ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

104: Wee Calum 104: Calum Beag

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Calum Beag

Gaelic Gàidhlig

Tha aon stòiridh eile agam mu Chalum Beag. Bha Calum a’ goid sprèidh. Ach bu toigh leis an uachdaran e. Bho àm gu àm bha an t-uachdaran a’ dìon Chaluim nuair a bha daoine eile feargach leis.

Turas a bha seo, ghoid Calum molt. Sin wedder ann am Beurla. Molt. Chaidh Calum a ghlacadh. Bha am molt aige. Chaidh e air beulaibh an uachdarain. Bha fianais làidir ann. Bha am molt aig Calum! Smaoinich an t-uachdaran. Dh’òrdaich e Calum agus am molt a chur do chealla anns a’ chaisteal. Bha a’ chealla os cionn na talmhainn. Bha tuill bheaga sa bhalla.

Fhuair na daoine, a bha feargach le Calum, deoch is biadh. Bha iad ag ithe ’s ag òl. Chaidh an t-uachdaran suas don chealla.

“A bheil sgian gheur agad?” dh’fhaighnich e de Chalum.

“Tha,” fhreagair Calum.

“Cuiridh mi luchd-ceannach thugad airson do mhuilt,” thuirt an t-uachdaran. Agus dh’fhalbh e. Thuirt e rud neònach, nach tuirt? “Cuiridh mi luchd-ceannach thugad airson do mhuilt.” Ach bha fios aig Calum dè bha e a’ ciallachadh. Thug e an sgian a-mach. Mharbh e am molt. Gheàrr e am molt ann am pìosan beaga. Thilg e na pìosan a-mach air na tuill sa bhalla.

Shìos fodha, bha coin. Bha an t-acras orra. Dh’ith iad na pìosan dhen mholt. Às dèidh ùine, thuirt an t-uachdaran gun robh e ag iarraidh Calum Beag fhaicinn – agus an fhianais na aghaidh. Ach nuair a dh’fhosgail iad a’ chealla, cha robh sgeul air a’ mholt. Thuirt an t-uachdaran nach robh cùis ann. Bha Calum saor airson a dhol dhachaigh.

Faclan is abairtean: tha aon stòiridh eile agam: I have one more [other] story; bha e a’ goid sprèidh: he was stealing livestock; bu toigh leis an uachdaran e: the landlord liked him; a’ dìon Chaluim: protecting Calum; air beulaibh an uachdarain: in front of the landlord; fianais làidir: strong evidence; dh’òrdaich e Calum agus am molt a chur do chealla: he ordered Calum and the wedder to put in a cell; os cionn na talmhainn: above the ground; tuill bheaga sa bhalla: small holes in the wall; feargach: angry; deoch is biadh:drink and food; sgian gheur: a sharp knife; cuiridh mi luchd-ceannach thugad airson do mhuilt:I’ll send you buyers for your wedder; thuirt e rud neònach, nach tuirt?: he said a strange thing, didn’t he?; dè bha e a’ ciallachadh: what he was meaning; thilg e na pìosan a-mach air na tuill sa bhalla: he threw the pieces out of the holes in the wall; shìos fodha, bha coin: down below him were dogs; gun robh e ag iarraidh Calum Beag fhaicinn: that he was wanting to see Calum Beag; agus an fhianais na aghaidh: and the evidence against him; cha robh sgeul air a’ mholt: there was no sign of the wedder; nach robh cùis ann: bha Calum saor airson a dhol dhachaigh: Calum was free to go home.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 408

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile