ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

41: Sandy MacLeod 41: Sanndaidh MacLeòid

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Sanndaidh MacLeòid

Gaelic Gàidhlig

Bha Sanndaidh MacLeòid a’ dol a mharbhadh an tuirc. ’S e Tad-Losgann an t-ainm a bh’ air an torc. Bha an torc mòr is sanntach. Bha a h-uile teaghlach a’ toirt bò don uachdaran. Bha sin airson an torc a bhiathadh. Bha na daoine mì-thoilichte. Bha an t-uachdaran a’ fuireach ann an Caisteal Ceann na Drochaid ann am Bràigh Mhàrr.

Bha Sanndaidh faisg air toll an tuirc. Bha e tràth sa mhadainn. Bha e fhathast dorch. Anns an dorchadas, chunnaic Sanndaidh freiceadan. Bha am freiceadan air bàrr balla a’ chaisteil. Choimhead Sanndaidh a-steach don toll. Cha robh an torc ann. Bha e na chadal. Bha e ann an saobhaidh. Thog an gille an capall-coille marbh. Thilg e an t-eun a-steach don toll.

Thàinig an torc a-mach às an t-saobhaidh. Chaidh e gu far an robh an capall-coille. Bha Sanndaidh deiseil. Loisg e saighead. Chaidh an t-saighead tro chridhe an tuirc. Thuit an torc marbh. Cha do rinn e fuaim sam bith. Chaidh Sanndaidh dhachaigh agus chaidh e air ais a leabaidh.

Anns a’ mhadainn bha na daoine cumanta toilichte. Bha an torc marbh. Ach bha an t-uachdaran feargach. Bha e ag iarraidh am boghadair a lorg. Thug e sùil air an t-saigheid. Bha na h-itean annasach. Chuir e daoine a-mach gu gach taigh. Bha e ag iarraidh orra saighdean a lorg. Saighdean coltach ris an tè a mharbh Tad-Losgann. Thill dithis. Bha Sanndaidh MacLeòid aca. Thilg iad Sanndaidh don toll-dhubh.

An ath mhadainn, chaidh Sanndaidh a thoirt a-mach. Bhruidhinn an t-uachdaran ris. Dh’innis an gille don uachdaran mar a mharbh e an torc. Bha e airson a’ bhò aig a mhàthair a shàbhaladh. Ach cha robh tròcair aig an uachdaran. Bha Sanndaidh gu bhith air a chrochadh an ath mhadainn.

Bha màthair Shanndaidh, a’ Bhanntrach NicLeòid, troimh-a-chèile. Ach dè bha i a’ dol a dhèanamh? Cha robh tròcair aig an uachdaran. ’S e duine cruaidh a bh’ ann.

Chuala i gu robh an rìgh a’ tighinn. Bha e gu bhith ann an Caisteal Ceann na Drochaid an ath-là. Rìgh Calum – Calum a’ Chinn Mhòir. Bha a’ bhanntrach ag iarraidh coinneachadh ris an rìgh air an rathad – mus robh e aig a’ chaisteal. Agus innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhi anns an ath Litir.

Faclan is abairtean: Bha Sanndaidh MacLeòid a’ dol a mharbhadh an tuirc: Sandy MacLeod was going to kill the [wild] boar; sanntach: greedy; airson an torc a bhiathadh: to feed the boar; an t-uachdaran: the landlord; Caisteal Ceann na Drochaid: Kindrochit Castle; Bràigh Mhàrr: Braemar; chunnaic Sanndaidh freiceadan: Sandy saw a sentry; bàrr balla a’ chaisteil: the top of the castle wall; bha e na chadal: it was asleep; saobhaidh: animal den; thog an gille an capall-coille marbh: the lad picked up the dead capercaillie; thilg e an t-eun a-steach don toll: he threw the bird into the pit; chaidh e gu far an robh an capall-coille: he went to where the capercaillie was; loisg e saighead: he fired an arrow; tro chridhe an tuirc: through the boar’s heart; cha do rinn e fuaim sam bith: he made no sound whatsoever; bha e ag iarraidh am boghadair a lorg: he wanted to find the archer; thug e sùil air an t-saigheid: he examined the arrow; bha na h-itean annasach: the feathers [flights] were unusual; saighdean coltach ris an tè a mharbh Tad-Losgann: arrows like the one that killed Tad-Losgann; thilg iad Sanndaidh don toll-dhubh: they threw Sandy into the dungeon; bha e airson a’ bhò aig a mhàthair a shàbhaladh: he wanted to save his mother’s cow; cha robh tròcair aig an uachdaran: the landlord had no mercy; bha Sanndaidh gu bhith air a chrochadh: Sandy was to be hanged; dh’èirich Sanndaidh tràth: Sandy rose early; troimh-a-chèile: grossly upset; dè bha i a’ dol a dhèanamh?: what was she going to do?; ’s e duine cruaidh a bh’ ann: he was a hard man; chuala i gu robh an rìgh a’ tighinn: she heard the king was coming; Calum a’ Chinn Mhòir:Malcolm Canmore; bha a’ bhanntrach ag iarraidh coinneachadh ris: the widow was wanting to meet him; mus robh e aig a’ chaisteal: before he was at the castle; mar a chaidh dhi: how she got on.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 345

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile