14: My fair young love 14: Mo Rùn Geal Òg
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Mo Rùn Geal Òg
An toigh leibh an t-òran Mo Rùn Geal Òg? A bheil sibh eòlach air an òran sin? Bha e air a sgrìobhadh ri linn nan Seumasach. Tha e a’ tòiseachadh, “Och, a Theàrlaich Òig Stiùbhairt, ’s e do chùis [a] rinn mo lèireadh…” ’S e Teàrlach Òg Stiùbhart a’ Ghàidhlig air Bonnie Prince Charlie. Teàrlach Òg Stiùbhart.
’S e boireannach a sgrìobh an t-òran. ’S e an t-ainm a bh’ oirre Cairistìona NicFhearghais. ’S e òran-gaoil a th’ anns an òran. Tha e cuideachd a’ cur an aghaidh cogadh. Bha Cairistìona brònach oir chaill i an duine aice aig Blàr Chùil Lodair. ’S e an t-ainm a bh’ air an duine aice Uilleam Siosalach. Bha gaol mòr aig Cairistìona air Uilleam. Sgrìobh i, “bha do shlios mar an eala, ’s blas na meal’ air do phògan.” Bha do shlios mar an eala, ’s blas na meal’ air do phògan.” Tha i a’ moladh Uilleim gu mòr.
Ach bha Cairistìona feargach cuideachd. Bha faclan cruaidh aice do Theàrlach Òg. Seo na ciad cheithir loidhnichean dhen òran:
Och a Theàrlaich Òig Stiùbhairt,
’S e do chùis rinn mo lèireadh,
Thug thu bhuam gach nì [a] bh’ agam
Ann an cogadh nad adhbhar;
Seo e a-rithist:
Och a Theàrlaich Òig Stiùbhairt,
’S e do chùis rinn mo lèireadh,
Thug thu bhuam gach nì [a] bh’ agam
Ann an cogadh nad adhbhar;
Bhuineadh Cairistìona do Chunndainn ann an Siorrachd Rois. Bha a h-athair na ghobha. A rèir aithris, bha Uilleam Siosalach à Srath Ghlais – dùthaich nan Siosalach. Bha e a’ cumail bratach nan Siosalach aig Blàr Chùil Lodair. Bha e calma. Lean e air a’ sabaid, nuair a bha cuid de na saighdearan Seumasach a’ teicheadh lem beatha.
Tha a bhanntrach ag ràdh anns an òran, “Cha do sheas an Cùil Lodair fear do choltais [a] bu trèine, mo rùn geal òg.”
Bha Uilleam treun, ach chaill e a bheatha. Mharbh na saighdearan dearga e. Chuir iad seachd peilearan ann.
’S e gnothach uabhasach a bh’ ann, gun teagamh. Cha tàinig mòran math às. Ach thàinig òran math às. Mo Rùn Geal Òg.
Faclan is abairtean: an toigh leibh an t-òran: do you like the song?; Mo Rùn Geal Òg: my fair young love; bha e air a sgrìobhadh ri linn nan Seumasach: he was written in the Jacobite times; ’s e do chùis [a] rinn mo lèireadh: it is your cause that distressed me; ’s e an t-ainm a bh’ oirre Cairistìona NicFhearghais: her name was Christina Fergusson; tha e cuideachd a’ cur an aghaidh cogadh: it also opposes war; brònach: sad; chaill i an duine aice aig Blàr Chùil Lodair: she lost her husband at the Battle of Culloden; Uilleam Siosalach:William Chisholm; bha do shlios mar an eala: your side was like the swan; blas na meal’ air do phògan: the taste of honey on your kisses; tha i a’ moladh Uilleim: she praises William; feargach: angry; bha faclan cruaidh aice do Theàrlach Òg: she had harsh words for Bonnie Prince Charlie; thug thu bhuam gach nì [a] bh’ agam: you took from me everything I had; ann an cogadh nad adhbhar: in a war for your cause; bhuineadh Cairistìona do Chunndainn ann an Siorrachd Rois: Christina belonged to Contin in Ross-shire; bha Uilleam Siosalach à Srath Ghlais: William Chisholm was from Strathglass; bratach: flag; calma: brave; lean e air a’ sabaid: he continued fighting; nuair a bha cuid de na saighdearan Seumasach a’ teicheadh lem beatha: when some of the Jacobite soldiers were fleeing for [with] their lives; a bhanntrach: his widow; cha do sheas an Cùil Lodair fear do choltais [a] bu trèine: there didn’t stand at Culloden a braver man in your mould; bha Uilleam treun, ach chaill e a bheatha:William was bold, but he lost his life; mharbh na saighdearan dearga e: the redcoat soldiers killed him; chuir iad seachd peilearan ann: they put seven bullets into him; ’s e gnothach uabhasach a bh’ ann: it was a terrible business; gun teagamh: without doubt; cha tàinig mòran math às: in not much good came of it.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 318
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn