ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

525: Will-o-the-wisp 525: An Teine Mòr

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An Teine Mòr

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha an latha is bliadhna seachad, thàinig an Droch Fhear a dh’iarraidh a’ ghobha. ‘Foighidinn bheag, a dhuine,’ ars an gobha, ‘gus an cuir mi crìoch air an obair agam. Carson nach toir thu taic dhomh. Beir air an òrd mhòr.’

Rug an Droch Fhear air an òrd mhòr. Lean a làmhan ri cas an ùird, lean an t-òrd ris an innean, agus lean an t-innean ris an ùrlar.

‘Tha mi an sàs agad,’ thuirt e.

‘Tha. Mus fhaigh thu às, feumaidh tu a bhith umhail dhomh,’ ars an gobha.

‘Leig às mi. Bheir mi dàil latha is bliadhna dhut, agus am pailteas de dh’òr ’s de dh’airgead,’ ars an Droch Fhear.

‘Leigidh mi às thu,’ dh’aontaich an gobha.

Chuir an gobha agus a theaghlach a’ bhliadhna ud seachad ann an sunnd. Ach an ceann latha is bliadhna, thill an Droch Fhear. Dh’fhan e taobh a-muigh doras na ceàrdaich. Dh’èigh e, ‘Thig a-mach, a ghobha.’

‘Feumaidh mi m’ fheusag a thoirt dhìom,’ thuirt an gobha.

‘Cha dealaich mi riut,’ ars an Droch Fhear.

‘Faodaidh tu suidhe làimh rium anns an t-seòmar,’ ars an gobha.

Lean an Droch Fhear an gobha a-steach. Dh’iarr an gobha air suidhe air cathair. Thug an gobha fheusag dheth. Nuair a bha e deas, thuirt e, ‘ ’S fheàrr dhuinn falbh.’

Ach lean an Droch Fhear ris a’ chathair agus lean a’ chathair ris an ùrlar.

‘Tha mi an sàs agad a-rithist,’ thuirt e.

‘Tha,’ dh’aontaich an gobha. ‘Chan fhaigh thu às mura geall thu dhomh nach tig thu gu ceann latha ’s bliadhna.’ Dh’aontaich an Droch Fhear ris a’ chùmhnant.

Chaidh gnothaichean gu math leis a’ ghobha. Mu dheireadh, thàinig ceann na bliadhna. Thàinig an Droch Fhear. Dh’èigh e tro dhoras na ceàrdaich, ‘Chan eil a-null no a-nall agad an-diugh, a ghobha. Feumaidh tu falbh còmhla rium.’

Dh’aontaich an gobha falbh còmhla ris.

‘Tha iad ag ràdh,’ thuirt an gobha, ‘gun tèid agadsa air thu fhèin a chur ann an riochd sam bith a thogras tu.’ Dè am plòigh a bh’ aige an turas seo? Chì sinn an-ath-sheachdain nuair a chuireas mi crìoch air an stòiridh.

Will-o-the-wisp

English Beurla

When the year and a day were over, the Devil came to get the blacksmith. ‘A bit of patience, man,’ said the blacksmith, ‘until I finish my work. Why don’t you help me. Take hold of the sledgehammer.

The Devil took hold of the sledgehammer. His hands stuck to the handle of the hammer, the hammer stuck to the anvil and the anvil stuck to the floor.

‘You have trapped me,’ he said.

‘Yes. Before you get out, you’ll have to be obedient to me,’ said the blacksmith.

‘Let me go. I’ll give you a delay of a year and a day, and plenty of gold and silver,’ said the Devil.

‘I’ll let you go,’ agreed the blacksmith.

The blacksmith and his family spent that year in a good situation. But at the end of a year and a day, the Devil returned. He stayed outside the smiddy door. He shouted, ‘Come out, blacksmith.’

‘I must shave off my beard,’ said the blacksmith.

‘I won’t leave you,’ said the Devil.

‘You can sit next to me in the [sitting]room,’ said the blacksmith.

The Devil followed the blacksmith inside. The blacksmith asked him to sit on a chair. The blacksmith took off his beard. When he was ready, he said, ‘We’d better be going.’

But the Devil stuck to the chair and the chair stuck to the floor.

‘You have trapped me again,’ he said.

‘Yes,’ agreed the blacksmith. ‘You won’t get away if you don’t promise me that you won’t come until the end of a year and a day.’ The Devil agreed to the bargain.

Matters went well with the blacksmith. Eventually, the end of the year came. The Devil came. He shouted through the smiddy door, ‘You won’t get away today, blacksmith. You must leave with me.’

The blacksmith agreed to leave with him.

‘They say,’ said the blacksmith, ‘that you can disguise yourself as anything you want.’ What was his strategy this time? We’ll see next week when I bring the story to a conclusion.

Show English

An Teine Mòr

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha an latha is bliadhna seachad, thàinig an Droch Fhear a dh’iarraidh a’ ghobha. ‘Foighidinn bheag, a dhuine,’ ars an gobha, ‘gus an cuir mi crìoch air an obair agam. Carson nach toir thu taic dhomh. Beir air an òrd mhòr.’

Rug an Droch Fhear air an òrd mhòr. Lean a làmhan ri cas an ùird, lean an t-òrd ris an innean, agus lean an t-innean ris an ùrlar.

‘Tha mi an sàs agad,’ thuirt e.

‘Tha. Mus fhaigh thu às, feumaidh tu a bhith umhail dhomh,’ ars an gobha.

‘Leig às mi. Bheir mi dàil latha is bliadhna dhut, agus am pailteas de dh’òr ’s de dh’airgead,’ ars an Droch Fhear.

‘Leigidh mi às thu,’ dh’aontaich an gobha.

Chuir an gobha agus a theaghlach a’ bhliadhna ud seachad ann an sunnd. Ach an ceann latha is bliadhna, thill an Droch Fhear. Dh’fhan e taobh a-muigh doras na ceàrdaich. Dh’èigh e, ‘Thig a-mach, a ghobha.’

‘Feumaidh mi m’ fheusag a thoirt dhìom,’ thuirt an gobha.

‘Cha dealaich mi riut,’ ars an Droch Fhear.

‘Faodaidh tu suidhe làimh rium anns an t-seòmar,’ ars an gobha.

Lean an Droch Fhear an gobha a-steach. Dh’iarr an gobha air suidhe air cathair. Thug an gobha fheusag dheth. Nuair a bha e deas, thuirt e, ‘ ’S fheàrr dhuinn falbh.’

Ach lean an Droch Fhear ris a’ chathair agus lean a’ chathair ris an ùrlar.

‘Tha mi an sàs agad a-rithist,’ thuirt e.

‘Tha,’ dh’aontaich an gobha. ‘Chan fhaigh thu às mura geall thu dhomh nach tig thu gu ceann latha ’s bliadhna.’ Dh’aontaich an Droch Fhear ris a’ chùmhnant.

Chaidh gnothaichean gu math leis a’ ghobha. Mu dheireadh, thàinig ceann na bliadhna. Thàinig an Droch Fhear. Dh’èigh e tro dhoras na ceàrdaich, ‘Chan eil a-null no a-nall agad an-diugh, a ghobha. Feumaidh tu falbh còmhla rium.’

Dh’aontaich an gobha falbh còmhla ris.

‘Tha iad ag ràdh,’ thuirt an gobha, ‘gun tèid agadsa air thu fhèin a chur ann an riochd sam bith a thogras tu.’ Dè am plòigh a bh’ aige an turas seo? Chì sinn an-ath-sheachdain nuair a chuireas mi crìoch air an stòiridh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 829

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile