ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

412: Iain Garbh 412: Iain Garbh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Iain Garbh

Gaelic Gàidhlig

Seo agaibh stòiridh – MacLeòid Dhùn Bheagain agus Iain Garbh Ratharsair.

Bha Iain Garbh a’ fuireach ann an Ratharsair. Bha e air leth làidir. Cha robh e a’ pàigheadh màl do MhacLeòid Dhùn Bheagain. Ach bu chòir dha. Bha an t-eagal air MacLeòid a dhol a dh’iarraidh an airgid.

Latha a bha seo, thàinig burraidh a Chaisteal Dhùn Bheagain. Bha e a’ dol a chur cìs air MacLeòid. Bha sin mura faigheadh MacLeòid cuideigin a dhèanadh a’ chùis air ann an sabaid.

‘Uill,’ arsa MacLeòid. ‘Tha duine agam a nì a’ chùis ort, ach chan eil e aig baile.’

‘Cuin a thilleas e?’ dh’fhaighnich am burraidh.

‘An ceann trì latha,’ fhreagair MacLeòid.

‘Fanaidh mi an seo, ma-thà,’ thuirt am burraidh. Agus dh’fhan e sa chaisteal.

Chuir MacLeòid gille le litir a Ratharsair. Bha e ag iarraidh air Iain Garbh a dhol a Dhùn Bheagan. Bha rudeigin ann a bha cudromach. Cha robh beachd aig Iain gu dè a bha ann.

Dh’fhalbh Iain a Dhùn Bheagain. Ràinig e an caisteal. Bha MacLeòid a’ feitheamh ris. Chuir e fàilte air. ‘Thig a-steach,’ thuirt e.

‘Carson a chuir sibh fios thugam?’ thuirt Iain.

‘Gheibh thu sin a-mach fhathast,’ fhreagair MacLeòid.

Bha Iain amharasach. Dhiùlt e a dhol a-steach don chaisteal.

‘Thig a-steach agus innsidh mi dhut mun ghnothach,’ thuirt MacLeòid.

‘Mura faigh mi fios a-muigh,’ fhreagair Iain Garbh, ‘tillidh mi dhachaigh.’ Thionndaidh Iain air a shàil. Thill MacLeòid a-steach don chaisteal. Bha am burraidh a’ feitheamh ris.

‘An tàinig e?’ thuirt am burraidh.

‘Cha tàinig,’ fhreagair an ceann-cinnidh, ‘ach tha bleigeard a-muigh sin air an rathad. Ma bheir thu deidhseag dha air a thòin, bheir mi duais dhut.’

‘O, bheir mi deidhseag mhath dha,’ fhreagair am burraidh.

Chaidh am burraidh sìos an rathad. Ràinig e Iain Garbh. Thog e fèilleadh Iain agus thug e deidhseag mhath dha air a thòin.

Thionndaidh Iain Garbh le fearg. Dh’fhàisg e am fear eile le ghàirdeanan. Bhris e a h-uile cnàimh na bhodhaig. Thuit am burraidh marbh.

’S ann nuair a fhuair Iain dhachaigh a thuig e gun robh MacLeòid Dhùn Bheagain air brath a ghabhail air. Agus sin mo stòiridh dhuibh.

Iain Garbh

English Beurla

Here is a story for you – MacLeod of Dunvegan and Iain Garbh of Raasay.

Iain Garbh was living in Raasay. He was extremely strong. He wasn’t paying rent to MacLeod of Dunvegan. But he should [have been]. MacLeod was afraid to go and ask for the money.

One day, a bully came to Dunvegan Castle. He was going to levy a cess on MacLeod. That was unless MacLeod could find somebody who could defeat him in a fight.

‘Well,’ said MacLeod. ‘I have a man who’ll defeat you, but he’s not at home.’

‘When will he return?’ asked the bully.

‘In three days’ time,’ replied MacLeod.

‘I’ll stay here, then,’ said the bully. And he stayed in the castle.

MacLeod sent a servant with a letter to Raasay. He was wanting Iain Garbh to go to Dunvegan. There was something that was important. Iain didn’t know what it was.

Iain left for Dunvegan. He reached the castle. MacLeod was waiting for him. He welcomed him. ‘Come in,’ he said.

‘Why did you send for me?’ said Iain.

‘You’ll find that out presently,’ replied MacLeod.

Iain was suspicious. He refused to enter the castle.

‘Come in and I’ll tell you about the matter,’ said MacLeod.

‘If I don’t find out outside,’ replied Iain Garbh, ‘I’ll return home.’ Iain turned on his heel. MacLeod returned inside the castle. The bully was waiting for him.

‘Did he come?’ said the bully.

‘No,’ replied the clan chief, ‘but there is a scoundrel out there on the road. If you give him a slap on the backside, I’ll give you a prize.’

‘Oh, I’ll give him a good slap,’ replied the bully.

The bully went down the road. He reached Iain Garbh. He lifted Iain’s kilt and gave him a good slap on the backside.

Iain Garbh turned in [with] anger. He squeezed the other man with his arms. He broke every bone in his body. The bully fell dead.

It’s when Iain got home that he understood that MacLeod of Dunvegan had deceived him. And that’s my story for you.

Show English

Iain Garbh

Gaelic Gàidhlig

Seo agaibh stòiridh – MacLeòid Dhùn Bheagain agus Iain Garbh Ratharsair.

Bha Iain Garbh a’ fuireach ann an Ratharsair. Bha e air leth làidir. Cha robh e a’ pàigheadh màl do MhacLeòid Dhùn Bheagain. Ach bu chòir dha. Bha an t-eagal air MacLeòid a dhol a dh’iarraidh an airgid.

Latha a bha seo, thàinig burraidh a Chaisteal Dhùn Bheagain. Bha e a’ dol a chur cìs air MacLeòid. Bha sin mura faigheadh MacLeòid cuideigin a dhèanadh a’ chùis air ann an sabaid.

‘Uill,’ arsa MacLeòid. ‘Tha duine agam a nì a’ chùis ort, ach chan eil e aig baile.’

‘Cuin a thilleas e?’ dh’fhaighnich am burraidh.

‘An ceann trì latha,’ fhreagair MacLeòid.

‘Fanaidh mi an seo, ma-thà,’ thuirt am burraidh. Agus dh’fhan e sa chaisteal.

Chuir MacLeòid gille le litir a Ratharsair. Bha e ag iarraidh air Iain Garbh a dhol a Dhùn Bheagan. Bha rudeigin ann a bha cudromach. Cha robh beachd aig Iain gu dè a bha ann.

Dh’fhalbh Iain a Dhùn Bheagain. Ràinig e an caisteal. Bha MacLeòid a’ feitheamh ris. Chuir e fàilte air. ‘Thig a-steach,’ thuirt e.

‘Carson a chuir sibh fios thugam?’ thuirt Iain.

‘Gheibh thu sin a-mach fhathast,’ fhreagair MacLeòid.

Bha Iain amharasach. Dhiùlt e a dhol a-steach don chaisteal.

‘Thig a-steach agus innsidh mi dhut mun ghnothach,’ thuirt MacLeòid.

‘Mura faigh mi fios a-muigh,’ fhreagair Iain Garbh, ‘tillidh mi dhachaigh.’ Thionndaidh Iain air a shàil. Thill MacLeòid a-steach don chaisteal. Bha am burraidh a’ feitheamh ris.

‘An tàinig e?’ thuirt am burraidh.

‘Cha tàinig,’ fhreagair an ceann-cinnidh, ‘ach tha bleigeard a-muigh sin air an rathad. Ma bheir thu deidhseag dha air a thòin, bheir mi duais dhut.’

‘O, bheir mi deidhseag mhath dha,’ fhreagair am burraidh.

Chaidh am burraidh sìos an rathad. Ràinig e Iain Garbh. Thog e fèilleadh Iain agus thug e deidhseag mhath dha air a thòin.

Thionndaidh Iain Garbh le fearg. Dh’fhàisg e am fear eile le ghàirdeanan. Bhris e a h-uile cnàimh na bhodhaig. Thuit am burraidh marbh.

’S ann nuair a fhuair Iain dhachaigh a thuig e gun robh MacLeòid Dhùn Bheagain air brath a ghabhail air. Agus sin mo stòiridh dhuibh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 716

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile