menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

Thomas Garnett and the marvels of Loch Lomond (Litir Bheag 365) Tòmas Garnett agus Mìorbhailean Loch Laomainn (Litir Bheag 365)

Thomas Garnett and the marvels of Loch Lomond Tòmas Garnett agus Mìorbhailean Loch Laomainn

There is a statue of Donald Dewar, Scotland’s first First Minister, at the top end of Buchanan Street in Glasgow. But more than two hundred years ago, a memorial was nearly erected there to somebody else. Who?

The solution is George Buchanan, the scholar, poet and historian. I found out about that from the book by Thomas Garnett Observations on a Tour Through the Highlands …The book was published in the year 1800.

Garnett saw the memorial to Buchanan in Killearn in Stirlingshire. He said that people were wanting initially to put it up in Buchanan Street. But Buchanan Street didn’t get its [her] name from George. It [she] got it from another man, Andrew Buchanan. He made a fortune overseas in the tobacco industry.

When Thomas Garnett was in the vicinity of Loch Lomond, he received information that there were three marvels in the loch. They were: fish without fins, waves without wind and a floating island.

Garnett explained the three marvels in this way. Snakes are plentiful there. They swim from island to island. These were the “fish” without fins.

And the waves? Well, that’s the thing I was talking about a few Litrichean ago – seiches. That’s how an earthquake causes a movement of water in a loch, particularly a long narrow loch. And water in a loch of that type moves for a while after a storm, even when the weather is calm.

When Garnett was at Loch Lomond, there wasn’t a floating island there. But he heard that pieces were breaking from the other islands, and floating away.

And there was another type of “floating island”. That was a raft that people built. They were tying tree trunks together. They were putting soil on them. They moved cattle and people on them.

In time of war, people were tying their raft to an island in the loch. At a distance, it was appearing like part of the island itself. The people were safe on them.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Tòmas Garnett agus Mìorbhailean Loch Laomainn (Litir Bheag 365)

Thomas Garnett and the marvels of Loch Lomond

Tha ìomhaigh de Dhòmhnall Mac an Deòir, a’ chiad Phrìomh Mhinistear aig Alba, aig ceann shuas Sràid Bhochanain ann an Glaschu. Ach còrr is dà cheud bliadhna air ais, cha mhòr nach deach carragh-cuimhne a chur an sin do chuideigin eile. Cò?

’S e am fuasgladh Seòras Bochanan, an sgoilear, bàrd is eachdraiche. Fhuair mi fios air sin bhon leabhar aig Tòmas Garnett Observations on a Tour Through the Highlands … Chaidh an leabhar fhoillseachadh anns a’ bhliadhna ochd ceud deug (1800).

Chunnaic Garnett an carragh-cuimhne do Bhochanan ann an Cill Earrainn ann an Siorrachd Shruighlea. Thuirt e gun robh daoine ag iarraidh an toiseach a chur suas ann an Sràid Bhochanain. Ach cha d’ fhuair Sràid Bhochanain a h-ainm bho Sheòras. Fhuair i e bho fhear eile, Anndra Bochanan. Rinn esan fortan thall thairis ann an gnìomhachas an tombaca.

Nuair a bha Tòmas Garnett ann an sgìre Loch Laomainn, fhuair e fios gun robh trì mìorbhailean anns an loch. B’ iad sin: èisg gun itean, tuinn gun ghaoth agus eilean air flod.

Mhìnich Garnett na trì mìorbhailean mar seo. Tha nathraichean pailt ann. Bidh iad a’ snàmh bho eilean gu eilean. B’ iad sin na “h-èisg” gun itean.

Agus na tuinn? Uill, ’s e sin an rud a bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn o chionn grunn Litrichean – seiches. Sin mar a bhios crith-thalmhainn ag adhbharachadh gluasad uisge ann an loch, gu h-àraidh loch fada caol. Agus bidh uisge ann an loch mar sin a’ gluasad airson ùine an dèidh stoirm, eadhon nuair a tha an aimsir ciùin.

Nuair a bha Garnett aig Loch Laomainn, cha robh eilean air flod ann. Ach chuala e gun robh pìosan a’ briseadh far nan eilean eile, agus a’ dol air flod.

Agus bha seòrsa eile ann de “eilean air flod”. B’ e sin ràth a thog daoine. Bha iad a’ ceangal ri chèile stocan craoibhe. Bha iad a’ cur ùir orra. Ghluais iad crodh is daoine orra.

Aig àm cogaidh, bha daoine a’ ceangal an ràtha aca ri eilean anns an loch. Aig astar, bha e a’ coimhead coltach ri pàirt dhen eilean fhèin. Bha na daoine sàbhailte orra.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 669

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word