ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

375: The Goat Family tree 375: Gobhair agus a’ Chraobh-theaghlaich

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Gobhair agus a’ Chraobh-theaghlaich

Gaelic Gàidhlig

Anns an leabhar aige In The Shadow of Cairngorm, tha an t-Oll. Urr. Uilleam Fearsithe ag ràdh gum biodh teaghlaichean de ghobhair gan rangachadh fhèin anns a’ bhuaile. Bha sin airson cadal air an oidhche. Gu h-àrd, bhiodh a’ mhàthair. An uair sin an nighean. An uair sin an t-ogha, agus mar sin air adhart, sìos na ginealaich.

Bha mo smuaintean a’ dol don Ghàidhlig air na diofar ghinealaich ann an sliochd cuideigin. Ma tha e fìor airson ghobhar, tha e fìor cuideachd airson daoine.

Seo mar a tha Faclair Dwelly ag aithris a’ ghnothaich. Bruidhnidh mi mu fhireannaich an toiseach, airson a chumail sìmplidh. An toiseach, na ginealaich: athair, mac, ogha, iar-ogha, fionn-ogha agus dubh-ogha.

Agus seo an t-eadar-theangachadh: athair, father; mac, son; ogha, grandson; iar-ogha, great-grandson, fionn-ogha, great-great-grandson; agus dubh-ogha, great-great-great-grandson. Agus, nas fhaide na sin: iar-dubh-ogha is iar-iar-dubh-ogha.

Mas ann air nigheanan tha sibh a’ bruidhinn, tha e ag obair mar seo: ban-ogha, granddaughter; iar-bhan-ogha, great-granddaughter. Cha chuala mi fionn no dubh air an cleachdadh le ban-ogha. Ach chuala mi ogha airson granddaughter agus iar-ogha airson great-granddaughter. Uaireannan, cha dèan daoine diofar eadar fireannach is boireannach a thaobh sin.

Ma tha sinn ag obair an rathad eile – suas na ginealaich – tha e a’ dol mar seo: athair, father; seanair, grandfather; sinn-seanair, great-grandfather; sinn-sinn-seanair, great-great-grandfather is mar sin air adhart.

Le boireannaich, tha e ag obair mar seo: màthair, mother; seanmhair, grandmother, sinn-seanmhair, great-grandmother, sinn-sinn-seanmhair, great-great-grandmother.

Nise, seo tòimhseachan dhuibh: Is mise iar-ogha mo shinn-seanar. Cò mi? Is mise iar-ogha mo shinn-seanar. Cò mi? Uill, ’s e am fuasgladh – mise! Ach bhiodh sibh ceart cuideachd le bhith ag ràdh “mo bhràthair” no “mo phiuthar” no “mo cho-ogha”.

Na gobhair bhochd – theich iad orm! A, uill, tillidh mi thuca anns an ath Litir.

The Goat Family tree

English Beurla

In his book In The Shadow of Cairngorm, the Rev. Dr. William Forsyth says that families of goats would rank themselves in the fold. That was for sleeping at night. At the top would be the mother. Then the daughter. Then the grand-child, and so on, down the generations.

My thoughts were drifting to the Gaelic terms for the different generations among a person’s descendants. If it’s true for goats, it’s also true for people.

Here’s how Dwelly’s Dictionary reports the matter. I’ll speak about men to start with, to keep it simple. To start with, the generations: father, son, grandson, great-grandson, great-great-grandson and great-great-great-grandson.

And here’s the translation: athair, father; mac, son; ogha, grandson; iar-ogha, great-grandson, fionn-ogha, great-great-grandson; and dubh-ogha, great-great-great-grandson. And, further than that: great-great-great-great-grandson and great-great-great-great-great-grandson

If it’s girls you’re talking about, it works like this: ban-ogha, grand-daughter; iar-bhan-ogha, great-grand-daughter. I’ve never heard fionn or dubh used with ban-ogha. But I’ve heard ogha for granddaughter and iar-ogha for great-granddaughter. Sometimes people do not distinguish between man and woman in that regard.

If we’re working in the other direction – up the generations – it goes like this: athair, father; seanair, grandfather; sinn-seanair, great-grandfather; sinn-sinn-seanair, great-great-grandfather and so on.

With women, it works like this: màthair, mother; seanmhair, grand-mother, sinn-seanmhair, great-grandmother, sinn-sinn-seanmhair, great-great-grandmother.

Now, here’s a puzzle for you. I’m the great-grandchild of my great-grandfather. Who am I? I’m the great-grandchild of my great-grandfather. Who am I? Well, the solution is – me! But you’d also be correct by saying “my brother” or “my sister” or “my [first] cousin”.

The poor goats – they’ve run away on me! Oh, well, I’ll return to them in the next Litir.

Show English

Gobhair agus a’ Chraobh-theaghlaich

Gaelic Gàidhlig

Anns an leabhar aige In The Shadow of Cairngorm, tha an t-Oll. Urr. Uilleam Fearsithe ag ràdh gum biodh teaghlaichean de ghobhair gan rangachadh fhèin anns a’ bhuaile. Bha sin airson cadal air an oidhche. Gu h-àrd, bhiodh a’ mhàthair. An uair sin an nighean. An uair sin an t-ogha, agus mar sin air adhart, sìos na ginealaich.

Bha mo smuaintean a’ dol don Ghàidhlig air na diofar ghinealaich ann an sliochd cuideigin. Ma tha e fìor airson ghobhar, tha e fìor cuideachd airson daoine.

Seo mar a tha Faclair Dwelly ag aithris a’ ghnothaich. Bruidhnidh mi mu fhireannaich an toiseach, airson a chumail sìmplidh. An toiseach, na ginealaich: athair, mac, ogha, iar-ogha, fionn-ogha agus dubh-ogha.

Agus seo an t-eadar-theangachadh: athair, father; mac, son; ogha, grandson; iar-ogha, great-grandson, fionn-ogha, great-great-grandson; agus dubh-ogha, great-great-great-grandson. Agus, nas fhaide na sin: iar-dubh-ogha is iar-iar-dubh-ogha.

Mas ann air nigheanan tha sibh a’ bruidhinn, tha e ag obair mar seo: ban-ogha, granddaughter; iar-bhan-ogha, great-granddaughter. Cha chuala mi fionn no dubh air an cleachdadh le ban-ogha. Ach chuala mi ogha airson granddaughter agus iar-ogha airson great-granddaughter. Uaireannan, cha dèan daoine diofar eadar fireannach is boireannach a thaobh sin.

Ma tha sinn ag obair an rathad eile – suas na ginealaich – tha e a’ dol mar seo: athair, father; seanair, grandfather; sinn-seanair, great-grandfather; sinn-sinn-seanair, great-great-grandfather is mar sin air adhart.

Le boireannaich, tha e ag obair mar seo: màthair, mother; seanmhair, grandmother, sinn-seanmhair, great-grandmother, sinn-sinn-seanmhair, great-great-grandmother.

Nise, seo tòimhseachan dhuibh: Is mise iar-ogha mo shinn-seanar. Cò mi? Is mise iar-ogha mo shinn-seanar. Cò mi? Uill, ’s e am fuasgladh – mise! Ach bhiodh sibh ceart cuideachd le bhith ag ràdh “mo bhràthair” no “mo phiuthar” no “mo cho-ogha”.

Na gobhair bhochd – theich iad orm! A, uill, tillidh mi thuca anns an ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 679

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile