ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

149: St Paul 149: Naomh Pòl

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Naomh Pòl

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn a’ tadhal air a’ Bhreatainn Bhig an t-seachdain seo. ’S e sin a’ Ghàidhlig air Brittany. A’ Bhreatainn Bheag. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh stòiridh mu naomh. Bha an naomh beò anns an t-siathamh linn AC. ’S e Pòl Aurélien an t-ainm a bha air an naomh.

Bha Pòl às a’ Chuimrigh. Bha rìgh na dùthcha ag iarraidh air a bhith na easbaig. Ach bha Pòl ag iarraidh beatha shìmplidh. Bha e ag iarraidh fuireach ann am manachainn. Chaidh e gu manachainn anns a’ Bhreatainn Bhig.

Bha seachd cluig aig rìgh na Cuimrigh. Bha iad brèagha. Bha iad air an dèanamh de dh’airgead is copair. Nuair a bha Pòl a’ falbh, dh’iarr e air an rìgh fear de na cluig a thoirt dha. Ach dhiùlt an rìgh.

Rinn Pòl iomadh rud diadhaidh anns a’ Bhreatainn Bhig. Latha a bha seo bha e air eilean. Tha an t-eilean faisg air Roscoff, port mara ann an ceann a tuath na Breatainne Bige. ’S e an t-ainm air an eilean Batz no L’Isle de Batz ann am Fraingis.

Thàinig iasgair thuige. Bha bradan mòr aige. Am broinn a’ bhradain lorg an t-iasgair rudeigin annasach. Lorg e clag air a dhèanamh de dh’airgead is copair! Tha an clag fhathast anns a’ chathair-eaglais ann an Saint Pol-de-Leon faisg air Roscoff. Nuair a chunnaic e an clag, rinn Pòl gàire. B’ e sin fear de na cluig a bha aig rìgh na Cuimrigh!

Nuair a bha e anns an eilean, chuala Pòl mu nathair mhòr. Bha an nathair cunnartach. Air aon latha, mharbh i dà dhamh agus dithis fhear. Bha na lanntan oirre uabhasach cruaidh. Cha robh comas aig claidheamh no sleagh a dhol tro na lanntan.

Chaidh Pòl a dh’ionnsaigh na nathrach. Chuir e an sgarfa aige timcheall amhaich na nathrach. Dh’fhàs an creutair solt. Thug Pòl an nathair gu costa an eilein. Dh’iarr e air an nathair leum don mhuir. Rinn i sin. Bha i air a bàthadh.

Tha daoine ag aithneachadh an àite far an do thachair sin. Ann am Breatannais, ’s e Toul ar Zarpant a chanas iad ris. Tha sin a’ ciallachadh Toll na Nathrach.

Faclan is abairtean: a’ tadhal air a’ Bhreatainn Bhig: visiting Brittany; a’ dol a dh’innse dhuibh stòiridh: going to tell you a story; bha an naomh beò anns an t-siathamh linn AC: the saint was alive in the sixth Century AD; às a’ Chuimrigh: from Wales; bha rìgh na dùthcha ag iarraidh air a bhith na easbaig: the king of the country wanted him to become a bishop; beatha shìmplidh: a simple life; fuireach ann am manachainn: to live in a monastery; seachd cluig: seven bells; air an dèanamh de dh’airgead is copair: made of silver and copper; dh’iarr e air an rìgh fear de na cluig a thoirt dha: he asked the king to give him one of the bells; dhiùlt: refused; iomadh rud diadhaidh:many divine things; port mara ann an ceann a tuath na Breatainne Bige: a sea port in the north of Brittany; thàinig iasgair thuige:a fisherman came to him; am broinn a’ bhradain: inside the salmon; lorg an t-iasgair rudeigin annasach: the fisherman found a strange thing; anns a’ chathair-eaglais: in the cathedral; rinn Pòl gàire: Paul smiled. bha an nathair cunnartach: the serpent was dangerous; mharbh i dà dhamh agus dithis fhear: it [fem] killed two oxen and two men; bha na lanntan oirre uabhasach cruaidh: the scales on her were very hard; cha robh comas aig claidheamh no sleagh a dhol tro:neither sword nor spear could penetrate; a dh’ionnsaigh na nathrach: towards the serpent; an sgarfa aige timcheall amhaich na nathrach:his scarf around the serpent’s neck; dh’fhàs an creutair solt: the creature became amenable; gu costa an eilein: to the coast of the island; leum don mhuir: to jump into the sea; air a bàthadh: drowned; ag aithneachadh an àite far an do thachair sin: know/recognise the place where that happened; Toll na Nathrach: the serpent’s hole.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 453

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile