menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

Teàrlach MacAoidh (Litir Bheag 50)

Charles MacKay

Sgrìobh Teàrlach MacAoidh The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe. Ach cò e – an Teàrlach MacAoidh seo? An robh Gàidhlig aige? An robh e Albannach? An robh e ainmeil? Uill, cha robh Gàidhlig aige. Ach bha e Albannach. Agus bha e rudeigin ainmeil.

Rugadh e ann am Peairt ann an ochd ceud deug is dhà-dheug (1812). Chaochail a mhàthair nuair a bha e òg. Thog athair e.

Fhuair e foghlam ann an Lunnainn agus anns a’ Bhruiseal. Bha athair a’ fuireach anns a’ Bhruiseal an uair sin. Nuair a bha e anns a’ Bhruiseal, dh’ionnsaich e Fraingis, Gearmailtis, Eadailtis is Spàinntis.

Fhuair Teàrlach obair mar neach-naidheachd ann an Lunnainn. An toiseach bha e aig an Sun. An uair sin bha e ag obair airson a’Mhorning Chronicle – pàipear-naidheachd mòr. Aig an àm sin bha Uilleam Thackeray agus Teàrlach Dickens cuideachd ag obair airson a’ Chronicle.

Bha MacAoidh trang. Sgrìobh e leabhraichean is bàrdachd. Mus robh e trithead bliadhna a dh’aois, sgrìobh e:A History of London, The Thames and its Tributaries, Longbeard, Lord of London, agus Memoirs of Extraordinary Popular Delusions, and the Madness of Crowds.

Ann an ochd ceud deug ceathrad ’s a ceithir (1844), fhuair MacAoidh obair ùr ann an Alba. Bha sin mar Dheasaiche a’ phàipeir-naidheachd, Argus Ghlaschu. Agus phòs e ann an Glaschu – tè Rose Henrietta Vale.

Às dèidh trì bliadhna ann an Glaschu, thill e a Lunnainn. Fhuair e obair anns an Illustrated London News. Bha droch bhliadhna aige ann an ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859). Dh’fhàg e an Illustrated London News. Chuir e pàipear-naidheachd ùr air chois – an London Review. Ach cha do shoirbhich leis a’ phàipear sin. Agus chaochail a’ bhean aige. Dà bhliadhna às dèidh sin phòs e Màiri Ealasaid Mills.

Nise, cha tuirt mi facal mun Ghàidhlig. Chan eil dad ri aithris fhathast. Ni mi aithris air sin an ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan is abairtean: Teàrlach MacAoidh: Charles Mackay; bha e rudeigin ainmeil: he was somewhat famous; rugadh e ann am Peairt:he was born in Perth; chaochail a mhàthair nuair a bha e òg: his mother died when he was young; thog athair e: his father raised him; fhuair e foghlam ann an Lunnainn agus anns a’ Bhruiseal: he got an education in London and Brussels; dh’ionnsaich e Fraingis, Gearmailtis, Eadailtis is Spàinntis: he learned French, German, Italian and Spanish; neach-naidheachd: [news] journalist; mus robh e trithead bliadhna a dh’aois: before he was thirty years of age; mar Dheasaiche a’ phàipeir-naidheachd, Argus Ghlaschu:as Editor of the newspaper, the Glasgow Argus; bha droch bhliadhna aige: he had a bad year; cha do shoirbhich leis a’ phàipear sin:that paper did not succeed; chaochail a’ bhean aige: his wife died: cha tuirt mi facal mun Ghàidhlig: I didn’t say [haven’t said] a word about Gaelic; chan eil dad ri aithris fhathast: there is nothing to report yet.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 354

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word