gheall e gun robh e a’ dol fhreagairt glaodh na Fèinne an-còmhnaidh: because he promised he was always going to reply to the call of the Fingalians; airson coinneachadh riutha: to meet them; chuir Fionn dùbhlan roimhe: Fionn set him a challenge; dìoghaltas: revenge; dh’iarr e air Diarmaid an torc nimhe air Beinn Ghulbain a mharbhadh: he asked Diarmaid to kill the wild boar of Ben Gulabin; faisg gu leòr air airson a mharbhadh: close enough to it to kill it; feargach is eudmhor: angry and jealous; gun robh aon laigse aig Diarmaid: that Diarmaid had one weakness; bha ball-dòbhrain aige air bonn a choise: he had a mole on the sole of his foot; bha comas aig calg tuirc Diarmaid a mharbhadh: a boar’s bristle had the ability to kill Diarmaid; le bhith a’ briseadh a’ bhuill-dhòbhrain: by breaking the mole.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 414

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile