ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

798: St Merchant (1) 798: Naomh Meircheard (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Naomh Meircheard (1)

Gaelic Gàidhlig

ʼS e Naomh Meircheard an naomh sònraichte ann an Gleann Moireasdan, taobh Loch Nis. Ann am Beurla, St. Merchard no St. Irchard. Bha cleachdadh aig ar sinnsearan ‘mo’ a chur air beulaibh ainm naoimh. Dh’atharraich Mo Eircheard gu Meircheard. Bha Gàidheil Ghleann Moireasdan ga fhuaimneachadh mar ‘Meirchead’.

Rugadh is thogadh e faisg air Obar Dheathain ann an sgìre Chinn Chàrdainn . Latha a bha seo, a rèir beul-aithris, bha e fhèin agus dithis eile a’ sgaoileadh an t-soisgeil ann an Srath Ghlais.

Bha bò bhàn ann. Gach latha, bha i na seasamh faisg air craobh, a’ coimhead oirre. Cha robh i ag ithe feur. A dh’aindeoin sin, cha robh an t-acras oirre.

Chladhaich Meircheard anns an ùir aig bonn na craoibhe. Lorg e trì clagan. Bha coltas ùr-nodha orra.

Chùm Meircheard clag dha fhèin. Thug e na dhà eile do a chompanaich. Dh’iarr e orra falbh, gach duine air an rathad aige fhèin. ‘Nuair a sheirmeas an clag leis fhèin treas turas,’ thuirt e, ‘togaibh eaglais an sin.’

Dh’fhalbh a’ chiad duine chun na h-àirde an ear. Sheirm an clag trì tursan. An turas mu dheireadh, bha e ann an Gleann a’ Chonfhadhaich, deas air a’ Mhanachainn. Tha seann eaglais is cladh an sin fhathast.

Dh’fhalbh an dàrna fear chun na h-àirde an iar. Nuair a sheirm an clag aigesan treas turas, bha e anns an Àth Leathann san Eilean Sgitheanach.

Dh’fhalbh Meircheard chun na h-àirde a deas. Bha e air mullach os cionn Ghleann Moireasdan nuair a sheirm an clag aige a’ chiad turas. Chuir muinntir an àite an t-ainm air a’ bheinn ud Suidhe Meircheard. Anns an latha an-diugh, ʼs e dìreach An Suidhe a tha air na mapaichean, no mar a chanas daoine timcheall Loch Nis, ‘An Suidh’.

Ràinig Meircheard Gleann Moireasdan. Stad e aig fuaran. Sheirm an clag dàrna turas. Cha deach e fada, agus sheirm an clag a-rithist. Thog Meircheard eaglais ann. Canaidh daoine Clachan Meircheard ris an àite. Chan eil ann a-nise ach seann chladh.

Mar a chì sinn an-ath-sheachdain, bha an clag ainmeil thar nan linntean. Bho àm gu àm, bhiodh e fhathast a’ seirm leis fhèin.

St Merchant (1)

English Beurla

St. Merchard is the patron saint of Glenmoriston, near Loch Ness. In English, [he is called] St. Merchard or St. Irchard. Our ancestors had the practice of putting ‘mo’ in front of a saint’s name. Mo Eircheard changed to Meircheard.The Gaels of Glenmoriston were pronouncing it as ‘Meirchead’.

He was born and brought up near Aberdeen in the area of Kincardine [O’Neil]. One day, according to oral tradition, he and two others were spreading the gospel in Strathglass.

There was a white cow there. Each day, it was standing near a tree, looking at it. It wasn’t eating grass. Despite that, it wasn’t hungry.

Merchard dug in the soil at the base of the tree. He found three bells. They looked brand-new.

Merchard kept a bell for himself. He gave the other two to his companions. He asked them to leave, each man on his own route. ‘When the bell rings by itself a third time,’ he said, ‘build a church there.’

The first man went to the east. The bell rang three times. The final time, he was in Glen Convinth, south of Beauly. There is an old church and graveyard there still.

The second man went west. When the bell rang a third time, he was in Broadford on the Isle of Skye.

Merchard went south. He was on a hilltop above Glenmoriston when his bell rang the first time. The local people called that mountain Suidhe Meircheard ‘Merchard’s seat’. Today, it’s just An Suidhe ‘the seat’ that’s on the maps, or as people around Loch Ness say, ‘ An Suidh’.

Merchard reached Glenmoriston. He stopped at a spring. The bell rang a second time. He didn’t go far, and the bell rang again. Merchard built a church there. People call the place Clachan Meircheard . There is nothing there now, except an old graveyard.

As we’ll see next week, the bell was famous down the centuries. From time to time, it would still ring by itself.

Show English

Naomh Meircheard (1)

Gaelic Gàidhlig

ʼS e Naomh Meircheard an naomh sònraichte ann an Gleann Moireasdan, taobh Loch Nis. Ann am Beurla, St. Merchard no St. Irchard. Bha cleachdadh aig ar sinnsearan ‘mo’ a chur air beulaibh ainm naoimh. Dh’atharraich Mo Eircheard gu Meircheard. Bha Gàidheil Ghleann Moireasdan ga fhuaimneachadh mar ‘Meirchead’.

Rugadh is thogadh e faisg air Obar Dheathain ann an sgìre Chinn Chàrdainn . Latha a bha seo, a rèir beul-aithris, bha e fhèin agus dithis eile a’ sgaoileadh an t-soisgeil ann an Srath Ghlais.

Bha bò bhàn ann. Gach latha, bha i na seasamh faisg air craobh, a’ coimhead oirre. Cha robh i ag ithe feur. A dh’aindeoin sin, cha robh an t-acras oirre.

Chladhaich Meircheard anns an ùir aig bonn na craoibhe. Lorg e trì clagan. Bha coltas ùr-nodha orra.

Chùm Meircheard clag dha fhèin. Thug e na dhà eile do a chompanaich. Dh’iarr e orra falbh, gach duine air an rathad aige fhèin. ‘Nuair a sheirmeas an clag leis fhèin treas turas,’ thuirt e, ‘togaibh eaglais an sin.’

Dh’fhalbh a’ chiad duine chun na h-àirde an ear. Sheirm an clag trì tursan. An turas mu dheireadh, bha e ann an Gleann a’ Chonfhadhaich, deas air a’ Mhanachainn. Tha seann eaglais is cladh an sin fhathast.

Dh’fhalbh an dàrna fear chun na h-àirde an iar. Nuair a sheirm an clag aigesan treas turas, bha e anns an Àth Leathann san Eilean Sgitheanach.

Dh’fhalbh Meircheard chun na h-àirde a deas. Bha e air mullach os cionn Ghleann Moireasdan nuair a sheirm an clag aige a’ chiad turas. Chuir muinntir an àite an t-ainm air a’ bheinn ud Suidhe Meircheard. Anns an latha an-diugh, ʼs e dìreach An Suidhe a tha air na mapaichean, no mar a chanas daoine timcheall Loch Nis, ‘An Suidh’.

Ràinig Meircheard Gleann Moireasdan. Stad e aig fuaran. Sheirm an clag dàrna turas. Cha deach e fada, agus sheirm an clag a-rithist. Thog Meircheard eaglais ann. Canaidh daoine Clachan Meircheard ris an àite. Chan eil ann a-nise ach seann chladh.

Mar a chì sinn an-ath-sheachdain, bha an clag ainmeil thar nan linntean. Bho àm gu àm, bhiodh e fhathast a’ seirm leis fhèin.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1102

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile