ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

475: A trip to Novia Scotia - Part 2 475: Turas a dh’Alba Nuaidh - Pàirt 2

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Turas a dh’Alba Nuaidh - Pàirt 2

Gaelic Gàidhlig

Còrr is còig bliadhn’ deug air ais, anns an dàrna Litir a sgrìobh mi, bha mi a-mach air a’ Ghàidhlig air spider. Bha mi ag innse dhuibh gur e poca-salainn a chanadh mo sheanmhair, seach damhan-allaidh. Ach chuala mi ainm eile ann an Alba Nuaidh o chionn ghoirid. Poca-puinnsein. Chuala mi grunn tursan e – poca-puinnsein.

Bha mi ann an Alba Nuaidh airson bruidhinn ri daoine mu na ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig agus an àrainneachd. Bhruidhinn mi ri daoine mu ainmean eun is ainmhidhean ann an Alba agus mun bheul-aithris co-cheangailte riutha. Anns gach àite thug mi daoine air chuairt. Bha sinn a’ coimhead air lusan dùthchasach. Agus dh’fheuch mi ri ainmean Gàidhlig na h-Alba Nuaidhe a thogail.

Ach cha do thog mi gu leòr. Air a’ mhadainn mu dheireadh agam nochd mi air telebhisean – beò aig àm bracaist. ’S ann ann am Beurla a bha an t-agallamh. Chaidh a’ cheist a chur orm, ‘What’s the Gaelic for the blue jay?’ Uill, cha robh fios agam!

Nise, tha eun car coltach ann an Alba. ’S e sin an jay, no sgreuchag-choille. Ach chan eil am blue jay Canèidianach againn. Agus thuirt mi nach robh fios agam. Bhon uair sin fhuair mi a-mach gur e an t-eun gorm ainm Gàidhlig ann an Alba Nuaidh. Canaidh feadhainn an t-eun liath.

Nuair a bha mi air Eilean Cheap Bhreatainn, chunnaic mi eun car mòr le brù ruadh. ’S e robin a chanas daoine ris. Ach tha e mòran nas motha na ’m brù-dearg againne. Gu dearbh, tha e nas coltaiche ris an smeòrach againn. Agus ’s e sin a tha aig na Gàidheil air – smeòrach. Tha an t-ainm a’ dèanamh ciall. Tha an t-eun dlùth-chàirdeach don smeòrach againn fhèin.

Agus seo ainm eile a chòrd rium thall – màgan. Tha e a’ ciallachadh frog no ma dh’fhaodte toad aig feadhainn. Bidh an dà chreutair a’ dol an lùib a chèile mar a bhitheas an seo. Chan eil ‘màgan’ cumanta ann an Alba. Ach chunnaic mi ainm brèagha air sanas-baile – Ainslie Glen ann am Beurla, agus Gleann nam Màgan ann an Gàidhlig. Àite fuaimneach, is cinnteach!

A trip to Novia Scotia - Part 2

English Beurla

More than fifteen years ago, in the second Litir I wrote, I was on about the Gaelic for spider. I was telling you that my grandmother would say poca-salainn, rather than damhan-allaidh. But I heard another name in Nova Scotia recently. Poca-puinnsein. I heard it several times – poca-puinnsein.

I was in Nova Scotia to speak to people about the links between the Gaelic language and the environment. I spoke to people about names of birds and animals in Scotland and about the oral traditions connected to them. In every place I led an excursion. We were looking at native plants. And I tried to pick up Nova Scotian Gaelic names.

But I didn’t pick up enough. On my final morning, I appeared on television – live at breakfast time. The interview was in English. The question was posed to me, ‘What’s the Gaelic for the blue jay?’ Well, I didn’t know!

Now, there is a similar bird in Scotland. That’s the jay, or sgreuchag-choille. But we don’t have the Canadian blue jay. And I said I didn’t know. From that time I found out that the Gaelic name in Nova Scotia is an t-eun gorm. Some say an t-eun liath.

When I was on Cape Breton Island, I saw a rather large bird with a reddish breast. People call it a robin. But it’s much bigger than our robin. Indeed, it’s more like our thrush. And that’s what the Gaels call it – a smeòrach (thrush). The name makes sense. The bird is closely related to our own thrush.

And here’s another name I liked over there – màgan. It means a frog or perhaps a toad to some. The two creatures get mixed up there, as they do here. ‘Màgan’ isn’t common in Scotland. But I saw a beautiful name on a town’s name sign – Ainslie Glen in English and Gleann nam Màgain (the glen of the frogs) in Gaelic. A noisy place, no doubt!

Show English

Turas a dh’Alba Nuaidh - Pàirt 2

Gaelic Gàidhlig

Còrr is còig bliadhn’ deug air ais, anns an dàrna Litir a sgrìobh mi, bha mi a-mach air a’ Ghàidhlig air spider. Bha mi ag innse dhuibh gur e poca-salainn a chanadh mo sheanmhair, seach damhan-allaidh. Ach chuala mi ainm eile ann an Alba Nuaidh o chionn ghoirid. Poca-puinnsein. Chuala mi grunn tursan e – poca-puinnsein.

Bha mi ann an Alba Nuaidh airson bruidhinn ri daoine mu na ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig agus an àrainneachd. Bhruidhinn mi ri daoine mu ainmean eun is ainmhidhean ann an Alba agus mun bheul-aithris co-cheangailte riutha. Anns gach àite thug mi daoine air chuairt. Bha sinn a’ coimhead air lusan dùthchasach. Agus dh’fheuch mi ri ainmean Gàidhlig na h-Alba Nuaidhe a thogail.

Ach cha do thog mi gu leòr. Air a’ mhadainn mu dheireadh agam nochd mi air telebhisean – beò aig àm bracaist. ’S ann ann am Beurla a bha an t-agallamh. Chaidh a’ cheist a chur orm, ‘What’s the Gaelic for the blue jay?’ Uill, cha robh fios agam!

Nise, tha eun car coltach ann an Alba. ’S e sin an jay, no sgreuchag-choille. Ach chan eil am blue jay Canèidianach againn. Agus thuirt mi nach robh fios agam. Bhon uair sin fhuair mi a-mach gur e an t-eun gorm ainm Gàidhlig ann an Alba Nuaidh. Canaidh feadhainn an t-eun liath.

Nuair a bha mi air Eilean Cheap Bhreatainn, chunnaic mi eun car mòr le brù ruadh. ’S e robin a chanas daoine ris. Ach tha e mòran nas motha na ’m brù-dearg againne. Gu dearbh, tha e nas coltaiche ris an smeòrach againn. Agus ’s e sin a tha aig na Gàidheil air – smeòrach. Tha an t-ainm a’ dèanamh ciall. Tha an t-eun dlùth-chàirdeach don smeòrach againn fhèin.

Agus seo ainm eile a chòrd rium thall – màgan. Tha e a’ ciallachadh frog no ma dh’fhaodte toad aig feadhainn. Bidh an dà chreutair a’ dol an lùib a chèile mar a bhitheas an seo. Chan eil ‘màgan’ cumanta ann an Alba. Ach chunnaic mi ainm brèagha air sanas-baile – Ainslie Glen ann am Beurla, agus Gleann nam Màgan ann an Gàidhlig. Àite fuaimneach, is cinnteach!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 779

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile