ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

262: Conall and Cù Chulainn 262: Conall agus Cù Chulainn

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Conall agus Cù Chulainn

Gaelic Gàidhlig

Bha Conall agus Cù Chulainn càirdeach do chèile. Bha iad nan co-oghaichean. Dh’ionnsaich iad còmhla san aon oilthigh. Bha iad dlùth ri chèile.

Thug Conall mionnan. A’ chiad duine a bheireadh naidheachd bàs Chù Chulainn dha, chailleadh e a bheatha. Thàinig an latha nuair a thuit Cù Chulainn ann am batail. Thuirt e ri a chompanach Laoghaire, “Inns do Chonall sgeul mo bhàis. Ach inns sin dha ann an dubh-fhacal. No bidh thu fhèin ann an cunnart.”

Chaochail Cù Chulainn. Dh’fhalbh Laoghaire airson naidheachd a bhàis innse do Chonall. Ràinig Laoghaire Conall. Thuirt Conall, “Ciamar a tha mo charaid, Cù Chulainn?”

“Tha gu math,” arsa Laoghaire. Bha e ag innse breug. “Rinn e taigh ùr. Tha an taigh ìosal cumhang. Nuair a shìneas e a chasan, ruigidh a cheann uachdar an taighe, ruigidh a chasan ìochdar an taighe, agus ruigidh a shròn mullach an taighe.”

Thuig Conall an teachdaireachd.

“A bheil mo charaid marbh?” thuirt e. “Thuirt thu fhèin sin,” fhreagair Laoghaire. Bha e a-nise sàbhailte.

Dh’fhalbh Conall is Laoghaire. Lorg iad gach teaghlach a bha nàimhdeil do Chù Chulainn. Chaidh Conall a-steach do na dachaighean aca. Thug e a-mach an cinn. Bha eagal air a h-uile teaghlach anns an tìr.

Ràinig iad baile. Bha nighean òg uasal a’ fuireach ann. Bha eagal air na daoine. Ach cha robh eagal air an nighinn. “Na bithibh fo eagal,” ars ise ri càch. “Cuiridh mi Conall gu sìth.” Thug i cuireadh do Chonall is Laoghaire thighinn gu dìnnear.

Nuair a bha an dìnnear seachad, chaidh a h-uile duine a-mach. Chunnaic iad na cinn a bha aig Conall is Laoghaire. Ach thug iad an creidsinn nach robh eagal orra.

“A Laoghaire,” thuirt Conall, “mura h-eil cinn gu leòr agad, bheir sinn do cheann fhèin dheth. Sin no mo cheann fhèin.”

“Cha toir,” fhreagair Laoghaire. “Cha bu toigh leam sin.”

“Cha bu toigh leamsa nas motha,” dh’aontaich Conall.

Agus tha e coltach nach do rinn an dithis cron sam bith eile air na seann nàimhdean aig Cù Chulainn.

Conall and Cù Chulainn

English Beurla

Conall and Cuchullin were related to each other. They were cousins. They learned together in the same university. They were close to each other.

Conall made a pledge. The first person who would tell him the news of Cuchullin’s death, he would lose his life. The day came when Cuchullin fell in battle. He said to his companion Laoghaire, “Tell Conall the story of my death. But tell him that in a riddle. Or you yourself will be in danger.”

Cuchullin died. Laoghaire left to tell the news of his death to Conall. Laoghaire reached Conall. Conall said, “How is my friend, Cuchullin?”

“He’s well,” said Laoghaire. He was telling a lie. “He made a new house. The house is low and narrow. When he stretches out his feet, his head reaches the upper end of the house, his feet reach the lower end of the house, and his nose reaches the roof of the house.”

Conall understood the message. “Is my friend dead?” he said.

“You said that yourself,” replied Laoghaire. He was now safe.

Conall and They found every family that were enemies of Cuchullin. Conall went into their homes. He brought out their heads. Every family in the land was afraid.

They reached a village. A noble young woman was living there. The people were afraid. But the young woman wasn’t afraid. “Don’t be afraid,” she said to the others. “I will make Conall peaceful.” She invited Conall and Laoghaire to dinner.

When the dinner was over, everybody went out. They saw the heads that Conall and Laoghaire had. But they pretended that they were not afraid.

“Laoghaire,” you do not have enough heads, we’ll take your own head off. That or my own head.”

“No,” replied Laoghaire. wouldn’t like that.”

“I wouldn’t like [it] either,” agreed Conall.

And it appears that the pair did no more harm to the old enemies of Cuchullin.

Show English

Conall agus Cù Chulainn

Gaelic Gàidhlig

Bha Conall agus Cù Chulainn càirdeach do chèile. Bha iad nan co-oghaichean. Dh’ionnsaich iad còmhla san aon oilthigh. Bha iad dlùth ri chèile.

Thug Conall mionnan. A’ chiad duine a bheireadh naidheachd bàs Chù Chulainn dha, chailleadh e a bheatha. Thàinig an latha nuair a thuit Cù Chulainn ann am batail. Thuirt e ri a chompanach Laoghaire, “Inns do Chonall sgeul mo bhàis. Ach inns sin dha ann an dubh-fhacal. No bidh thu fhèin ann an cunnart.”

Chaochail Cù Chulainn. Dh’fhalbh Laoghaire airson naidheachd a bhàis innse do Chonall. Ràinig Laoghaire Conall. Thuirt Conall, “Ciamar a tha mo charaid, Cù Chulainn?”

“Tha gu math,” arsa Laoghaire. Bha e ag innse breug. “Rinn e taigh ùr. Tha an taigh ìosal cumhang. Nuair a shìneas e a chasan, ruigidh a cheann uachdar an taighe, ruigidh a chasan ìochdar an taighe, agus ruigidh a shròn mullach an taighe.”

Thuig Conall an teachdaireachd.

“A bheil mo charaid marbh?” thuirt e. “Thuirt thu fhèin sin,” fhreagair Laoghaire. Bha e a-nise sàbhailte.

Dh’fhalbh Conall is Laoghaire. Lorg iad gach teaghlach a bha nàimhdeil do Chù Chulainn. Chaidh Conall a-steach do na dachaighean aca. Thug e a-mach an cinn. Bha eagal air a h-uile teaghlach anns an tìr.

Ràinig iad baile. Bha nighean òg uasal a’ fuireach ann. Bha eagal air na daoine. Ach cha robh eagal air an nighinn. “Na bithibh fo eagal,” ars ise ri càch. “Cuiridh mi Conall gu sìth.” Thug i cuireadh do Chonall is Laoghaire thighinn gu dìnnear.

Nuair a bha an dìnnear seachad, chaidh a h-uile duine a-mach. Chunnaic iad na cinn a bha aig Conall is Laoghaire. Ach thug iad an creidsinn nach robh eagal orra.

“A Laoghaire,” thuirt Conall, “mura h-eil cinn gu leòr agad, bheir sinn do cheann fhèin dheth. Sin no mo cheann fhèin.”

“Cha toir,” fhreagair Laoghaire. “Cha bu toigh leam sin.”

“Cha bu toigh leamsa nas motha,” dh’aontaich Conall.

Agus tha e coltach nach do rinn an dithis cron sam bith eile air na seann nàimhdean aig Cù Chulainn.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 566

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile